Gaelic: Seonag ’Illeasbaig Aonghais Mhóir – Ceannard a’ Phàrtaidh Làbaraich

. . . Johann NicLadhmainn, Ceannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. Tha i tighinn thairis sna meadhanan ’na boireannach tap­­aidh á Glaschu a chuireadh ruaig air na Nàiseantaich ’s air luchd taic neo-eisimeileachd Albann­ach anns an reifreann an ath­bhliadhn’.

Ge-tà, sann á Tiriodh a tha na daoine aice, ’s am measg a co-luchd-obrach sa Phàrlamaid tha i aithnichte mar cheannard a tha comasach air seasamh ri Alex Salmond aig àm ceasnachaidh
a’ Phrìomh Mhinisteir. Saoil an d’fhuair i rudeigin ás an dualchas a tha ga cuideachadh ann an deasbaid?

“Tha mi cinnteach gun d’ fhuair, ged nach eil a’ chànan agam. Is toigh leam gu mór fuaim na Gàidhlig a chluinntinn mun cuairt orm agus tuigidh mi beagan còmhraidh neo-fhoirm­eil, ged nach urrainn dhomh móran a ràdh.”

Hide Ad

Nach eil sin caran doirbh do chuideigin a tha beò air a com­asan labhairt?

“Sin mar a tha e. Bhruidhneadh mo phàrantan Gàidhlig le chéile ach thionndaidheadh iad gu Beurla a’ bruidhinn rinne. Cha robh daoine a’ tuigsinn aig an àm gur e mearachd a tha sin, bu mhór am beud. Dh’fheuch mi Gàidhlig ionnsachadh aig clas­aichean ach bha eagal orm gum biodh blas na Beurla air mo chuid Gàidhlig agus nach gabh­adh i ionnsachadh co-dhiù. Se mearachd eile a bha sin, oir seall Alasdair Allan. Chan eil mi idir ag aontachadh le na beachdan poilitigeach aige, ach feumaidh mi aideachadh gum biodh e doirbh aithneachadh gur e ionn­sachadh a rinn esan, ’s e cho siùbhlach innte.”

An d’fhuair sibh brosnachadh ann an dòighean eile ma-thà?

“Chuireadh sinn a h-uile samh­radh seachad air a’ chroit ann an Cill Mo Luaig, ‘a’ dol dhachaigh’ mar theireamaid. Se fìor choth­rom a bha sin dhomh fhìn ’s dha mo bhràthair Aonghas. Bhiom­aid a-muigh fad an latha, bha sinn eòlach air a h-uile duine, ’s bhruidhneadh iad gu coibh­neil rinn. Tha cuimhn’ agam air boir­eannach ag ràdh ri mo mhàthair mu m’ dheidhinn, ‘Nach i tha math air innse na sgeulachdan!’ Tha rudeigin sa chultar a tha brosnachadh clann ged a tha e annainn cuideachd gun a bhith a’ tarraing aire dhuinn fhìn.

“Se duine dòigheil a bha ’nam athair, Èirdsidh, a bha ’na shaor air bàtaichean CalMac. Cha chuir­eadh nì sam bith dragh air ach dh’fhàg sin mo mhàthair, Oighrig, fo uallach air uairean. Is ise a bhruidhneadh ri daoine oifigeil, ’s tha cuimhne agam mar a sheas i ris a’ bhàillidh mu staid nan taighean ann an Anderston far an robh sinn a’ fuireach ann an Glaschu.”

An robh sin a’ toirt oirbh
faireachdainn caran eadar-dheal­aichte bhon chlann eile?

“Cha robh idir, oir bha tòrr dhiubh le buntanas ris a’ Ghaidh­ealtachd. Bha teaghlaichean eile le Gàidhlig san aon chlobhsa ’s bhiodh na càirdean a’ tighinn ’s a’ folbh. Chuireadh mo sheanmhair an geamhradh seachad còmhla rinn agus dh’iarradh i aithris na h-aimsir air an réidio gus am faigheadh i a-mach dé seòrsa sìde bhiodh aig na h-iasg­airean. Bidh am fonn sin, Sailing By, a’ tighinn air mo chuimhne uaireannan, gam thoirt air ais dha na làithean sin.

Hide Ad

“Ghluais sinn gu taigh faisg air a’ Phark Bar, ’s chluinneadh tu Gàidhlig air an t-sràid a h-uile latha. Bha sin uile a’ toirt misneachd dhuit, bha thu cinnteach có bh’ annad. Ge-tà, bha mi caran diùid fhath­ast nuair a chaidh mi gu Àrdsgoil Woodside.”

Ciamar a fhuair sibh seachad air sin?

“Tha mi creidsinn gur e éist­eachd ri òraidichean soisgeulach agus daoine àbhaisteach a’ toirt fianais san eaglais a chuidich mi. Bha mi uabhasach déidheil air an eaglais. Bhiomaid a’ coiseachd tro Phàirce Khelvingrove a h-uile Sàbaid dhan eaglais ann an Sràid Ghardner, còta math C&A orm agus Mint Imperials ’nam phòcaid son an t-searmoin.

Hide Ad

“Tha e fhathast car doirbh dhomh bruidhinn gu poblach ach is iongantach mar tha daoin’ òga dà-chànanach cho comasach air bruidhinn ann am Beurla cho math ris a’ chànain eile aca. Sin aon de na rudan mìorbhaileach mu dheidhinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha mi toilichte gu bheil buidheann làidir thar-phàrtaidh againn sa Phàrlamaid.

“Nuair a bha mise òg bha e mar gun robh sgaradh eadar an ìomhaigh a bha na buidhnean oifigeil a’ toirt seachad agus an
t-eòlas a bh’ aig na daoine fhéin oirre mar chànan bheò. Tha i daonnan ’nad chridhe ’s ’nad spiorad. Cha dìochuimhnich mi gu bràth mar a thog iad na sailm aig tìodhlaiceadh m’ athar.

“Chaochail mo mhàthair ann an 2001, ach tha e fhathast caran piantail dhomh smuaineachadh air dol air ais dhan eilein. Tha e gam bhrosnachadh gu mór ge-tà gu bheil ginealach ùr a’ tighinn suas, daoine òga agus iad a’ seinn a h-uile stoidhle, ròc, punc, cho math ri òrain dualchasach. Chan eil nì sam bith cho cumhachd­ach ri seinn sa Ghàidhlig.”