Gaelic: Craoladairean comasach

GED a tha cus de phrògraman air an ath-aithris air BBC Alba, le cion maoineachais, tha a’ mhòrchuid de na tha ri fhaicinn brìoghmhor, ciallach agus nas fheàrr na an smodal a chithear gu tric air a’ chòrr.

An dèidh còig bliadhna tha àireamhan luchd amhairc a’ dol an àird agus a-nis tha na mìltean ga choimhead air iPad agus air uidheaman didseatach eile.

Gun teagamh tha beàrnan ann, oir chan eil dràma neo comadaidh ann fhathast, agus tha e cosgail dealbh-chluich a chur air an èadhar. A bharrachd air a-sin chan eil mòran ann do dheugairean, ged a tha Rapal tarraingeach don fheadhainn as sine. Tha fèill mhòr air, agus tha am prògram Gleusda feumail dhaibhsan a tha nas òige.

Hide Ad

Nach math gu bheil feadhainn den luchd-aithris a-nis a’ craoladh ann am Beurla air na prògraman naidheachd aig a’ BhBC. Bidh dà chaileag bhòidheach, Ciorstaidh NicDhòmhnaill agus Sarah Cruickshank, air a bheil sinn eòlach, ag innse dhuinn gu pongail ’s gu siùbhlach air BBC1 gu dè an t-sìde a tha romhainn. Agus tha luchd-naidheachd tàlantach mar Alasdair Friseal agus Niall O’Gallacher a’ craoladh anns an dà chànain.

’S gu dè mu Andreas Wolff, a tha ioma-chànanach? Ged as ann á Berlin a tha e, dh’ionnsaich e Gàidhlig ’s tha e a’ còmhnaidh sa Chonghail. Choisinn e Bonn Òir Tìm an Òbain aig a’ Mhòd ann an 2012 agus bidh e gu tric ag aithris air BBC Alba agus air BBC1. Fhuair e duais air son craoladh bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tormod E Dòmhnallach