Gaelic: Turasachd – suas no sìos?

Cha b’ e bliadhna mhath a bh’ ann an-uiridh son turasachd ann an Alba.

Bha na h-àireamhan sìos agus daoine a’ coireachadh na h-Olimpich, sìde fhliuch agus an crìonadh ann an econamaidh­ean an t-saoghail. A rèir figearan Visitscotland bha an àireamh de thurasan a thug daoine á Breat­ainn ann an Alba, an àireamh de dh’oidhcheannan a chuir iad seachad an seo, agus an t-airgead a chosg iad, uile sìos eadar 4 agus 5 ás a’ cheud.

Bha an aon chrìonadh ri fhaic­inn nuair a thàinig e gu daoine bho thall thairis. ’S ann an aon suirbhidh, son turasan latha ann am Breatainn, ged a bha an àir­eamh de thurasan air a dhol an àirde, bha an uiread a bha daoine a’ cosg air tuiteam 24 ás a’ cheud.

Hide Ad

Le bliadhna cho dona, dè tha daoine a’ sùileachadh am-bliadhna agus an “samhradh” air fàire? Cathraiche Visitscotland, Mike Cantlay: “As dèidh dhomh coinneachadh ri ceudan de chom­panaidhean ’s de ghnìomh­ach­asan turasachd o chionn ghoirid bho air feadh Alba aig ar Visit­scotland expo ann an Glaschu, bha e gu math follaiseach gun robh daoine fìor dhòchasach mun bhliadhna seo as dèidh 2012, bliadhna a dh’fheumas sinn uile aideachadh a bha ’na briseadh-dùil.

“Tha tòrr ann a dh’fhaod­am­aid coimhead air adhart ris ann an 2014, nuair a bhios Alba a’ cur fàilte air daoine bho air feadh an t-saoghail gu Geamannan a’ Cho-Fhlaitheis agus le Cupa Ryder aig Gleann Eagas – agus bidh an dàrna bliadhna againn far am bi sinn ag iarraidh air daoine ‘Till­eadh Dhachaigh a dh’Alba’. Tha ‘Bliadhna Nàdair na h-Alba’ ag­ainn ’s tha sinn ag iarraidh air daoine a dhol a-mach a dh’fhaic­inn na nithean iongantach a tha ri fhaicinn ’nar dùthaich.”

Ann an Dùn Èideann, gu math tric se an àireamh de luchd turais bho thall thairis a nì diofar, ’s a rèir cuid a luchd gnothaich sa bhaile tha iad mar-thà air comh­arran dòchasach fhaicinn. David Birrell, àrd-oifigear Seòm­ar Mal­airt Dhùn Èideann: “Se mar bhios Port-Adhair Dhùn Èideann a’ soir­bheachadh as motha sheallas dhuinn gu bheil àireamh mhòr de dhaoine bho thall thairis a’ tadhal oirnn. Mar sin bha e ’na thoileachas mòr dhuinn fhaic­inn gun robh àrdachadh san àirimh de luchd tadhail bho thall thairis a chaidh troimhe sa Mhàrt. Thuirt iad gun robh àrd­achadh 4.2 ás a’ cheud san àirimh de phasaidearan eadar-nàiseanta a bh’ aca ’s tha sin a’ ciallachadh 13,000 neach turais a bharrachd.

“Tha am port-adhair cuid­eachd air obair a dhèanamh gus slighean ùra a ghleidheadh bho air feadh na Rìoghachd Aonaich­te, na h-Eòrpa, Canada ’s Ameir­eaga a-Tuath le companaidhean leithid Easyjet, Ryanair agus Virgin Atlantic. Bheir iad sin tuill­eadh luchd tadhail a Dhùn Èid­eann agus a dh’Alba – tha am port-adhair mar aon de na prìomh shlighean a dh’Alba.”

Shuas aig tuath ann an Inbhir Nis, tha coltas ann gu bheil deagh thoiseach tòiseachaidh air a bhith ann. Thuirt Stiùbhart MacNeacail bho Sheòmar Mal­airt Inbhir Nis: “Tha tòrr de na buill againn an sàs ann an turasachd, agus se am beachd a tha mise air cluinntinn gu bheil fìor dheagh thoiseach tòiseachaidh air a bhith againn am-bliadhna. Tha cùisean air tòiseachadh gu math ann an Inbhir Nis agus am meadhan na Gaidhealtachd.

“Tha làn dùil againn gun lean cùisean mar seo ’s gum bi bliadhna mhath againn. Tha daoine
dòchasach, ’s tha an àireamh de dhaoine th’ air àitichean fuirich a ghleidheadh a’ coimhead math cuideachd. Tha coltas ann gu bheil ceangal làidir againn ris an Roinn Eòrpa. Tha seusan glè fhada air a bhith aig na h-ionadan sgithidh air Ghaidhealtachd.”

Hide Ad

Tha Niall Colquhoun ’na ionmhasair aig a’ bhuidhinn Destination Skye and Lochalsh, a tha riochdachadh grunn ghnìomh­achasan san sgìre ’s aig a bheil Taigh Òsta Greshornish House. “Tha daoine gu cinnteach a’ faireachdainn gu bheil an seusan seo nas fheàrr. Tha an àireamh de dh’àiteachan fuirich a tha daoine air a ghleidheadh suas pìos mòr bhon uiridh.

“Tha an Cèitean air a bhith math, ’s tha faireachadh ann gu bheil daoine nas deònaiche airgead a chosg am-bliadhna nuair a tha iad an seo. Anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, bha daoine a’ mothachadh dha mar nach robh daoine deònach an uiread a chosg, ach tha daoine den bheachd gu bheil sin air atharrachadh am-bliadhna.”

Hide Ad

Agus thuirt Ailean MacCoinnich bho Oifis Turasachd Steòr­nabhaigh: “Anns na h-Eileanan Siar chunnaic sinn beagan de lùghdachadh ann an àireamh luchd turais ann an 2012. B’e an droch thìde bh’ air tir-mòr ’s na h-Olimpich bu choireach gu ìre air son sin. Tha sinn gu math misneachail a thaobh 2013, agus a rèir aithrisean tha mòran den ghnìomhachas air ìre mhath de dh’iarrtas fhaicinn son àiteachan fuirich air a’ bhliadhna a tha romhainn. Tha Bliadhna Nàdair na h-Alba againn, agus tro shan­asachd agus phrògraman mar Hebrides - Islands on the Edge tha sinn gu math dòchasach gun lean seo air adhart tron bhliadhna ’s a steach gu 2014.”

Tha coltas ann ma-tà gu bheil gu leòr de dhaoine dòchasach mu sheusan na bliadhna sa. Ach a rèir nam figearan as ùire bho Visitscotland chan eil a h-uile duine cho misneachail ’s a bha iad an-uiridh. Tha misneachd am measg taighean òsta suas 10 ás a’ cheud, ach am measg B&Bs tha e sìos 4 ás a’ cheud, agus ann an àiteachan fuirich self-catering tha an àireamh de dhaoine a tha misneachail mun t-seusan sìos 18 ás a’ cheud. Mar sin chan eil a h-uile duine cho cinnteach gum bi deagh bhliadhna aca.

Related topics: