Gaelic: Fàilte gu saoghal slàn uaine na ‘bakfiets’

THÀINIG litir o bhunsgoil mo chuid chloinneadh an-diugh. Tha an raon-cluiche a’ cur thairis le fietsen (baidhsagalan) beaga – na ceudan dhiubh a’ càrn­adh suas a h-uile latha – ’s tha iad a’ faighneachd gu modh­ail am biodh a’ chlann deònach cois­eachd chun na sgoile, ma ghabh­as sin dèanamh.

Sin an suidheachadh san Òl­aind, far a bheil sinn a’ fuireach. Sna bailtean móra tha fada cus rothairean gan cleachdadh a-nis, a’ cur stad air an trafaig, ’s air cois­ichean a th’ air an cur thuige gu faighinn seachad air na mìl­tean de fietsen a th’ air am fàgail air feadh an àite (ged a tha 320,000 àite-pàircidh oifigeach aig na stéiseanan a-mhàin).

Tha e toirt gàir’ orm. Abair gum bu chòir duilgheadas mar seo bhith aig a h-uile dùthaich. ’S gum biodh “Tsar Rothaireachd Ghlaschu”, Frank McAveety, toil­ichte na gearanan seo bhith aige.Tha obair mhór aige gus an ìre sin a ruigsinn ge-tà. Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Dùn Éid­eann, mus robh clann agam, b’ àbhaist dhomh baidhsagal a chleachd­adh fad an t-siubhail. Cha robh e furasta, air sgàth nam bràighean, ’s bha e cunnartach, air sgàth an trafaig nach biodh a’ coimhead a-mach air do shon. Ach chòrd e glan rium.

Hide Ad

Cha b’ urra dhomh cumail a’ dol, ge-tà, nuair thàinig a’ chlann. Ciamar a bheireadh tu dithis phàistean mun cuairt air baidhsagal, nuair bhiodh tu daonnan an cunnart a dhol ’nad shilidh sa cheapaire eadar bus nach robh air t’ fhaicinn agus càr nach robh gad iarraidh air an rathad anns a’ chiad àite?

Sheas am baidhg a Luan ’s a Dhòmhnach anns a’ ghàradh, a’ meirgeadh. Sguir na busaichean a ghabhail ri pramaichean, ’s cha robh doigh ás agam ach càr a cheannach. Dh’fhàs mi coltach ri càch, an earbsa càr, a’ cruinneachadh tiogaidean pàircidh ’s a’ cur orm cudrom.

Sann an uair sin a thachair e.
B’ fheudar dhan duin’ agam obair a ghabhail anns na Tìrean Ìsle. Thagh sinn baile beag Duitseach, agus chuir sinn a h-uile rud a bh’ againn air bàta.

Ach a-mhàin an càr. Bha mi air dealbh fhaicinn de bhakfiets. Se rud gu ìre ùr a th’ ann am bak­fiets – baidhsagal fada le nàdar de bhara-cuibhle romhad far an suidh grunn chloinne, cù, bùth­adaireachd, gu dearbh fhéin dad sam bith a thogras tu suas ri 80kg. Aig €1,750 cha robh e saor. Ach b’e an roghainn as fheàrr a rinn mi ’nam bheatha.

Bidh sinn a’ dol a h-uile h-àite oirre, mi fhìn ’s a’ chlann. Dhan sgoil, dhan supermarkt, làithean a-mach, sgrìoban fuara ’s am mull­ach oirre, sgrìoban briagha grian­ach barra-fosgailte. Fiù ’s corra sgrìob san t-sneachda, ach tha
sin beagan eagalach (thathar a’ feuchainn a-mach ceum-baidhsagail teasaichte ann am baile neo dhà). Gu ruige seo tha mi air a cleachdadh gus imprig a thogail, àirneis flatpack thoirt dhachaigh bhon stéisean, preasaich­ean agus fiùs preasan a ghluasad, mo nighean a thoirt dhan ospadal nuair a thuit i ’s a ghoirtich i i fhéin, mo mhac a thoirt chun an dotair ’na laighe fo bhlangaid, triùir phàistean a ghiùlan (iom­adh uair), agus mo phiuthar Anna a thoirt air chuairt (aon uair, ach cha do chòrd e rithe).

