Gaelic: Tha e furasta fhéin do chloinn òga cànanan ionnsachadh

. . . INGE Binnie ás an Òlaind, a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ’s ga bruidhinn ri mac, Aonghas.Cluinnidh sinn gu tric gu bheil clann òga comasach air barrachd ’s dà chànan a thogail gun dragh, ach ciamar a tha sin ag obrachadh ann an gnìomh?

“Tha e cho furasta ’s nach eil sinn a’ smuaineachadh cus mu dheidhinn. Ged nach eil Aon­ghas ach dà bhliadhna gu leth, tha e air a bhith a’ cluinnt­inn
trì chànanan bhon d’rugadh e. Bruidhnidh mise Gàidhlig agus Duiteis ris, agus tha e a’ faighinn Beurla aig athair, Iain, cho math ris a’ Bheurla Ghallda, neo Dor­aig. Dh’fhaodadh tu ceithir càn­anan a ràdh!”

A bheil e coltach gu bheil sin cus, neo am bi e dol tro chéile le diofar chànanan uaireannan?

Hide Ad

“Chan eil ’s cha bhi, ged bhios cuid a tha an sàs ann an cùram cloinne gu h-oifigeil, daoine aig nach eil ach Beurla, a’ dèanamh a-mach gun cuir barr­achd ’s aon chànan clann ceàrr. Tha Aonghas a’ tuigsinn fada bharrachd na tha e comasach a ràdh ’s e fhathast cho òg, ach is iongantach mura cum e ris a’ chànan a tha e fhéin a’ smuain­eachadh a tha freagarr­ach do gach suidheachadh ’s dha na daoine ris a bheil e bruidh­inn. An latha roimhe, bha Iain a’ feuch­ainn ri beagan Gàidhlig a bhruidhinn ris ’s e cuideachadh Aonghais le chuid aodaich. Sann a thuirt am fear beag: ‘Chan e stoc­ainnean Dadaidh, socks a th’ ann!’ Tha e mothachail cuid­eachd gur e Duiteis a bhruidhneas sinn le a sheanair agus a sheanmhair ás na Tìrean Ìsle.”

A bheil Aonghas a’ faighinn cothroman gus na cànanan a chleachdadh le clann eile?

“Chan eil móran aig a bheil Duiteis neo Gàidhlig far a bheil sinn a’ fuireach faisg air Eilginn, ach bidh sinn a’ tadhal air Sabhal Mór Ostaig gu tric, agus tha cròileagan Gàidhlig acasan a tha
dìreach mìorbhaileach. Mar sin tha an dithis againn a’ faighinn tlachd mhór ás àrainneachd Ghàidhlig na colaiste.”

Dé thug ort fhéin a’ Ghàidhlig ionnsachadh ’s a thoirt air adhart anns an teaghlach?

“Thàinig mi a dh’Alba air son ceum a dhèanamh ann a fiosaigs. Bha mi air son beagan each­draidh agus cànan na dùthcha a thuigsinn, mar tha àbhaisteach do Dhuitsich thall thairis. Bhith­inn a’ coimhead phrògraman chloinne, leithid Dòtaman agus Pàdraig Post. Dh’fhaighnich oil­eanaich Albannach car son a bha mi ag ionnsachadh cànan a tha marbh ach rinn sin mi nas dàna. Tha mise beò ’s bruidhnidh mise i gach cothrom a gheibh mi.”