Gaelic: Là Nollaig a’ Bhàird

“CLÌ, clì, clì deas clì,” ars am Bàrd.

Mar a b’ fhaide mheàrrs iadri Sràid Àrd Dhùn Éideann, sann a bu mhotha de mhuinntir a’ bhaile bh’ air cruinneachadh. Eadar monmhar an t-sluaigh agus gliogadaich na cairte bh’ air an cùlaibh bha pum, pum an druma air a chall. Madainn reòthte a bh’ ann: bu chruaidh leis na fir buinn am brògan buc­allach a chumail gun shleamh­nachadh ’s am mosgaidean a
ghleidheadh an àirde air an gualainn. Chan e mosgaid a bh’ aig a’ Bhàrd ge-tà ach tailbeard – tuagh Abrach, seachd troigh fada, eadhon nas àirde na e fhéin.

“A bhlaigeird shalaich tha thu ann,” dh’eubh boireannach. Sheòl ugh tron èadhar, seachad air cluas an duine bha ’na sheasamh anns a’ chairt, a’ crìochnachadh a thurais ’na cliathaich. Leig an samh ris gun robh e grod.

Hide Ad

“Sùilean romhaibh, ’illean,” ars am Bàrd. Bha iad seachad air Eag­lais Shìlis. Chitheadh e a’ chroich taobh a-muigh Seann Taigh na Pàrlamaid, ’s na daoin’ uaisle bha cruinnicht’ air muin eich. Ghlac e sùil a’ cheannaird aca fhéin ’nam measg – Liuteanant Cailean Caimbeul, caiptean Geàrd Baile Dhùn Éideann. Dh’fheumte seo a dhèanamh ceart. Thionndaidh am Bàrd, thog e a làmh, agus: “Fheara . . . fheara, stad!”

Bha an stad math, co-dhiù. Dà fhichead cas dheas a-nuas air a’ chabhsair còmhla. Cha mhór còmhla. Stad an drumair. Stad a’ chairt. Sitir bho aon de na h-eich. An sluagh gu h-eudmhor a’ sìneadh an amhaich son sealladh den chiontach.

“Seall,” arsa cuideigin, “an sgall a th’ air.”

Cha robh duin’ air an Deucon fhaicinn riamh gun chròic mhór ghruaige a’ leantainn ri cheann a dh’oidhche ’s a latha. Pìorabhuic.

“Dèanaibh dà shreath, seas­aibh air aire, ’illean,” ars am Bàrd. “Bonn nam mosgaidean ri làr.”

Dh’ullaich saighdearan a’ Gheàrd ceum coiseachd eadar na daoine on chairt chun na croiche. Chaidh an ciontach a thoirt sìos bho chùl na cairteadh eadar dithist dhiubh. Bha car bho char de ròpa timcheall a chuirp. Laigh a shùil air a’ Bhàrd. Chaidh i troimhe mar thora.
Sùil na h-Ifrinne.

Bheannaich am Bàrd e fhéin. Sheòl ubhal a-nall gun fhios co ás, agus ugh eile. Bhuail an t-ugh gualainn an Deucoin, ga smeur­adh buidhe. Thug an crochadair an ròpa dheth. Bha tuilleadh ròp’ a’ feitheamh ris, co-dhiù. Dh’òrd­aich am Bàrd dhan Gheàrd a’ chroich a chuartachadh, gach duine ’s aghaidh ris an t-sluagh.

Hide Ad

Thug am Bàrd fanear gun robh sia no seachd a choidseachan ri taobh na Pàrlamaid, sùilean a’ priobadh a-mach. Mnathan uaisle ’nam measg. A’ chiad bheachd a bh’ acasan den Deuc­on b’ann nuair bha a chiad chas air an fhàradh.

Ged nach fhac’ am Bàrd an Deucon beò tuilleadh, chual’ e an òraid a thug e, brod na faoin chràbhachd. “A mhic an donais,” ars esan eadar fhiaclan. “Thug thu a chreidsinn ort fhéin nach do rinn thu idir e. Buinidh tusa do shaoghal eile.”

Hide Ad

Bho seo a-mach bha an corp crochaite ’na shamhla de riagh­ailt an lagha ann an teis-meadh­an a’ chreic ’s a’ cheannaich. Bha corra bhleideag shneachda a’tuit­eam. Chuimhnich an sluagh cho fuar ’s a bha iad.

“Cnothan ròsta!”

“Brot a bhlàthaicheas do chridhe!”

B’e an 25mh de dhara mìos a’ gheamhraidh a bh’ ann. Meadh­an seusan nam bainnsean, ’s cuid a dh’fheadhainn òga air a thigh­inn a-staigh bhon dùthaich a cheannach fàinnean no fàbhar­an sna bùthan beaga bha crùbte timcheall air Eaglais Shìlis.

“Dia leat, a Mhic an t-Saoir,” arsa guth.

Gruag phùdraichte, ad thrì-oisneach, aodach fir-lagha agus Gàidhlig Thearach. Mac Leòid Muir­avonside. “Mo bheannachd ort a Mhic an t-Saoir, ciamar an ainm an àigh a ghlac thu e?”