Chuireadh e iongnadh ort uiread de dhaoine ’s a gheibh
air aon bhaidhsagal àbhaisteach. Tha iomadh cleas aig a h-uile mac màthar, ach gus a-seo, cha do dh’ionnsaich mi fhìn falbh oirre ’s mi a’ cumail greim air dàrna rothair, air flùraichean, air umbrella, neo air rudeigin mór air cùl an t-suidhe.

Hide Ad

Thathar ag ràdh gu bheil sgrìob sam bith san Òlaind fo thrì chilomeatair nas luaithe le fiets na le càr. Tha mi cinnteach gu bheil. Bidh thu ’g itealaich mun cuairt air fietspad (ceum-baidhsagail), na càraichean a’ stad air do shon, prìomhachas air timcheallain (chan ann san lagh, ach ann an da-rìribh), glé bheag a’ cur stad ort mus ruig thu ceann do thurais. Cha robh mi ga chreidsinn an toiseach – bhithinn a’ stad a h-uile triop
a chithinn càr a’ tighinn gam ionn­saigh, stadadh iadsan, agus shuidheamaid uile a’ coimh­ead càch-a-chéile mar gun robh an duin’ eile ás a chiall. Beag air bheag dh’ionnsaich mi gun robh prìomhachas agam cha mhór anns a h-uile suidheachadh.

Tha trì rudan móra air cùl seo: bunstructar, strict liability, agus dearg àireamh nan rothairean. Cha tig an rud mu dheireadh ás aonais a’ chiad dhà. Se deagh lìon de fietspaden a thogail an rud as cruaidhe. Air rathaidean móra sna bailtean an seo san Òlaind, tha an rathad àbhaisteach agad, pàirceadh ri thaobh, rathad air leth dha na rothairean, agus as déidh sin an cabhsair. Gach nì air leth (fiù ’s air na timcheallain). Gun bhanaichean a’ pàirceadh air rathad nan rothairean. Gun dorsan nan càraichean a’ fosg­ladh ort gun rabhadh. Gun bus­aichean agus tagsaidhean gad phut­adh far an rathaid. Nèamh.

Hide Ad

Nuair thill sinn a Dhùn Éid­eann air làithean-saora an-uir­idh, thug Calum beag sùil mun cuairt agus thuirt e: “Cà bheil na fietspaden?” Cha robh e tuigsinn car son nach biodh iad ann.

Tha rud eile dhìth air McAv­eety ge-tà. Car son a tha prìomhachas aig luchd nam baidhsagal­an, a bharrachd air riaghailtean an rathaid? Strict liability. Siud an riaghailt a chanas, ma tha tub­aist ann, gu bheil a’ choire daonnan air dràibhear a’ chàr. Abair gu bheil dràibhearan faiceallach an uair sin. Tha an riaghailt aig na dùthchannan Eòrpach air fad ach an Rìoghachd Aonaichte, Éir­inn, Cyprus, Malta agus Romàinia.

Tha obair mhór ri dhèanamh ann an Glaschu, ’s ann an Alba gu léir, ach is d’fhiach e. Bha mi beò an Dùn Éideann le dithis òga, a’ faighinn bho A gu B glaist’ air cùl uinneagan, a’ pumpadh a-mach salchair, buileach stuigte. A-nis tha mi saor agus sona a-rithist, na dearbadain-dé ag itealaich seachad air m’ aodann, na nàbaidhean ag eughach haló bho thaobh eile na sràide, mo chasan a’ gluasad, mo chliabh làn de dh’èadhar glan.