Oir tha gach eilean eadar-dhealaichte. Tha iomadh cultar ann, ach tha iad coltach ri chèile an iomadh dòigh.
Thàinig sinn á Cyprus, Majorca, Astràilia, Estonia, Indonesia, Taiwan, Croatia, Ukraine, Èirinn, an Fhraing, Iapan, na h-Innseachan, Hong Kong, an Tuirc, an Eilbheis, Gotland, Portugal agus Alba. B’e an cuspair-cinn “Dualchas ’s Cleachdadh air Eileanan”, agus thug aithrisean ioma-fillte iomradh air ealain, dòigh beatha, econamaidh agus dualchas na poileataigs. Tha litreachas agus eachdraidh air buaidh a thoirt air fèin-aithne eileanaich, agus chaidh cuid de na h-atharraichean sin a mhìneachadh. Bhathas a’ sgrùdadh poileasaidhean, seasmhachd, bun-bheachdan ùra, tuigse ’s dòighean eadar-dhealaichte air son an cur an gnìomh.
Advertisement
Hide AdAnns a’ phrìomh òraid, “Islands: Identity, Mythology, Religion and Customary Practices”, a rinn Stephen Royle, Queen’s University Beul Fearst, thug e iomradh air cho cudromach ’s a bha e, far an robh an t-eilean suidhichte san fhairge, a rèir nam mòr-thirean a bha a’ toirt buaidh air. Thàinig e tric an làthair anns na h-òraidean gun robh dualchas agus cleachdaidhean nan eileanan a bha faisg air na mòr-thirean a’ dol á bith nas luaithe. Mar a b’ fhaide a bha na h-eileanan bho tir-mòr sann a b’ fhaide a bha a’ choimhearsnachd a’ cumail an dualchais.
Thog òraid a rinn mi fhìn agus Cairistìona NicAoidh, a’ coimeas Eilean Leòdhais ’s Eilean Luinn, an dearbh cuspair seo. Chum sgìrean ann an Leòdhas cleachdaidhean an dualchais ri linn an t-astar a tha an t-eilean bho tir-mòr na h-Alba. Ged a tha an àireamh a tha bruidhinn na Gàidhlig ann an Leòdhas nas lugha sa chunntas-sluaigh mu dheireadh, bha i nas àirde na eilean sam bith ann an Earra-Ghaidheal.
Ged se Luinn as fhaide deas de na h-eileanan far a robhas ri mèinneadh sglèat, cha robh a rèir Cunntas-Sluaigh 2001 ach 3.3 sa cheud a bhruidhneadh Gàidhlig. Aig deireadh an 19mh linn se Ghàidhlig a bh’ aig a’ mhòrchuid de na bha ri obair na sglèat. An uair a shearg an gnìomhachas, shearg a’ Ghàidhlig ’s an dualchas.
Se an cuspair a bha aig Owe Ronstrom á Oilthigh Gotland cultar agus dòigh àraich a thug dreach eadar-dhealaichte air eileanaich. Bhruidhinn e mun iomadh seòrsa daoine a dh’fhaodadh a ràdh gur e eileanaich a tha unnta: teaghlaichean far an robh na ginealaichean romhpa a’ fuireach ’s ag àiteach air an eilean, daoine a tha a’ fuireach air an eilean, daoine a tha a’ tighinn as t-samhradh, agus daoine aig a bheil taighean air an eilean far am bi iad a’ fuireach air son coladeug sa bhliadhna.
Se ceòl seann nòs á Timor an-Ear an cuspair a bh’ aig Ros Dunlop. Ri linn structar nan teaghlaichean ’s na coimhearsnachd, ghlèidh iad an dualchas a dh’aindeoin feachdan agus riaghaltas a thug fo smachd an dùthaich aca. Chaidh cur ris an òraid aig Ros Dunlop ri linn an iomraidh ioma-meadhain a rinn Martin Wesley-Smith mu na daoine a bha, agus a tha, a’ fulang ri linn nam feachdan a ghabh smachd air Timor an-Ear anns na deich bliadhna a chaidh seachad.
Se ceòl eileanach an ceann a bha aig Asli Giray, Eastern Mediterranean University, agus Andres Kuperjanov bhon Estonian Literary Museum. Bha Andres a’ bruidhinn air òrain aoir, agus thuirt e, “You can get into a song but try to get out of it!”
Advertisement
Hide AdTha làn thuigse aig “Island Dynamics” gum bi dòigh-beatha eileanaich ag atharrachadh ri linn cumhachd feachdan cogaidh, cleachdaidhean culturail, na meadhanan agus teicneòlas. Ach dè nì sinne mar eileanaich son tuigse a thoirt do dhaoine air an dòigh-beatha shònraichte aig eileanaich? Cha mhair an dualchas gu sìorraidh. ’S maithte gur e teicneòlas aon dòigh air a thoirt gu aire nan daoine.
’S dòcha gur e an cunnart as motha gu bheil coigrich a’ tighinn dha na h-eileanan a chlàradh an dualchais ’s a’ toirt droch bhuaidh air an fhìor eachdraidh ’s air cleachdaidhean na dualchais. ’S tric a tha dreach as ùr air ar n-eachdraidh, ar cleachdaidhean ’s ar cultar nuair thèid a sgrìobhadh bhon “taobh a-muigh”.
Advertisement
Hide AdThàinig an co-labhairt gu bith ri linn co-obrachadh eadar an East Mediterranean University, an Institute for Anthropological Research, Zagreb, agus an Centre for Nordic Studies, Oilthigh na Gaidhealtachd ’s nan Eilean.