Iongnadh mór aig deireadh seanchais

AN leabhar “Ùr-Sgeul” as ùire se cruinneachadh de 13 sgeulachd­an-goirid le diofar ùghdaran, Saor­sa (Clàr, £8.99), deasaichte le Joan NicDhòmhnaill agus John Storey. Tha e fìor gun teagamh gur e “strì gu saorsa” an cuspair a tha gan ceangal. Chan e sin an rud bu mhotha a bhuail ormsa, ge-tà, ach gun robh cuid aca fìor mhath, cuid aca math, ’s cuid aca meadhanach, mar anns na seann làithean nuair thigeadh àireamh de Ghairm neo de Ghath a-mach.

A bheil seo ag innse dhuinn gun do chaill muinntir “Ùr-Sgeul” dòchas gun lean Gath? Gun do chuir iad Saorsa ri chéile mar dhòigh eile air sgrìobhaidh­ean agus sgrìobhadairean ùra a thoirt gu solas an latha?

Tha sgeulachdan ann a bhuineas ri amannan a bhà, a thà, agus (is dòcha) a bhitheas. Tha aon té dlùth do bhith ’na leasan each­draidh. Tha t’éile seat­aichte ann an leanabas agus tha t’éile mu dheidhinn cuimhne ’s cuimhn­eachain. Tha a dhà ann le Gearm­ailtich a dh’ionnsaich Gàidh­lig, aon dhiubh mu Bhalla Berlin agus t’éile, ‘An Drochaid’, mu fhear a tha dol a chur a’ ghunna ri burraidh de cheannard-stàite.

Hide Ad

Tha tòrr de na sgeulachdan mu cheistean sòisealta an latha an-diugh: slàinte bhoireannach, strì “clas”, dìolan-déirce, truagh­ain a theich ás an dùthaich aca.
’S tha feadhainn eile a’ seasamh a-mach dìreach a chionns gu bheil iad eadar-dhealaichte. Tha Tim Armstrong a’ feuchainn
a làmh air ficsean saidheans.
Tha an sgeul aig Meg Bateman comharr­aichte le bòidhchead an sgrìobh­aidh. Ach se Pàdraig Mac­Aoidh as fhaisge a thig air dìleab shup­ailte Iain Mhic a’ Ghobh­ainn, le sgeul saiceòlach air duine a théid ’na dhuine eile.

Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh. ’Na mo bheachd fhìn, chan e miann saorsa idir am prìomh rud a th’ aig na h-ùghdaran òga seo ann an cumantas ach tuigse air cho cudromach ’s a tha iongnadh mór aig deir­eadh seanchais. Buidhe dhaibh!

Gu mì-fhortanach, chan eil an deasachadh daonnan cho math ’s a dh’fhaodadh e bhith.

Chan eil fhios a’m dé chànan a th’ ann an “a’ chionn gu robh e a’ cumail cuimhne na h-aodainn eile a-muigh” neo “dh’fhàg iad uile do bhailtean eadar-dheal­aich­te” neo “aonar den fheadh­ainn a bu mhiosa”. Nan robh Gairm neo Gath againn fhathast, bhiodh dara cothrom ann air rudan den t-seòrs’ a ghlacadh mun ruigeadh iad leabhar.