Gaelic: Tha làn sgoil Ghàidhlig aig ceannabhaile na h-Alba — ’s b’ fhiach i feitheamh rithe

Bho thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre bunsgoile ann an Dùn Èideann o chionn 25 bliadhna ann am Bunsgoil Crois na Cìse, bha riamh aig pàrantan ’s aig daoine eile a bha taiceil dhan chànan ri strì a dhèanamh gus an seòrsa foghlaim sin a chur air adhart ann am prìomh bhaile na h-Alba.

Bha aig pàrantan ri cumail orra a’ cur an cuimhne oifigearan agus luchd-poileataigs na Comh­airle gun robh luach ann am foghlam Gàidhlig agus gun robh còir aig muinntir a’ bhaile a bhith moiteil gun robh a leithid a dh’fhoghlam ri fhaot­ainn ann. Ri ùine bhiodh aca ris an argamaid a dhèanamh grunn thursan do dhiofar chomataidhean agus chomhairlichean gum b’ fhiach e beachdachadh air sgoil Ghàidhlig fa leth a stèidheachadh, an àite an aonaid a bh’ ann.

Mu dheireadh thall, o chionn cola-deug, dh’fhosgail a’ chiad sgoil Ghàidhlig an Dùn Èideann – Bunsgoil Taobh na Pàirce ann am Bonnington – ’s i a’ cur ris na h-iomairtean a shoirbhich ann an Glaschu agus Inbhir Nis
a-cheana gus sgoiltean gu tur Gàidhlig a chur air bhonn.

Hide Ad

Mar a thuirt Ceitidh Mhoir­each, aig an robh clann san aonad Ghàidhlig aig deireadh nan ochdadan nuair a thòisich e, “Se latha mìorbhaileach a bh’ ann nuair a dh’fhosgail an sgoil, latha a bha mi a’ smaoin­eachadh iomadach latha nach tigeadh gu bràth, gun tachradh a leithid a rud an Dùn Èideann. Ach tha e air tachairt a-nis, ’s tha sgoil air leth goireasach ann. Agus tha an luchd-obrach agus a’ chlann uile dìr­each air leth toilichte agus air bhioran gus faighinn dhan sgoil an seo ’s an àrainneachd Ghàidhlig aca fhèin a chruthachadh.

“Tha iad cuideachd a’ dèanamh an dìchill a’ choimhearsnachd air fad a thoirt a-staigh gu àrainneachd na sgoile, son gum bi a’ chlann a’ tuigsinn gu bheil iad beò ann an coimhearsnachd Ghàidhlig, chan e dìreach àrainneachd na sgoile. Chan ann dìr­each san t-seòmar-teagaisg no air an raon-chluiche a tha Ghàidhlig beò, tha i beò ann an Dùn Èid­eann agus sa choimhearsnachd.”

Thuirt Fiona Stephen, neach-gairm Comann nam Pàrant Dhùn Èideann, buidheann a bha gu mòr an sàs san strì gus an sgoil a chur air chois: “Tha pàrantan air an dòigh gu bheil Taobh na Pàirce a-nis fosgailte ’s gun deach cho math leotha agus iad a’ tòiseachadh air teirm ùr ann an togalach brèagha a chaidh a chur air dòigh as ùr. As dèidh iom­airt fhada, tha sinn taingeil dha na daoine aig an robh ceangal ris an aonad Ghàidhlig, agus dhan choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd, air son an taic ann a bhith leudachadh ’s a’ leasachadh foghlam tro meadh­an na Gàidhlig ann an Dùn Èid­eann thar nam bliadhnaichean.

“Tha daoine dòch­asach mu na bliadhnaichean a tha romhainn. Tha iad air son obair còmhla ri Comhairle Dhùn Èideann agus Riaghaltas na h-Alba gus togail air a’ chliù a th’ aig FMG an Dùn Èideann ’s mar a tha e air soirbh­eachadh. Bidh Taobh na Pàirce ’na phàirt cud­romach de shiostam sgoilt­ean Dhùn Èideann, ’s bidh e air leth cudromach dhan iomairt gus tuilleadh luchd-labh­airt Gàidhlig àrach.”

Thuirt Alasdair Allan, am Ministear son Ionnsachadh agus Càn­anan na h-Alba: “Chaidh tòrr obair a dhèanamh gus a’ chlach-mhìle seo a ruighinn, ’s bu thoil leam mo mheal-a-naidheachd a chur air an luchd-obrach ’s a’ chlann sgoile. Tha mi an dòchas gun tèid gu math leotha sna teirmichean a tha ri thighinn. Tha mi a’ coimh­ead air adhart ri bhith tadhal air an sgoil a-rithist san t-Sultain nuair bhios daoine air cothrom fhaighinn eòlas a chur air an sgoil ùr aca.”

Ged nach robh a h-uile comh­airliche daonnan taiceil thar nam bliadhnaichean ris an iomairt gus an sgoil a stèidh­eachadh, fhuair i aonta aonaghuthach aig a’ cheann thall, ’s thàinig an t-airgead a bha a dhìth bhon Riagh­altas agus bhon Chomhairle. Thuirt Paul Godzik, neach-gairm Comataidh an Fhogh­laim, na Cloinne ’s nan Teaghlaichean: “Tha mar a dh’fhos­gail Bunsgoil Taobh na Pàirce ’na chomharra air an taic leantainneach a tha
a’ Chomhairle air a thoirt do dh’obair leasachaidh na Gàidhlig. Tha mi an dòchas gun còrd an sgoil ùr ris na sgoilearan ’s na tidsearan, ’s gum bi i ’na goireas a bheir togail mhòr do dhaoine.”

Hide Ad

Tha 213 sgoilear sa bhunsgoil, agus gabhaidh i suas ri 420. Tha sgoil-àraich ann cuideachd, a ghabhas 40 pàiste sa mhadainn agus 40 feasgar. Cuideachd air làrach na sgoile tha an t-ionad cùram chloinne “Òganan Dhùn Èideann” – faodaidh clann aois 3 gu 12 a dhol ann air son cùram nuair nach eil iad san sgoil. Tha an t-seirbheis air a cumail tro mheadhan na Gàidhlig.