Gaelic: Fo-thiotalan: fuirich ’s faic

Tha MG Alba ag aithris soirbh­eachais ann an seirbheisean craol­aidh Gàidhlig ged a tha luchd amhairc a’ gearain mu phrógraman a dh’fhaodadh a bhith nas Gàidhealaiche agus iom­airt a’ dol gus barrachd Gàidhlig fhaighinn air BBC Alba.
Tha na fo-thiotalan Beurla a leamhachadh cuid a dhaoine gu ìre s gun stiog iad teip ris an scrionTha na fo-thiotalan Beurla a leamhachadh cuid a dhaoine gu ìre s gun stiog iad teip ris an scrion
Tha na fo-thiotalan Beurla a leamhachadh cuid a dhaoine gu ìre s gun stiog iad teip ris an scrion

San aithisg bhliadhnail aca tha MG Alba a’ comharrachadh 709,000 duine a’ coimhead BBC Alba gach seachdain. Mar bhuidh­eann maoineachaidh agus stiùir­idh, tha MG Alba ag agairt ceannardais air gnìomhachasan cruthachail luach £29.4 millean do econamaidh na h-Alba.

An déidh greis de cho-chomh­airle phoblach ge-tà, tha am buidheann mothachail air laig­sean san t-seirbheis. Sgrìobh an cathraiche aca, Magaidh Choin­eagan, gum feum iad “dèanamh cinnteach gu bheil na prògram­an a’ riochdachadh na misneachd agus a’ bheairteis a tha ann an cultar na Gàidhlig”.

Hide Ad

A dh’aindeoin sin, cumaidh iad ris a’ phoileasaidh a tha aca an-dràsta a bhith a’ cleachdadh fo-thiotalan ann am Beurla a-mhàin nach gabh an cur dheth ach a tha mar gum biodh loisgte air an scrion. A’ freagairt ceis­tean a chaidh a thogail tron cho-chomh­airle tha MG Alba “a’ mol­adh gun tèid cumail le na fo-thiotal­an air an losgadh a-steach ann am Beurla gus an tig an t-àm far a bheil fo-thiotalan roghainn­eil rim faighinn thar gach ùrlar sgaoilidh”.

Thathas a’ gealltainn gun tig piseach air gnothaichean san àm ri teachd, ach tha eagal gu bheil cus fo-thiotalan agus guthan Beurla a’ tighinn a-steach ro thric a’ dèanamh cron air a’ Ghàidhlig.Thuirt Lisa Storey, a tha riochd­achadh na buidhn’ iomairt air-loidhne Gaidhlig.tv, “Se briseadh dùil a th’ ann. Bha cothrom aca cur ás dhan phoileasaidh a thaobh fo-thiotalan Beurla loisg­te. Cha do rinn iad sin. Tha fada cus Beurla ann agus chan fheum e a bhith mar seo.”

Tha Gaidhlig.tv air fianais a chruinneachadh gum faod inbhe na Gàidhlig a bhith ga suarachadh le uiread de Bheurla a bhith ro fhollaiseach. Tha iad cuid­eachd ag ràdh gu bheil fo-thiot­alan Beurla cur sgìths air daoine le Gàidhlig, co-dhiùbh a tha i aca bho thùs gus nach eil, ged a dh’fhaodas fo-thiotalan a bhith cuideachail aig fìor thoiseach an ionnsachaidh. Bidh cuid a’ cur ás do na fo-thiotalan anns an dòigh aca fhein – le bhith a’ cur teip air an scrion gus nach fhaicear a’ Bheurla. Thuirt Maureen Hammond á Farrais: “B’ fheàrr leam telebhisean Gàidhlig gun fo-
thiotalan. Nì teip an gnothach.”

Tha Gaidhlig.tv an dùil ri fuasglaidhean nas cunbhalaiche a thighinn tro theicneòlas a tha ann nan cuireadh BBC Alba gu cleachd e. Chuir iad litir fhosgailte gu Bòrd na Gàidhlig, le leth­bhric gu ùghdarrasan eile, na bu tràithe am-bliadhna ris an do chuir an sàr-eolaiche cànain agus cultair Mórag NicLeòid làmh, cho math ri Aonghas Pàdraig Caimbeul, Aonghas Dubh MacNeacail agus dusan ainm eile a’ riochdachadh farsaingeachd de luchd-amhairc.

Bhathas an dòchas, ged a tha smachd air craoladh ga ghleidh­eadh aig Pàrlamaid Lunnainn, gum biodh Bòrd na Gàidhlig com­asach air beachd a thoirt seachad agus Achd na Gàidhlig a’ gealltainn co-ionnanachd urr­aim don Ghàidhlig ri Beurla. A réir Gaidhlig.tv cha tàinig freag­airt fhathast. Cha d’fhuair An t-Albannach freagairt nas motha bhon Bhòrd ri ceistean air coth­romachd eadar Gàidhlig agus Beurla. Thathas a’ tuigsinn gu bheil am Bòrd fhéin a’ tighinn fo cheistean mun luach agus mun bhuannachd a th’ ann am pròis­eas a chuir Iain Caimbeul air dòigh mus do leig e seachad a dhreuchd mar cheannard an t-seachdain sa ’s gun e ach beagan mhìosan san fhastadh.

Fhuair sinn freagairt slàn ge-tà bho neach-labhairt ás leth co-bhanntachd MGAlba/BBCAlba, a’ daingneachadh gu bheil “conaltradh cunbhalach eadar BBC Alba agus Bòrd na Gàidhlig a thaobh rannsachadh agus leasachadh cànain”.

Hide Ad

Tha BBC Alba a’ dol ás àich­eadh gu bheil fo-thiotalan ’nam fìor dhragh air móran a bharr­achd air 24 ás a’ cheud de luchd-amhairc, a réir an ranns­achaidh aca fhéin. A thuilleadh air dìth airgid, tha iad ag aithneachadh gu bheil dìth chinnt air na ceanglan eadar cànain agus craoladh ’na cnap-starra air a bheil iad ro mhothachail. “Se fìor glè bheag a chaidh a sgrìobh­adh le ùghdarras air a’ cheangal eadar cleachdadh cànain sna meadh­anan, gu h-àraid air tele­bhisean, agus leasachadh cànain.

“Tha cha mhór gach acadeam­aigeach ag aithneachadh cho riat­anach ’s a tha e gun téid inbhe a’ mhion-chànain àrdachadh ann am beatha phoblach na dùthcha, agus gu bheil seanail telebhisean sa mhion-chànan cudromach san obair sin, gu h-àraid ma tha seasamh agus tarr­aing nàiseanta aig an t-seanail. Tha sinn fìor mhothachail ge-tà gu bheil sinn uile feumach air tuigse nas doimhne air a’ cheangal eadar na meadhanan agus leasachadh cànain.”

Thathas an dùil gun can MG Alba tuilleadh mu na cuspairean seo as t-fhoghar.