Gaelic: ’N air’ ort! Faodaidh croitean a bhith cunnartach

BHA an geata mòr sinc far nan lùdagan agus ’na sheasamh ris a’ bhalla.

Thòisich an gille beag ri streup suas air na tarsannean. Chaidh car den gheata agus thuit e air muin an fhir bhig. Chaidh a ghoirteachadh gu dona.

Ann an 2010 b’e àiteachas an gnìomhachas a bu chunnartaiche ann am Breatann. Anns an deich bliadhna roimhe sin, chaill 455 neach am beatha agus chaidh 1,700 neach a leòn. A’ cur gu mòr ris a-sin tha gu bheil clann an còmhnaidh ag obair ’s a’ cluich air croitean ’s air tuathanasan.

Hide Ad

Bidh clann a’ cluich ann an seadachan agus saibhlean far am bi bèilichean air an stòradh. Caillear ball agus thèid cuideigin air a thòir. Gu tric, tuitidh bèilichean timcheall air agus thèid a ghoirteachadh.

Tha tractaran ag adhbharachadh mòran de thubaistean. Tha iad cumhachdach agus ma bhios clann ’nan seasamh orra, rud nach eil ceadaichte, tha e furasta tuiteam an lùib rothan agus cuibhlichean nan innealan a bhios iad a’ slaodadh as an dèidh.

Bha balach òg ann an caba an tractair a bha athair a’ dràibheadh. Ged a bha an doras dùinte bha e ’na dhà phìos, agus bha a’ ghlas air a’ phìos ìosal air a milleadh. Dh’fhosgail am pìos sin agus thuit am balach agus chaidh e fo rothan an tractair. Chaill e a bheatha.

Anns an latha a tha ann tha ATVs, All Terrain Vehicles, cumanta. Faodaidh clann seachad air trì bliadhn’ deug an dràibheadh. Gu dearbh tha iad feumail, oir thèid iad a dh’àite sam bith, eadhoin gu mullach nam beann. Ach gu dearbh tha iad cunnartach, oir ann an àite nach eil rèidh faodaidh iad a dhol air an cliathaich.

Tha e cudromach, air an tuathanas, clann a chumail fo smachd agus air falbh bho ghàbhadh. Tha iad ag ràdh, “Am fear nach bi ri aodann na creige, cha bhi eagal air gun tuit e.”

Tormod E Dòmhnallach