Gaelic: Se crois na Gàidhlig cion spéis nan Gaidheal fhéin
’S i Gàidhlig taobh siar Leódhais a th’ aige mar chiad chainnt, ged a chaidh a thogail ann an Inbhir Nis. An robh sin doirbh dha no dh’a phàrantan?
“Cha robh idir. Bha Gàidhlig aig m’ athair agus dh’ionnsaich mo mhàthair i gu math sgiobalta gus an robh i stéidhte mar chànan na dachaigh. Mar sin cha robh mise air a’ Bheurla ionnsachadh mun deach mi dhan sgoil.”
Nach tù a bha beannaichte, ma-tà!
Advertisement
Hide Ad“Tha cuimhne mhath agam a’ dol chun na sgoil àraich Bheurla aig aois ceithir bliadhna agus mi smuaineachadh: ‘Dé tha dol ann a sheo? Tha iad a’ bruidhinn cànan neònach nach eil agam.’ Ach cha chreid mi gun do chuir e maille sam bith orm. Thog mi Beurla na sgoile agus chuidich mi mo phiuthar ’s mo bhràthair ga togail.”
An robh móran cothrom agad Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na dachaigh ge-tà?
“Bha sinn fortanach gun robh Murchadh MacLeòid, Murchadh HMI nach maireann, ’s Màrtainn Dòmhnallach am fear naidheachd a’ fuireach faisg oirnn, a rinn dachannan gu math Gaidhealach sa bhaile mhór. Bha clann acasan mun aon aois rinne ’s bha seòrsa choimhearsnachd bhig Ghàidhlig againn. Bhiodh Gaidhil gu leòr air feadh a’ bhaile cuideachd, céilidhean a chuir An Comunn Gaidhealach air dòigh, ’s bha iad uile eòlach air a-chéile.”
Bhiodh e math rudeigin mar sin fhaicinn sa h-uile àite. Dé na rudan bu thoigh leat fhéin fhaicinn a’ tachairt a bhiodh cuideachail don chànan agus i a’ fàs?
“Barrachd spéis aig muinntir na h-Alba air fad dhan Ghàidhlig agus mas e amas ro àrd a tha siud, se co-dhiù nach biodh iad a’ dèanamh dìmeas oirre cho tric, on se caitheamh ùine ’s caitheamh misneachd a tha siud. Tha móran fhathast a’ smuaineachadh gur ann air iomall ghnothaichean a bu chòir a’ Ghàidhlig a bhith, gur e cùis mhagaidh a tha anns na Gaidhil ’s an cànan. Se dìreach aineolas a tha sin ach ma tha thu ag obair ann an coimhearsnachdan far a bheil sin ri cluinntinn cha mhór a h-uile latha, tha thu dìreach a’ fàs sgìth dheth. Feumaidh sinn a dhol a mach thuca tro na meadhanan uile le teachdaireachd làidir ag innse dhaibh car son a tha a’ Ghàidhlig cudromach.”