Gaelic: Taigh-tasgaidh ùr gu bhith aig Uibhist?

Bidh eòlaichean, sgoilearan agus luchd turais ’nam mìltean a’ tadh­al air Skara Brae ann an Arcaibh gach bliadhna, rud a tha a’ cur ri econamaidh nan eilean.

Tha an làrach a’ dol air ais gu eadar 3200 agus 2200 roimh Chrìost agus bha e ’na laighe fon ghainneamh thar nan linntean.

Ann an Uibhist a-Tuath tha làrach den aon seòrsa ann an Grèinetobht. Faisg air gob Àird a’ Mhorrain tha baile, Udal, far an robh sluagh a’ còmhnaidh ann an togalaichean tro amannan neo­lithic, umha, iarainn, Lochlannach agus meadhan-aoiseach. Tha an làrach a’ dol air ais cho fada ri còrr agus 4,000 bliadhna.

Hide Ad

Thòisich am Profeasair Ian Crawford air sgrùdadh a dheanamh air an àite ann an 1963. Gach samhradh bhiodh e a’ tighinn gu Solas le buidheann de na h-oil­ean­aich aige á Oilthigh Chambridge. Tha iad air lethcheud tog­alach agus tobhta a lorg agus air 27,000 gnothach mar cnàmh­an, buinn airgid, crèadaireachd agus rudan umha agus iarainn fhaighinn. ’S tha ceàrdach agus grunn taighean cuibhle air tigh­inn am follais.

B’e seo am baile bu mhotha san eilean aig aon àm, agus bha Sìol Ghoiridh a’ còmhnaidh ann. Chaidh iad fhèin agus buidh­eann eile de shliochd nan Dòmh­nallach, Sìol Mhurchaidh, a-mach air a-chèile. Bha blàr
eat­arra far an do theab iad cur
ás do chèile.

Tha lethcheud bliadhna bhon a thòisich am Prof. Crawford
air rannsachadh. Am measg an fheadhainn a tha den bheachd gum bu chòir, a-nis, na gnoth­aichean a lorg e a bhith air am foillseachadh ann an Uibhist tha am BPA Alasdair Allan, an t-arc-eòlaiche Deborah Anderson ’s an Comhairliche Èirdsidh Caimbeul. Aig an àm seo tha mòran dhiubh air an tasgadh ann an Glaschu, ach tha iomairt air bhonn gus
an gluasad dhachaigh. Agus tha tabh­artas £85,000 air tigh­inn bho Chom­ann nan Taighean Tasg­aidh gus sin a choileanadh.