“Ghabh mi a-staigh dhan t-seòm­ar-chunntaidh aige agus thuirt mi, ‘Sir,’ arsa mise, ‘tha mi gur cur an greim,’ arsa mise, ‘an ainm Rìgh Deòrsa.’”

“A Sheàirdseant tha fios a’d glé mhath nach e siud as ciall dhomh. Cuiridh mi mar seo e. Ciamar a fhuair thu mach gur è
a rinn e?”

“Càc goibhre.”

“Gu dé?”

“Càc g——.”

Cha robh am facal á beul a’ Bhàird nuair a stad e oir bha aire an Leòdaich air an speur os an cionn. Bha colbh grànda smùide ag éirigh gu leisg dhan iarmailt bho mheasg nan toglaichean àrda, ’s ceud corrag ga chomharradh.

“Teine!”

Hide Ad

Thug am Bàrd sùil air Caip­tean Cailean, a thuirt: “Thoir leat dà dhuine dheug. ’S an ròpa bh’ air làmhan an Deucoin. Cha bhi esan ’na dhragh sam bith dhuinn tuilleadh.”

Mar a dhlùthaich na fir dhan smùid chaill iad sealladh dhith oir bha na toglaichean àrda a’ toirt dhiubh an speur. Cùirt a’ Phatarsanaich, arsa cuideigin. Clobhs Sheumais, a réir duin’ eile. Bha na fir ’nan ruith seachad air fosgladh nuair a nochd gille fo bhogha. “Tha e ann a-seo!”

Hide Ad

Bha iad ann an lios leathann a’ coimhead tron smùid gu uinn­eag coltach ri beul dubh ás an robh teanga de theine ag imlich a bhilean. Ann am meadhan an lios bha boireannach a’ cromadh air crann tobair, a féithean a’ bolg­adh le spàirn na h-obrach. Chaith am Bàrd a thailbeard an dara taobh agus leum e tron doras, na fir ga leantainn. Ràinig iad cidsin làn smùid far an robh an teine. Thionndaidh fear agus boireannach a choimhead orra le eagal ’nan gnùis. “Gach uair a chuireas sinn uisg’ air na las­raichean tha e leum an àird’ ann an àit’ eile!”

“Tarraibh ás agus fàgaibh againne e. Fheara,” ars am Bàrd ris a’ chomannd aige, “cuiribh greim air na cuinneagan air fad a th’ anns na taighean seo. A Phàra, thoir leat an ròpa ’s thig còmhla riumsa.”

A-muigh san lios, thog am Bàrd a thailbeard. “Dèan seo ri crann an tobair leis an ròp’.”

Bha Pàra ’na sheann iasgair ás an Leth-Bhaile. Cheangail e an tailbeard gu teann ri crann-tionn­daidh an tob­air. B’e a bhuil gun robh e a’ sìneadh a-mach cho fada ’s gun robh rum ann son sianar Ghaidheal fogh­ainteach ag obair gualainn ri gualainn, triùir air gach taobh. “Iorram Loch Obha a mhuinntir mo ghaoil, ’s gheibh sinn de dh’fhìoruisg’ na chuireas ceann air an leusaig tha siud.”

Chaidh an t-sianar an sàs air a’ chrann, ga chur mun cuairt cho luath ’s gun robh seachd cuinn­eagan làn uisg’ aca mun gann a chnagadh tu cnò. “Cuinneag am fear, ’illean,” ars am Bàrd a’ togail té dhiubh, “agus nuair a bhios sinn ann an toll-tòin’-an-donais tha siud, fuirghibh ri facal mus caith sibh e.”

Thàinig an t-seachdnar a-staigh dhan chidsin aon an déidh aoin gun deur a chall ’s sheas iad mu choinneamh nan lasraichean. “Dèan deas – taisbean – teine!”

Hide Ad

Bha faclan na fàithne cho iomchaidh air Latha Nollaig ann an Dùn Éideann ’s a bha iad an uchd a’ bhlàir, ged a bha an nàmh­aid ’s an t-arm le chéile eadar-dheal­aichte. Spùt seachd steallaidhean á seachd cuinneag­an còmhla. PSSSSSSSST, ars an nàmhaid, a’ brùchdadh ceò, ’s chaidh an t-olc dearg ’na uaine.

“A-mach á seo ’illean, dèan­aibh rum do chàch!” Bha sianar eile a’ feitheamh le’n cuid chuinneagan. PSSSSST, agus chaidh an t-uaine ’na dhubh. Thog an ceò a-nis beag air bheag, agus siud air am beulaibh dàrna ciontach an latha, an gèadh ròsta bu mhotha ’s bu loisgt’ a chunnaic iad riamh.

Hide Ad

Nuair a bha an tailbeard air fhuasgladh on tobar chuir am Bàrd air a ghualainn e ’s chuir e fhéin agus na fir an aghaidh ri bràighe na h-Àrd-Shràid. Bha ’n sneachda a-nis geal fo’n casan ach bha iadsan cho dubh ris an Àbharsair. “Gèadh ròsta,” ars am Bàrd, a’ brùnndail ris fhéin. “Sin
a bhios na Pàpanaich ag ith’ air Là Nollaig.”

