Gaelic: Dè dh’èirich do Dhòmhnall MacCoinnich?

THA an Seann Tiomnadh ag innse gun do stad an Àirc aig Noah air Beanntan Ararait nuair shìolaidh na h-uisgeachan.

Thar nan linntean tha na mìltean air a bhith air am beò-ghlacadh le bhith a’ fiachainn ris an dearbh àite anns an do shocraich i a lorg. Cha deach le duine fhathast.

Ann an 2010 rinn Dòmhnall MacCoinnich á Steòrnabhagh an oidhirp. Dh’fhalbh e gu taobh an-ear na Tuirc agus rinn e air Beanntan Ararait. Cha do thill e riamh ’s cha d’fhuaireas sgeul air.

Hide Ad

A-nis tha a bhràthair Derick air cuairt a ghabhail a-null fiach am faigh e sgeul air. Ga leantainn tha sgioba bho BBC Alba. Rinn iad film a tha glè inntinneach, air aithris gu fileanta le Aonghas Padraig Caimbeul. Chaidh Derick gu Doguazitbay, baile air a’ chrìch eadar an Tuirc agus Iran. Bha e leis fhèin, cha robh neach ga threòrachadh ’s cha robh cead aige. Bhiodh na Kurdaich sìos air Crìostaidh sam bith. Tha an t-àite timcheall cunnartach agus a’ cur thairis le gadaichean, reubaltaich agus saighdearan Kurdach a tha an aghaidh an Riaghaltais. Aig an àm bha an sìde mosach, gruamach, ’s bha beathaichean fiadhaich mun cuairt. Bhruidhinn Derick ri cuid a chuir eòlas air a bhràthair agus tha am beachdan fhèin aig feadhainn air gu dè a thachair.

Cuirear an sgeul air TBh anns an Tuirc, agus tha Derick an dòchas gun dùisg e cuimhne agus gum faigh e fuasgladh air mar a chaill e a bhràthair.