Gaelic: Soillearachadh taitneach air bàrd a bha ‘dìorrasach ’na bheachd agus searbh ’na sheanchas’

Tha e annasach a bhith sgrìobh­adh seo air latha tha naidheachd anns na pàipearan gu bheil ban-sgoil­ear a’ tagairt gur e Linn an
t-Soillearachaidh aig na Goill a dh’iompaich na Gaidhil gu bhith sìobhalta, seach ainneartach, fear­gach, agus fo bhuaidh na dibhe.

Smaoinich mi gu robh trom-laighe orm oir, mus fhaca mi seo, bha mi air a bhith a’ leughadh leabhar taitneach air a sgrìobhadh le sgoilearan tuigseach – Alexander MacDonald, Bard of the Gaelic Enlightenment: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, Bàrd an t-Soillearachaidh Ghàidhealaich (Urras Leabh­raichean nan Eilean, £15).

Their cuid gur e Alasdair a bu chliùitiche de na bàird Ghàidhlig. Nochd cruinneachadh den bhàrdachd aige ann an 1751 agus, ged a b’e seo a’ chiad leabhar de bhàrdachd Ghàidhlig a chaidh an clò, cha b’e an fhàilte a b’ fheàrr a fhuair e. Tha e air aithris gun do chuir crochadair Dhùn Èideann lasraich ri ultach dhiubh le bàir­linn bhon Riaghaltas. Cha robh seo mar iongnadh, oir bha Al­adair air a bhith ’na oifigeach ann an arm nan Seumasach còig bliadhna roimhe sin.

Hide Ad

Faodaidh sinn a bhith saoirsneil nach tèid suidse a chur ris an leabhar ùr, oir bheir e tlachd do gach neach a leughas e. Tha e air a sgrìobhadh ’s air a dheas­ach­adh le sgoilearan a rinn sgrùd­adh farsaing air beatha agus ob­air a’ bhàird. Ged a tha an sgoil­earachd dùmhail, domh­ainn, tha colmadh ioma-dhathach ann de bhàrdachd, each­draidh, foghlam, creideamh agus connspaid. Tha e freagairt cheistean agus a’ faighneachd feadh­ainn nach d’fhuair freag­airt fhath­ast. Mar eisimp­leir: càit an do rugadh Alasdair? Chaidh seo dheasbad fad mhìos­an ann an 1927/28 ann an Tìm an Òbain ach cha d’fhuaireas furtachd. Thuirt aon fhear á Albainn Nuadh, le gliocas mar a shùil­ichinn, nach e càit an do rugadh e a bha cud­romach, ach gur e deagh bhàrd a bh’ ann.

Bha tàlantan eile aige. Aig àm anns an robh atharraichean bun­asach a’ tighinn air a’ Ghaidh­ealtachd bha e dìorrasach ’na bheachd agus searbh ’na sheanchas. Ann an aon de na h-òrain tha e toirt dealbh air fhèin mar gum b’i a bhean a bha labhairt: “A Mhùid­eartaich dhuibh dhàna nan geurfhacal.” Nuair bhiodh na briathran aithliseach bha cuid a’ coimh­ead orra mar dhrabastachd. Thuirt am fear a dheasaich Sàr-Obair nam Bàrd nach robh a leisgeul ri ghabhail air son òrain a bha mì-mhoralta ’s nach robh àite dhaibh anns an leabhar. Bha an aon bheachd aig na ministearan Aonghas agus Gilleasbaig Dòmhnallach, a chuir an clò cruinneachadh den bhàrdachd aige ann an 1924. Fhuair iad coire eile dha son a bhith cleachdadh fhaclan nach robh ann an Gàidhlig. Ach sann am Beurla a chron­aich iad e: “Alasdair’s indiscriminate use of English and Latin words is as tiresome as it is entirely inexcusable.”

Bha tionndaidhean inntinn­each am beatha a’ bhàird. Ged a thogadh e mar Easbaig­each, bha e ag obair mar cheist­ear san Eag­lais Chlèirich ’s mar mhaighstir-sgoile fo ùgh­darras an SSPCK, a bha a’ feuchainn ri cur ás do Ghàidhlig. An dèidh sin bha e leantainn a’ chreidimh Chaitligich. Tha na tionndaidhean uile air am fighe gu h-eagnaidh ann an cur agus dlùth an leabhair.

Tha sinn fortanach gu bheil sgoilearan againn fhathast a tha a’ rannsachadh ’s a’ mìneachadh beatha agus obair Alasdair. Tha an leabhar seo ag ùrachadh an dòchais nach fhada gus am faic sinn cruinneachadh iomlan de a chuid bàrdachd. Tha mi fhèin a’ dèanamh fiughair ris a-sin, agus gu h-àraidh ri ‘Òran nam Bod­ach’. Tha mi son faighinn a-mach, mus bi e ro fhadalach, dè tha fàg­ail dithis aig aois cheithir fichead cho frogail:

Is cho dànail na seann tairbh

Ri trì-bhliadhnaich acfhainneach.