Mauritius: aisling dhùsgach

Mauritius. Se fear de na faclan sin a th’ ann. Coltach ri Maldives no Seychelles no Bermuda, nuair a chluinneas sinn am facal, thèid ar gluasad gu aislingean dùsgach.
Nochd Mauritius gu h-obann tro bheàrn anns na sgòthan . . .Nochd Mauritius gu h-obann tro bheàrn anns na sgòthan . . .
Nochd Mauritius gu h-obann tro bheàrn anns na sgòthan . . .

Se rud ìoranta a th’ ann ma-thà gun robh mi fhìn a’ feuchainn ri aisling air an itealan nuair a fhuair mi a’ chiad shealladh den eilean aislingeach seo.

Agus abair sealladh. Nuair a bha an t-itealan a’ dèanamh air an talamh a-rithist, nochd Maur­itius gu h-obann tro bheàrn anns na sgòthan clòimheach geala. Chun­n­­aic mi a’ mhuir thuirceas a’ dol ’na tonnan geala air an riof a tha a’ cuartachadh an eilein trop­aigich seo air fad. Chan fhaca mi eilean cho miath riamh, le coillt­ean agus coilltean-uisge cho gorm ’s a ghabhas gu math foll­ais­each bhon adhar. Cuideachd bhon adhar mhothaich mi cho beag ’s a tha an t-eilean – nas lugha na Muile, a rèir nam figearan. Agus leis gu bheil e anns a’ Chuan Innsean­ach mu 1,200 mìle far costa an-ear Afraga, se seo iom­allachd dhut!

Hide Ad

Ged nach e dùthaich mhòr a th’ innte, anns an fharsaingeachd dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil sgaradh ann eadar taobh deas agus taobh tuath an eilein. Tha an taobh tuath nas leasaichte, ach cha chanainn gur e leasachadh ro mhòr, ro ghrànda a th’ ann. Fiùs anns a’ bhaile thuathach as motha far a bheil a’ chuid as motha de na clubaichean- oidhche ’s na taighean-òsta, baile beag Grand Baie, tha faireachd­ainn “ionadail” ann.

Sann nas coltaiche ris an aisling dhùsgaich ud a tha an costa a-deas ’nam bheachd-sa. Seo far am faca mi tràighean geala glana le craobhan-pailm ri’n taobh, agus a’ ghrian shlàn ’na cruinne mòr meir­geach a’ sleamhnachadh gu slaodach dhan mhuir, uile orains agus ruadh.

Sann an seo a dh’fhuirich mi air Domaine de Bel Ombre san taigh-òsta mhìorbhaileach Heritage Le Telfair. Chaidh a thogail ’s a sgeadachadh anns an t-seann stoidhle cholonialach, agus abair gu bheil e brèagha. Chan e iongnadh a th’ ann gun tig daoine bho gach ceàrnaidh a chumail tachartasan sònraichte an seo, leithid bainnsean, mìosan nam pòg agus cinn-bhliadhna.

Air falbh bho na costaichean, tha àrainneachd nàdarra air leth ri fhaicinn. Ghabhainn turas rath­aid suas dhan Phàirce Nàis­eanta Black River Gorges, neo dhan tèarmann nàdair Frédérica a ghabhail seallaidhean air glinn ghorma agus easan ceòthach. Is iongantach smaoineachadh gum b’ àbhaist don chreutair as ainmeile a bhuineadh dhan eilean, an dodo duilich nach maireann, fuireach ann an àitean mar seo.

A rèir beul-aithris an eilein, chaidh an dodo bochd a-mach á bith tràth san 18mh linn mar bhiadh do sheòladairean acrach Duitseach. Gu deimhinne chan eil cion bìdh ’na thrioblaid do luchd-tadhail an latha an-diugh. Tha pailteas de bhiadh math ri fhaighinn, le blasan ioma-cultar­ach air am measgachadh ri chèile thar nan linntean. ’S mar bhiodh dùil, tha biadh na mara gu h-àr­aidh math ann am Mauritius.

Gus deagh bhlasad den fharsaingeachd de bhlasan an eilein fhaighinn aig prìsean reusanta, rachainn gu talla-bìdh mharg­aidhean prìomh-bhaile na dùthcha, Port Louis. Chòrd an spring roll Sìonach “hakien” rium an sin. Sann an seo cuideachd a lorg mi ruma dorcha ionadail a bha sgoinneil. Tha e cho math, mur eil e nas fheàrr, ris an ruma nas cliùitiche ’s nas cosgaile a thig bhon Charibbean. Cheannaich mi botal dheth sna margaidh­ean ’s bha e blasaichte le vanilla ’s le anann, neo pineapple. A shaogh­ail! Chan e dìreach faclan a bheir dhut aislingean ’nad dhùisg.

Related topics: