Gaelic: ‘Chan eil ceòl ag aithneachadh crìochan eadar daoine’

Seonaidh caimbeul a’ bRuidhinn ri Niall MacGriogair, fear trusaidh beul aithris agus jazz.

Ged a tha an rum-’s-cidsin aige an Dùn Éideann a’ cur thairis le leabhraichean, deilbh, ionnstramaidean ciùil ’s na ceudan thar cheudan de sheann chlàraidh­ean jazz, tha e follaiseach gur e fìor fhear-cruinneachaidh a tha ann, oir tha òrdugh air a h-uile nì. Nach eil e doirbh smachd a chumail air gnothaichean?

“Tha àite don a h-uile nì agus gach nì ’na àite fhéin ach chan eil feum sam bith ann an cumail rudan gun a bhith gan cleachd­adh! Sann tro bhith a’ cluich na seann chlàraidhean a tha thu a’ cuimhneachadh cò tha a’ cluich orra, cuin a chaidh an clàradh ’s mar sin air adhart. Aig a’ cheart àm, feumaidh tu bhith faiceall­ach gun a bhith cluich fear seach fear dhiubh ro thric, ’s tha agad ri prìne ùr a chleachdadh a h-uile turas a chluicheas tu 78.”

Hide Ad

Nach biodh e nas fhasa an cruinneachadh a làimhseachadh nan robh lethbhric dhiubh agad air compiutair, neo co-dhiù air CDaichean?

“Cha dèan duine sam bith a chuala deagh ghramafón nì cho faoin sin! Gheibh thu blàths agus doimhneachd agus cruinnead fuaim ás na seann chlàraidhean 78 nach fhaigh thu asta ann an cruth didseatach. Tha fios gur e fuaim car lag, tana a tha tighinn
á gramafón beag den t-seòrsa a bha furasta ghiùlain o àite gu àite. Ach bha an fheadhainn mhóra gan dèanamh le sùil air leasachadh eòlas fuaim as ùr aig an àm agus abair gu bheil fuaim mìorbhaileach a’ tighinn asta. Tha fear agam an seo le dorsan air a tha agam ri’n cumail dùinte eagal ’s gun cuir mi ’n cuthach air na nàbaidhean leis cho mór ’s a tha am fuaim a thigeadh ás.”

Thug thu co-dhiù 40 teip do Sgoil Eòlais na h-Alba, a rinn thu leis a’ ghinealach as sine ann an Srath Spéidh ’s Siorrachd Pheairt a’ bruidhinn air eachdraidh ’s an dualchas Gaidhealach. Nach eil astar mór eadar sin agus jazz?

“Chan eil ceòl ag aithneachadh crìochan eadar daoine. Dh’ éirich Jazz am measg muinntir New Orleans agus sgaoil e mar a sgaoil beul aithris nan Gaidheal. Chluicheadh iomadh còmhlan dannsa Albannach jazz cuid­eachd bho na ficheadean air adh­art, agus is iomadh deagh sheis­ean anns an robh clarinet no saxophone ri cluinntinn cho math ri fidheall, bogsa-ciùil agus organ-beòil, mar as léir do dhuine sam bith a bha riamh ann am baile Ché aig àm na féis-chiùil!”