“Pàpanaich ann no ás,” arsa Pàra, “nach math a rinn an tailbeard.”

“Na h-abair tailbeard rithe, a dhuine. ’S i mo leannan fhìn, Màiri Eile, a fhuaras mar thiomnadh on deagh Bhànrigh Màiri. An leannan bu lugha dragh ’s bu mhotha feum a bh’ agam riamh.” Rinn e lachan gàire, thug e pòg dhan tailbeard, agus sheinn e:

“Sann a fhuair mis’ an toiseach,

Leis an fhortan a bh’ ann,

A’ bhean as dìriche pearsa

Théid a-mach sa chomannd,

’S a dh’ainneoin na h-aoise

Cha dèan i h-aogas a chall —

Cha chaolaich a casan

’S cha mhotha ghlasas a ceann!”

Ann an Taigh a’ Gheàrd b’iad am Bàrd mar sheàirdseant agus Pàra mar chorpalair a’ chiad dhi­th­ist a fhuair gu’n nighe fhéin. An uair sin rinn iad suidhe agus braidseal math teine a’ dol. “Tha sgeul agam mu ghèadh Noll­aige,” ars am Bàrd, “a chuala mi thall ann an Srath Spé. Bha min­istear aca, Maighstir Murch­adh, a bha cho fad an aghaidh cum­ail na Nollaig ’s gun tuirt e bhon chùbaid, ‘Éiridh itean nan gèadh agaibh ’nur n-aghaidh air latha beannaichte a’ Bhreitheanais.’

“Bha cailleach san sgìre, Eal­asaid nighean Seònaid, ’s bha gèadh aicese mu Nollaig. Spìon i e, chuir i teine a’ dol, chuir i air bior e, ’s bhog i ’na shùgh fhéin e gus na lìon am fàileadh an taigh. Sùil gun tug i a-mach ge-tà, có bh’ air an stairsneach ach Maighstir Murchadh!

“Bha i air a dalladh le eagal. Thog i am bior air an robh an gèadh, chaidh i null chun na leapa ’s shàth i a-staigh fo na plaid­ean e. Shuidh i a-rithist ’s thog i a cuigeal. Nochd Maighstir Murchadh san doras . . . Dé?”

“Duilich a Dhonnchaidh ach an cuala tu siud?”

Hide Ad

Fad ás, bha clag a’ bualadh. An clag bu mhìlse guth bha ri chluinntinn an Dùn Éideann. Chuala iad roimhid e ’s bha e toirmisgte.

“Na diabhal Easbaigich,” ars am Bàrd. “Tha iad ris a-rithist. Nach d’thuirt sinn riutha mìle uair, mur dèan sibhse fuaim, cha dèan sinne dragh dhuibh. Ann am Bliadhna a’ Phrionnsa bha sinn a’ losgadh nan taighean-coinnimh ac’ ann an ainm Rìgh Deòrsa ’s chan eil an lagh air atharrachadh ged a dh’ath­arr­aich na timeannan. Ceart a Phàra, se thusa ’s mise na h-aon daoine an-seo a tha glan. Thugamaid a nochdadh na brataich. Màiri Eile ’s do ghunna-sa.”

Hide Ad

Sìos an Àrd Shràid leotha, mosgaid agus tailbeard an àirde, gaoth a-tuath ’nan aghaidh ’s an sneachda ’na beul. Sìos Sràid nam Manach Dubh ’s a-staigh dhan eaglais Easbaigich. Ruith frionas tron choitheanal an uair a nochd iad san doras. Sheas iad gu sàmhach aig a’ chùl, mìothlachd Rìgh Deòrsa ’nan gnùis.

Agus dh’éist iad, an dòchas nach cluinneadh iad dad mu Rìgh thar Chuain. Ach b’e an Leasan
a bh’ ann. “Rugadh dhuibh an-
diugh slànaighear ann am Baile Dhàibhidh, as e Crìost an Tigh­earn’. Agus bidh seo ’na chomh­arradh dhuibh. Gheibh sibh an naoidh­ean paisgt’ ann am brat-speilidh ’na laighe ann am pras­aich.” Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhór de dh’armailtibh Nèimh, a’ moladh Dhé ’s ag ràdh: “Glòir do Dhia sna na h-àrdaibh, ’s air talamh sìth, deagh ghean do dhaoinibh.”

Air an t-slighe air ais bha an sneachda suas ri barriall am bròg­an, ach thuirt Pàra, “Chòrd siud rium.”

“Agus rium fhìn,” ars am Bàrd.

“Inns dhomh a-nist, a Dhonn­chaidh, dé dh’éirich do dh’Eal­asaid nighean Seònaid?”

“Shnot Maighstir Murchadh an t-àileadh, agus theann e ri searmonachadh mu phoitean feòla na h-Éipheit. Am meadhan an teagaisg, nach ann a bhrùchd lasraichean ás an leabaidh!”