Iain Fearchar Rothach, 1934–2014

Chaochail Iain Fearchar Rothach ’na dhachaigh air 26 Faoill­each, aois 79, agus e an dèidh a chruachann a bhriseadh an t-seachdain roimhe.
Iain Fearchar RothachIain Fearchar Rothach
Iain Fearchar Rothach

Bha e ’na Bhall de Phàr­lamaid na h-Alba air son nan Libearalach Deamo­cratach bho 1999 gu 2011, ’s e a’ riochdachadh na sgìre Ros, an t-Eilean Sgitheanach agus Inbhir Nis an-Iar. Ron a-sin bha e ’na chomh­airliche air son Roinn na Gaidh­ealtachd fad 33 bliadhna.

Rugadh Mgr Rothach ann an Gleann Seile, far an do chuir e seachad a’ mhòrchuid de a bheatha. Bha e greis aig muir, bha e ’na chroitear ’s bha compan­aidh còmh­dhail aige aig aon àm.

Hide Ad

A’ cuimhneachadh air na rinn e do mhuinntir na Gaidheal­tachd ’s nan eilean san ùine sin, rinneadh iomradh agus moladh air mar a bhiodh e a’ strì gun abhsadh ’na bheatha phoilitig­each air son math na sgìre ’s nan daoine. Thuirt Alex Salmond: “Bha Iain Fearchar ’na fhìor ghais­geach air son na Gaidheal­tachd agus dh’fhàg e dìleab air leth leis na rinn e a thaobh ceist an fhearainn, croitearachd agus a’ Ghàidhlig. Bha e daonnan deònach tagradh a dhèanamh a thaobh iomadh cùis agus bha e aig teis-meadhan na h-iomairt an aghaidh cìsean Drochaid an Eilein Sgitheanaich agus na h-iom­airt gus cur ás dhaibh.

“Bha Iain Fearchar Rothach daonnan deònach seasamh air son na bha e fhèin a’ smaoin­eachadh a bha ceart, agus sin a’ ciallachadh nach gabhadh e an-còmhnaidh ri sealladh a’ phàrt­aidh aige fhèin, aon de na h-adhbharan a bhios daoine bho air feadh saoghal poilitigs a’ cuimhneachadh air le spèis agus meas.”

Thuirt Cathraiche Sabhal Mòr Ostaig, an Siorraidh Iain Ruaraidh MacLeòid: “Bha mi uabhas­ach duilich an naidheachd seo a chluinntinn. ’S iomadh rud a dh’fhaodadh a ràdh – ’s a thèid a ràdh – mu Iain Fearchar, ach air mo shon-sa bha dà rud sònraichte mu dheidhinn. Se a’ chiad fhear, an ìre chun an robh e a’ seasamh air leth bhon treud: an comas a bh’ aige tighinn gu a cho-dhùnaidhean fhèin air cùis­ean ’s an sgil a bh’ aige air na
co-dhùnaidhean sin a thoirt air adh­art. Chan e fear a bh’ ann a ghabhadh smachd a chumail air le ceannard pàrtaidh neo neach sam bith eile nuair a thigeadh e chun nan rudan sin.

“Se an dara rud a dhìlseachd dh’a dhùthchas agus dh’a dhualchas – dhan Ghaidhealtachd, dha na Gaidhil agus dhan Ghàidhlig – fad 45 bliadhna, an toiseach ’na chomhairliche ’s an uair sin ’na Bhall Pàrlamaid. Se duine a bh’ ann a rinn feum nach gabh a thomhas agus air an robh ionn­drainn fiù ’s mus do chaochail e. Chan fhaic sinn a leithid a-rithist. Tha adhbharan sònraicht’ ag­ainn aig an t-Sabhal a bhith taingeil son na rinn e dhuinn ’s bha am Bòrd uabhasach toilichte urram a chur air mar Shàr Ghaidheal bho chionn dà bhliadhna. Cha robh duine riamh nas airidh air.

“Ás leth a h-uile duine aig Sabh­al Mòr Ostaig, tha mi air son ar co-fhaireachdainn a chur gu Celia ’s an teaghlach. Am measg a’ chaoidh, tha adhbharan gu leòr aca air son moit agus gàire.”

Tha Mgr Rothach a’ fàgail bantrach, Celia, agus dithis chloinne, Donnchadh Niall (Paddy) agus Shanea. Bidh an tìodhlacadh ann an Cinn t-Sàile feasgar an-diugh.

Alasdair H Caimbeul

Related topics: