Gaelic: Feumaidh sinn doimhneachd

SAN lèirmheas annasach a rinn Raghnall MacilleDhuibh air a’ chruinneachadh de sgeulachd­an goirid, Saorsa, foillsichte le Clàr san t-sreath Ùr-Sgeul (2 Màrt) tha e a’ faighneachd a bheil muinn­tir Ùr-Sgeul air dòchas a chall gun lean an iris Gath.

Ged tha mise taiceil a thaobh irisean, ge b’i dè a thach­ras, tha e cudromach gum bi àite ann an leabhraichean, seach irisean a-mhàin, airson sgeulachd­an goirid bho sgrìobhadairean ùra.

Tha Raghnall cuideachd ag ràdh gu bheil e a’ smaointinn nach eil an deasachadh air Saorsa – a tha a dh’aona ghnothach a’ toirt dhuinn diofar seòrsa stoidhlichean – “cho math ’s a dh’fhaodadh e bhith”. Nochd beachd eadar-dhealaichte ann an Northwords Now an-uiridh: “Tha an luchd-deasachaidh air obair ionmhalta a dhèanamh . . . tha an deasachadh fìor mhath a thaobh nan cùisean beaga mar litreachadh, rud a tha cho conn­spoideach cho tric ann am foillseachadh na Gàidhlig (an t-Oll­amh Moray Watson, Northwords Now 21, Samhradh 2012). Tha Clàr taingeil gu bheil sgioba deasachaidh fìor chomasach aca: bha an fheadhainn a rinn obair mhionaideach air Saorsa, mar eis­impleir, an sàs ann an Steall à Iomadh Lòn le Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain agus Beatha Ùr le Niall O’Gallagher.

Hide Ad

Bhiodh e math nam biodh beachdan ann a thaobh brìgh na sgeòil. Ann an saoghal litreachais na Gàidhlig, tha sinn feum­ach air lèirmheasan le beagan doimhneachd. Mar a thuirt aon dhe na h-ùghdaran òga aig a bheil sgeul ann an Saorsa: “Mar sgrìobhadair, tha mi ag iarraidh lèirmheasan a tha brìgheil agus susbainteach.”

Lisa Storey

Rùnaire, Clàr

11 Teal Avenue, Inbhir Nis