Gaelic: Còirichean cànain – có bhios gan cleachdadh?

BHA còirichean cànain gu mór sna naidheachdan ann an Éirinn o chionn ghoirid. Bha a’ Ghaeilge san spot-sholas air sgàth “Seachd­ain na Gaeilge” agus an déidh do dh’aithisg bhliadhnail a’ Chomiseanair Chànain fhoillseachadh gun deach fear òg ann am Baile Átha Cliath a chur an làimh air sàillibh Gaeilge a bhruidhinn.

Stad garda síochána (poileasman) e air sgàth chùisean traf­aige. Chaidh a chur an glas-làimh ’s a thoirt chun an stèisein – ged a bha a’ chòir reachdail aige Gaeil­ge a bhruidhinn, ’s ged a tha e deatamach do gach garda meas­adh Gaeilge a dhèanamh mus téid a leigeil a-steach do Chol­aiste nan Gard – far an dèan e sgrùdadh air a’ Ghaeilge, am measg nan cuspairean eile.

Ach an e cleachdadh cumanta tha sin? Dé seòrsa chòirichean cànain ris am faod dùil a bhith aig Gaidhil na h-Éireann?

Hide Ad

Tha mise a’ fuireach anns an Spidéal, sgìre Ghaeltacht ann an “roinn-seòrsa B” timcheall air deich mìle bho Chathair na Gaillimhe. Se cànan an t-sluaigh a th’ anns a’ Ghaeilge fhathast san Spidéal, ged nach eil móran dòchais ann gun cum sin air aghaidh tòrr nas fhaide. Tha trì adhbharan ann – labhraichean dùthchasach a’ tionndadh chun na Beurla, daoine gun Ghaeilge a’ gluasad a-steach, agus clann gan togail gu cumanta le Beurla – ach se sgeul eile tha sin son latha eile.

Ghabh sinn còmhnaidh air bruach an-ear Abhainn Bhoth Loisc­the. Air ar cùl tha an fhìor-Ghaeltacht as motha ’s as làidire a th’ air fhàgail an Éirinn. Air ar beulaibh tha leth-Ghael­tacht a’ leaghadh air falbh gus a bheil thu ann an Éirinn Ghalld­aichte.

Seo an loidhne thoisich anns a’ chath chànain. Seo far a bheil an cogadh gnàthach ga shabaid fhathast an déidh 800 bliadhna agus far a bheil an loidhne ga gleidheadh, mas ann air éiginn. Air thoiseach oirnn tha Gaidhil ann fhathast gu cinnteach, ach se cogadh “guerilla” a tha a’ dol acasan.

A dh’aindeoin sin, se mion-chuid a th’ annainne a tha togail cloinne le Gaeilge air an taobh an-ear de dh’Abhainn Bhoth Loiscthe, chan ann mar a bha an sgeul deich bliadhna air ais.

Tha a’ Ghaeilge làidir gu leór san Spidéal ge-tà. Is urrainn do phàiste a bhith beò gun Bheurla, agus gach uile duine toileach a bruidh­inn ris neo rithe.

Faodaidh seirbheisean a bhith meadhanach, ach cha bhochd an sgeul daonnan. Thàinig litir bho na seirbheisean slàinte air a’ mhìos a chaidh mu dheidhinn coinneamh ris a’ bhanaltraim.Litir Bheurla.

Hide Ad

Air an là, chaidh sinn a-steach. Bha sinn a-staigh a’ fuir­each, mo nighean gu math nèarbhach. Thàinig a’ bhanaltraim a-steach agus labhair i Beurla ri mo nigh­ean. Caoineadh, eagal an toradh air sin. “Chan eil móran Beurla aice,” mhìnich mi.

“OK, math gu leór – Gaeilge mar sin,” ars a’ bhanaltraim agus lean i air adhart gu seirbheis glé mhath a thoirt dhuinn anns a’ Ghaeilge, ged nach robh a’ chàn­an aice bhon chreathall.

Hide Ad

Gun robh mìle math aice agus tapadh leibh a Phoblachd na h-Éireann.

Se cuspair trom-chùiseach tha seo. Is tric a chuala mi mu phàis­tean a chaidh am breithneachadh “duilgheadasan ionnsachaidh” a bhith orra a chionns nach robh Beurla gu leór aca.

Cha robh cùis-ghearain ag­ainne. Ach beagan làithean an déidh sin bha mi ann an Oifis nan Sochairean Sòisealta an Gaillimh. Mhothaich mi do bhodach a chuimhnich mi fhaicinn air a’ chidhe. Chaidh e a bhruidhinn aig an deasg. Bha e doirbh dha. Cha robh Beurla mhath aige.

Ach nach eil Beurla mhath aig gach duine anns a’ Ghaeltacht? Nach bu chòir dhuinn meas a bhith againn air neach-labhairt na Beurla agus dìreach Beurla a bhruidhinn?

Mus deach mi a chòmhnaidh dhan Ghaeltacht cha robh teagamh agam nach robh Beurla mhath aig gach uile duine ann – ach chan eil!

Chan eil aon duine gun Bheur­la anns a’ Ghaeltacht an-diugh ach is iomadh duine nach eil ga bruidhinn gu math.

Hide Ad

Mar sin, chaith am bodach leth-uair gun toradh a’ feuch­ainn ri rudan a shoillearachadh ris a’ bhean òg aig an deasg. Chan eil fhios agam an deach leis aig an deireadh, ach tha mi ’g ràdh gun robh duilgheadasan aige.

Sin an taobh eile dhen sgeul – brù mhór air muinntir na Gael­tachta gu Beurla a chleachdadh ’s iad an conaltradh ris an stàit.

Hide Ad

A-nis, bha a’ chòir reachdail aig an fhear seo seirbheis tron Ghaeilge iarraidh. An d’rinn e sin?

A dh’innse na fìrinn, chan eil mi a’ smaoineachadh gun do dh’iarr. Dh’fhaoidte gur e sin a’ cheist as motha mu chòirichean cànain ann an Éirinn. Gu bheil iad ann, ach nach eil sinn toil­each an cleachdadh.