Gaelic: Tha ‘Ùr-Sgeul’ marbh — guma fada beò ‘Aiteal’

THÈID caibideil air leth inntinn­each an eachdraidh litreachas na Gàidhlig gu ceann air an ath mhìos nuair a thèid an leabhar mu dheireadh san t-sreath “Ùr-Sgeul” fhoillseachadh agus nuair a thèid tachartas sònraichte a chumail aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann gus a’ chlach-mhìle sin a chomharrachadh.

Chaidh a’ chiad leabhar sant-sreath, Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, fhoillseachadh ann an 2003, agus le Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile le Donn­chadh MacGillÌosa, a thèid fhoillseachadh gu h-oifigeil san Lùnastal, bidh 33 leabhraichean ann.

Bho thòisich e tha Ùr-Sgeul air roghainn fharsaing agus ùidh­eil de nobhailean ’s de sgeul­achdan goirid a thoirt dhuinn bho ùghdaran aithnichte agus ùra. Tro dhiofar stoidhlichean ’s ghuthan agus beartas bhriathran ’s cainn­te, a bha uairean lom ’s aig aman­n­an eile riochdail, tha na leabh­raichean seo air ùr-ealain a thoirt dhuinn ann an rosg Gàidhlig.

Hide Ad

Se John Storey bho Chomh­airle nan Leabhraichean a bha gu mòr an sàs ann a bhith stèidh­eachadh Ùr-Sgeul. Dè bha air cùl a’ chiad smuain a bh’ aige ann an 2002 nuair a sgrìobh e gu Comh­airle nan Ealain mu bhith stèidh­eachadh sreath de leabh­raichean rosg Gàidhlig? “Bha beàrn ann a thaobh rosg Gàidhlig ùr – gu
h-àraid ficsean,” mhìnich e. “Bha Comhairle nan Leabhraichean air son a’ bheàrn a lìonadh. Air son diofar adhbh­aran, cha robh ficsean Gàidhlig a’ faighinn fìor chothrom san 20mh linn, ged a bha sgrìobh­adh sònraichte ann. Bha na bàird – Somhairle agus eile – a’ faigh­inn cliù, ’s iad a bha airidh air, ach bha e iomchaidh rud beag a bharrachd oidhirp a dhèanamh a thaobh rosg.”

Gu fortanach bha dithis aig Comhairle nan Ealain a bha air leth taiceil dhan bheachd aig John: Gavin Wallace nach mair­eann agus Jenny Brown. Thug iad sin an taic a bha dhìth. Ach an robh Comhairle nan Leabh­raichean an dùil gum biodh Ùr-Sgeul cho soirbheachail ’s a tha e air a bhith? Fhreagair John: “Tha an urra ri daoin’ eile co-dhùnadh a dhèanamh an robh e soirbh­eachail! Tha mi creidsinn gu robh toradh beag air choreigin ann.”

Ged a tha John fhèin ro iriosal air son cus a ràdh, tha gu leòr eile den bheachd gu bheil Ùr-Sgeul air a bhith air leth soirbheachail. Mar eisimpleir, san leabhar aige An Introduction to Gaelic Fiction tha an t-Oll. Moray Watson ag ràdh: “The Ùr-Sgeul project has meant changes of seismic proportions . . . the productivity of the last six years comes close to matching that of the preceding century . . . Ùr-Sgeul has been responsible for the biggest single publishing initiative ever seen in Gaelic fiction.”

Agus dè bhuaidh a tha air a bhith aige sin air sgrìobhadh Gàidhlig? Tha John ag ràdh: “Rinn e grunn rudan, tha mi ’n dòchas. Thug e misneachd, tro chruinnichidhean de sgeulachd­an goirid, do sgrìobhadairean ùra, leithid Tim Armstrong, Alison Lang, Màiri E NicLeòid agus Maureen NicLeòid. Thug e coth­rom foillseachaidh do sgrìobh­adairean stèidhichte. Bha fios againn gu robh sgrìobhadairean ficsean sònraichte againn ann an Gàidhlig – ach math dh’fhaoidte nach robh uiread chothroman ann dhaibh. Bha feadhainn aca air dòchas a chall.

“Dhearbh Ùr-Sgeul gu robh e comasach do na Gaidhil a bhith dèanamh leabhraichean aig àrd-ìre, a-cheart cho profeiseanta ri leabhraichean sam bith ann am Beurla. Bhrosnaich e an nobhail Ghàidhlig. Ged a bha nobhailean Gàidhlig air nochdadh anns an 20mh linn, cha robh cus ann.”

Tha Ùr-Sgeul cuideachd air sgrìobhadh Gàidhlig a chur fa chomhair an t-sluaigh ann an Alba tro innleachdan margaidh­eachd a bha lèirsinneach agus cruthachail. ’S tha na leabhraich­ean air cliù agus duaisean a chos­nadh aig ìre nàiseanta ’s iad a’ faighinn aithne ann an duaisean mar an fheadhainn aig Comann Bratach na Croise. Tha iad fiùs air ceanglaichean a bhrosnachadh eadar Alba ’s dùthchannan eile mar a’ Ghearmailt agus Èirinn. Agus gu dearbh tha feadhainn de na leabhraichean air a bhith ’nan tobraichean domhainn anns am faighear dualchainnt­ean, gnàth­as­an-cainnte sònraichte agus faclan prìseil a tha a-nis glèidhte ann an clò.

Hide Ad

Dè am beachd a bh’ aig an luchd-leughaidh fhèin air na leabhraichean? Tha John ag inn­se dhuinn: “Fhuair sinn dearbh­adh gu bheil leughadairean Gàidhlig coltach ri luchd-leugh­aidh ann an cànan sam bith –còrdaidh aon leabhar riutha gu mòr; bidh gràin aca air feadh­ainn eile! Tha sin fallain.”

Agus seach gu bheil Ùr-Sgeul a-nis deiseil, dè thig ’na àite?

Hide Ad

“Tha sgeama ficsein ùr ann, Aiteal, ’s tha Acair os cionn sin,
le taic o Chomhairle nan Leabh­raich­ean. Cumaidh CLÀR orra a’ dèanamh beagan ficsein. Agus tha foillsichearan eile ann leithid Sandstone. Tha seo uile math. Se as cudromaiche gun tog sinn air a’ bheagan a rinn Ùr-Sgeul.”

Bidh sinn uile an dòchas gur e sin a thachras, oir se call mòr a bhiodh ann mura togar air an ealain ùir a tha air nochdadh ri linn Ùr-Sgeul. Tha John agus gu leòr eile an dòchas gum faic sinn barrachd agus barrachd ficsean Gàidh­lig, de gach seòrsa agus stoidhle.

Bidh na sgrìobhadairean Mìch­eal Klevenhaus, Màiri E NicLeòid agus Aonghas Pàdraig Caimbeul a’ comharrachadh deich bliadhna de dh’Ùr-Sgeul còmhla ri Moray Watson ann an Dùn Èid­eann air 10 Lùnastal.