Galeic: Boinne ann am beul na gaoithe

Spreadh dà bhoma ann am Boston ri taobh loidhne-crìche a’ Mharatoin fhad ’s a bha na ruitheadairean a’ dol seachad. Chaidh triùir a mharbhadh ’s na ceudan a leòn gu dona. Chan eil fhios có na murtairean fhathast ged a tha cuideigin fo amharas.

• Tha Better Together (iomairt “Chan Eil”) a’ maoidheadh an lagh air buidheann luchd-ealain mura toir iad fios a dh’fhoillsich iad mu Vitol, an luchd-taice as motha aca, far na làraich-lìn aca. Tha National Collective ag ràdh nach eil ann ach burraidheachd.

• Chaidh eadar 5 agus 15 a mharbhadh ’s còrr agus 160 a leòn an uair a spreadh plannt todhair-ghallta ann an Texas.

Hide Ad

• Tha a’ ghriùthraich a-nist air còrr agus 800 de chloinn agus de dh’òganaich ann an Swansea.

• Chaidh tòrradh poblach na bana-mhorair Thatcher a chumail. Bha i ’na culaidh chonnspaid ’na bàs mar a bha i ’na beatha, le feadhainn ga dubh chàineadh agus feadhainn eile ga h-àrd mholadh. Cha robh cus buairidh ann rè an tòrraidh.