Pailteas luchd-turais - ach a bheil iad a' cosg airgid?

A dh'aindeoin droch shìde, smùid a' bholcàno agus staing an econamaidh, tha coltas ann gu bheil an seusan turasachd sna h-Eileanan air a bhith math, ged a tha feadhainn ag ràdh nach eil an luchd-turais a' cosg uiread ri bliadhnaichean eile.

Thuirt Iain Herbert aig Fram Turasachd na h-Alba: "Bha deagh thoiseach tiseachaidh againn am-bliadhna ann an Alba air fad, ach a thaobh an Iuchair 's an Lnastail chuala sinn gu bheil cuid a thaighean 'fin-frithealaidh' air a bhith falamh.

"Tha taighean-sta air a bhith a' danamh math san sgre HIE, ach tha daoine air a bhith anmoch a' gleidheadh ite. Chuala sinn bho ChalMac gu bheil iad trang."

Hide Ad

Mu Ledhas thuirt Alasdair Lockett aig oifis turasachd Sternabhaigh: "Bha mi bruidhinn ri grunn B&Bs. Tha iad ag rdh gu bheil seusan math air a bhith aca. Tha sin gu snraichte for mun fheadhainn faisg air na bailtean 's na goireasan. Tha feadhainn a tha muigh air an dthaich air a bhith smhach. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cuid a dhaoine a' tighinn dha na h-eileanan gun chr, 's mar sin tha iad ag iarraidh a bhith faisg air na goireasan a gheibh thu ann am baile mar Sternabhagh. A thaobh na tha daoine a' cosg, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin air a bhith ceart gu ler an coimeas ri bliadhnaichean eile."

Ach chan eil a h-uile duine den bheachd sin. Thuirt stiiriche "ros" anns an Eilean Sgitheanach, Dmhnall Dmhnallach: "Bha toiseach an t-seusain bhon Chisg a cheart cho trang 's a bha e an-uiridh, ach chan eil gnothaichean air a bhith cho math 's a bha iad an-uiridh bhon treas seachdain san Iuchar am-bliadhna 's bhon m a thisich na sgoiltean Sasannach a' dol air saor-lithean. Chunnaic sinne diofar mr a thaobh d tha daoine a' cosg. A thaobh ireamhan tha sinn fhathast gu math trang, ach tha daoine nas faiceallaiche mu na tha iad a' cosg. Tha sinn a' faicinn nach eil iad a' cosg an uiread air na cairtean-creideis aca."

Tha an aon rud for ann an Uibhist a-Deas, a rir Catrona Martindale aig oifis turasachd Loch Baghasdail: "Tha sinn air a bhith taghta am-bliadhna, tha lithean ann a tha uabhasach trang 's lithean eile beagan socair. Bha an-uiridh for mhath a chionn 's gun do thisich RET. Chan eil e air a bhith nas fherr am-bliadhna, ach tha bliadhna thaghta air a bhith againn, ged nach eil daoine a' cosg an uiread. Bha iad ag rdh gum biodh sinn taghta le Monty Hall 's am prgram aige, ach chan eil sinn a' faicinn gun do rinn e mran diofair fhathast. Dcha an athbhliadhn'."

Thall sna Hearadh thuirt Chris Lawson aig Seallam: "Tha sinne air a bhith garbh trang, 's dcha nach ann buileach cho trang 's a bha sinn an-uiridh, ach b'e bliadhna shnraichte a bh' ann an-uiridh, leis na faraidhean saora a' tighinn a-steach air son nan aiseagan.Is dcha nach robh sinn buileach cho trang san Iuchar, chan eil fhios a'm d bu choireach, Cupa na Cruinne, neo Wimbledon? Ach tha an t-ite trang, tha trr charabhans agus motor-homes mun cuairt, a-rithist chan eil an uiread 's a chunnaic sinn an-uiridh, ach tha fhathast trr ann. Tha campa shuas aig Torgabost 's tha creach theantaichean ann, 's a h-uile sers' uidheim air an smaoinicheadh tu air son campachadh - carabhans, motor-homes agus eile. Tha e ln."

D tha daoine a' cosg? "Bha na h-ireamhan againne san Iuchar sos, ach bha daoine a' cosg barrachd. Tha na motor-homes a' toirt airgead a-steach, oir bidh feadhainn dhiubh fuireach anns na h-Eileanan air son seachdainean agus feumaidh iad peatrol agus biadh a cheannach ma tha iad gu bhith an seo cho fada sin."

Related topics: