Gaelic: Litir chun an deasaiche: sol-fa

Air 24 Samhain thug sibh tarr­aing, am measg eile, air ceòl. An innis sibh dhòmhsa car son air thalamh a chuir muinntir a’ chiùil – na musical high-heid yins – ás do sol-fa?

Chan eil iomradh air sna sgoiltean, cha bhith­ear ga theagasg an sgoil, an colaiste neo an oilthigh, ’s ma bheir thu tarraing air am measg luchd-ciùil nì iad gàire.

Eil iad idir a’ tuigsinn gur h-e rud a th’ anns an sol-fa a tha nas fhasa leughadh na staff notation agus nas fhasa a theagasg, gu h-àraid do chloinn? Tha fios a’m nach tig e cho dlùth air a’ cheòl ’s a thig staff, ach tha luach ann ge-tà. Le staff tha thu glaiste anns a’ ghleus anns a bheil an ceòl air a sgrìobhadh, ’s chan eil tigh­inn ás agad. Le sol-fa gluaisidh tu bho ghleus gu gleus, mar a tha do ghuth neo d’ ionnsramaid ag iarraidh.

Hide Ad

Tha fios againn gu bheil guth­an òigridh agus guthan inbhich eadar-dhealaichte, ach chan eil sin, air rèir choltais, a’ deanamh diofar don fheadhainn a tha a’ sgrìobhadh ceòl an-diugh. Gu tric chan eil an gleus anns a bheil an ceòl air a sgrìobhadh freag­arrach don a h-uile neach.

Dh’ionnsaich mo mhàthair dhòmhsa an sol-fa nuair bha mi glè òg, agus tha mi air leth taingeil. Ma tha thu dol a bhith ri ceòl, feumaidh tu eòlas fhaighinn air staff, tha sin foll­aiseach, ach dheanadh eòlas air sol-fa feum cuideachd.

Chan eil sol-fa cool, agus, tha mi creidsinn, tha e seann-fhasanta. Aig aon àm bhiodh e aig na Cuimrich, na h-Èireannaich, na Gaidhil agus eile cuideachd, tha mi cinnteach. Bhiodh e ga chleachdadh acasan a bhiodh a sgrìobhadh laoidhean.

Ruairidh Caimbeul

“Camuskellaig”

An Gleann, Barraigh