Gaelic: Cruachan mòna ’nan obraichean ealain – tha fhios gu bheil

CHAN eil cho fada bho bha cruach mhòna ri taobh gach dachaigh. Mar bu trice bhiodh i air a togail gu snasail, le gnìomh­adh cothromach ’s am mullaich air an sglèatadh son gun sruthadh an t-uisge dhith.

Is iomadh greis­eag a chuir m’ athair seachad ris an obair agus se a bhiodh moiteil nuair a bhiodh i deiseil, a h-agh­aidh ris an tuath agus a cùlaibh ris an deas. An-diugh chan eil cruachan mòna ach tearc oir tha i air a buain le inn­ealan a shadas a-mach, chan e fàdan, ach cnap­an fada cruinn, coltach ri ìsbeanan.

Bliadhnachan air ais, mhoth­aich an Dr Fionnlagh MacLeòid gun robh taisbeanadh ann an Gailearaidh an Tate, ann an Lunnainn, le Carl André, de chàrn de bhreigichean a bha air a mheas mar obair ealain. Bha Fionnlagh den bheachd gur e obair ealain, gu dearbha, a bhiodh ann an cruach mhòna agus air dha tagradh a dheanamh dh’aontaich iad tè a chur suas anns an Lanntair.
Thuirt Ruairidh Moireach, stiùir­iche an Lanntair: “A-nis tha
cruach a tha snasail còig-deug troigh ann am faid agus ochd ann an àird ri faicinn. Le bhith ga cur ann an gailearaidh tha e toirt air daoine beachdachadh air mar a bha obair na mòine a’ bualadh air beatha nan Gaidheal.”

Hide Ad

A’ cur gu mòr ris an taisbeanadh tha dealbhan bho na com­ainn eachdraidh a tha a’ sealltainn obair na mòna thar nan linntean.

Rud inntinneach, tha an t-arc-eòlaiche Anna Chaimbeul a’ tagh­adh faclan, abairtean agus seanfhaclan co-cheangailte ris an obair. Chan fheumadh a’ mhòine a bhith gann. Chanadh iad, “Tha na brògan an ceann shìos an taigh-mhòna.”