o chionn 80 bliadhna: bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-Sathairne 26 Samhain 1932

CHÌ sinn thall ’sa bhos comharraidhean air mar a tha Ghàidhlig a’ dol am feabhas a thaobh a labhairt agus a sgrìobhaidh. Tha daoine dol na’s measal oirre agus a’ gabhail barrachd cùraim a thaobh a gnàthachaidh.

Thàinig trì leabhraichean ùra ’gam ionnsuidh o cheann bheagan sheachduinean, agus ar leam gu’m bheil iad airidh air beachd a thaobh a’ ghrinnis leis am bheil iad air an cur air dòigh. Tha an litreachadh gun chearb, agus a thaobh cuid gramair dheth, bhiodh e dàna do neach ’sam bith coire fhaighinn dhaibh. Tha dhà dhiubh le maighstir-sgoile agus aon le ministear, agus cha d’fhàg iad clach gun tionndadh a chum an cuid oibre a dheanadh inich agus maiseach. Mar sin móran de sgrìobhaichean eile anns an linn so a th’againn – tha iad a feuchainn ri sgèimh na h-eagnaidheachd a chur air gach nì a thig ás an làmhan. Tha a’ Ghàidhlig a’ faighinn cliu nach d’fhuair i riamh roimhe, agus sin a chionn gu’m bheil a luchd-muinntir féin a’ gabhail rithe mar nì a tha luachmhor agus feumail.

Chan eil i na’s faide ’na h-eubarlaig gun mheas, gun mhodh. Tha a cuid leabhraichean, gu tric, cho saor o mhearachdan ris an fheadhainn Bheurla, agus, a thaobh cuid bruidhne, chan eil neach nach labhair i gu toileach.

Hide Ad

Bha eadar-theangachadh an cois na Gàidhlig, agus seo am beagan fhaclan a tha car ás an rathad dhuinne: beachd “notice”, inich “tidy”, sgèimh na h-eagnaidheachd “the beauty of accuracy”, eubarlaig gun mheas, gun mhodh “a tatterdemalion without esteem or respect”.