Mas caomh leat 'Eastenders', c"rdaidh seo riut

BHA caraid agam an Glaschu 's mi fàs suas. Coinneach MacCoinnich a bh' air. A' chiad trup a chaidh e Lunnainn bha e 'na sheasamh ann an stéisean Euston an uair a thuirt Ameireaganach: "Say, how do I get to ——?"

An ite "Sorry, I haven't a clue," mar chanainn-sa, fhreagair Coinneach, "Take the second on the left, third on the right, etc. etc." Chanadh e le ghdarras a' chiad sgudal a thigeadh 'na cheann.

"Show me," ars an t-Ameireaganach. "I'll give you five pounds."

Hide Ad

Leum iad a-staigh do thagsaidh cmhla, lorg iad an t-ite (aig sealbh tha fhios ciamar), 's thug Coinneach seachdain a' fuireach ann an taigh sta spaideil 's a' sealltainn nan seallaidhean dhan duine.

Tha an nobhail as ire aig Catrona Lexy Chaimbeul, Cleasan a' Bhaile Mhir (Sandstone, 7.99), a' tiseachadh gl choltach ri seo, ach gu bheil Coinneach air a dhol 'na bhoireannach g, Seasag, a tha a' frithealadh ann an taigh-bidhe. Chan eil Ameireaganaich sam bith ann nas motha, dreach cockneys, 's tha Seasag cho math air daoine a chuideachadh 's gu bheil i a' tabhann nan seirbheisean aice sa phipear. Deagh idea (son leabhar).

Is toil leam far a bheil an stiridh a' dol a-staigh do shaoghal nam bochd, le drma rd agus fealla-dh seal. Tha bean iomagaineach ag innse do Sheasaig mun duin' aice, Barry, a bhiodh a' falbh dhan Fhraing le charaidean a h-uile bliadhna. "Bhiodh iad a' coimhead ball-coise, ag ithe chips agus ag l pinntean leann gus an tuiteadh iad. An aon rud a bha iad a' danamh aig an taigh, ach ann an ite teth."

Am-bliadhna chan eil e 'g iarraidh dol ann. D, tha gaol a chridhe son faighinn a-mach, a tha cerr air?

Chan eil ach aon rud cerr air an sgeul dibhearsanach seo. Uill, is dcha a dh. Nuair a gheibh ar laochag comisean on cheannard aice san taigh-bidhe, Meryl, tha sinn an dil ri caibideal ln sprs mu na thachras, ach chan fhaigh sinn ach seachd facail mus tid an t-ghdar air adhart gu rud eile: "Chaidh cisean gu math aig prtaidh Meryl." Cum do shil air a' bhall, a Chatrona Lexy.

Agus an rud eile? Ged nach eil Cleasan a' Bhaile Mhir iomchaidh do luchd ionnsachaidh, tha e sgeadaichte le liostaichean briathrachais. Chleachd mi iad son aon fhacal iongantach, "teathade". Cha robh e ann, ach dh'obraich mi mach e. "Tde."