Gaelic: Islands on the Edge – Eileanan air an Oir

An-dràsta tha am BBC a’ craoladh Hebrides – Islands on the Edge, agus tha e coltach gu bheil na mìltean air feadh Bhreatainn ga choimhead.

Bidh ceithir prògraman anns an t-sreath. An sin bidh dùil gun tèid e air an èadhar ann an dùthchannan mar Chanada agus Astràilia, agus is cinnteach gun tig na ceudan mhìltean a thadhal air eileanan a tha cho annasach agus gun choimeas.

B’ àbhaist do na h-eileanaich a bhith coma ged nach tigeadh luchd turais a’ spaidsearachd feadh an àite, agus iad an dùil gun cuireadh iad dragh, chan ann a-mhàin orra fhèin ach air an àrainneachd gu lèir. Ach bha e ceart gu leòr do dh’iasgairean agus do shealgairean tighinn ’nam measg.

Hide Ad

Air prògram Choinnich bha Seumas MacLetchie agus Hamish Mac an Tàilleir, a bhios a’ treòrachadh luchd turais air feadh nan Uibhistean agus na Hearadh, ag ràdh gu bheil beachdan air atharrachadh. ’Nam barail, aig aon àm cha robh deònach luchd turais a thàladh ach iadsan a bha an sàs anns a’ ghnìomhachas. Ach a-nis tha am mòr-shluagh mothachail air na buannachdan a thig bho thurasachd anns an fharsaingeachd.

Anns na h-eileanan air an oir chithear eòin a tha beag agus mòr, eadar an druid, an traon ’s an iolaire, agus ainmhidhean mar an coineanach, a’ bhiast dhubh agus an damh ruadh. Tha Niall Levison-Gower (bràthair don Iarla Granville, uachdaran Uibhist a-Tuath), aig a bheil Taigh Òsta Langais, cinnteach gun tig sgaothan de dhaoine bho air feadh an t-saoghail gus eòlas fhaighinn air eileanan a tha prìseil thar tomhais. Is dòcha aig uairean nach bi an aimsir ro mhath, ach mar a chanadh na bodaich, “Thig sìde gun teagamh.”

Related topics: