Gaelic: Cearbain, naoimh, srathspéithichean agus eòin neònach

BHA Gavin Maxwell a’ spadadh chearban son an cuid ola mus do theann e ri dóbhrain altram
St Kilda. Picture: Ian RutherfordSt Kilda. Picture: Ian Rutherford
St Kilda. Picture: Ian Rutherford

CHAN eil fada bho thug mi iomradh an seo air Hebridean Sharker le Tex Geddes, a thàinig a-mach an toiseach ann an 1960 ’s a dh’ath-fhoillsicheadh le Birlinn ann an 2012. Seo a-nist leabhar eile mun aon chuspair, Harpoon at a Venture le Gavin Maxwell, a thàinig a-mach an toiseach ann an 1952 ’s a dh’ath-fhoillsicheadh le Birlinn an-uiridh (£9.99).

Car son a thug Birlinn an dà leabhar a-mach anns an òrdugh cheàrr chan eil fhios a’m. Is dòcha gun robh barrachd tàire aca a’ ceannach nan còireannan ri leabhraichean Maxwell, a choisinn cliù nach beag a-rithist le Ring of Bright Water.

Hide Ad

Ann a Harpoon at a Venture tha e ag innse mar a stéidhich e sealg nan cearban mar ghnìomh­achas anns na h-eileanan, ag obair a-mach á Eilean Shòaigh, anns na bliadhnachan as déidh a’ chogaidh, 1945–49. Bha an iom­airt ’na cogadh de sheòrs’ eile, a’ cleachdadh cuid de na h-aon sgilean, na h-aon mhiannan, na h-aon bhàtaichean, fiùs na h-aon ghunnachan – bha Maxwell air a bhith ’na mhàidsear ann a Spec­ial Operations.

Rinn e aon mhearachd mhór ge-tà: ghabh e ri comhairle gum bu chòir a h-uile pàirt den chearban, ’s chan e an grùthan luachmhor a-mhàin, a chur gu feum; mar sin, bha aca ri gach cearban a shlaodadh air ais chun an fhactaraidh a thog e ann an Sòaigh. An uair a bha Geddes an sàs sa chiùird air a cheann fhéin ann an 1948–53, an déidh bhith ’na bhall suaicheanta de chriutha a’ Mhacsualaich, cha ghabhadh esan ach an grùthan – bheireadh e ás e air a’ bhàta, ’s chaitheadh e an closach air ais dhan mhuir.

Tha e furasta fhaicinn, ma-tà, gum bu chòir Hebridean Sharker a leughadh as déidh Harpoon at a Venture. Tha an dà leabhar le chéile sgoinneil. Ma tha stamag agad dhan dàrna fear, bidh stamag agad dhan fhear eile. Ach chithear san leabhar aigesan car son a chaidh Maxwell an sàs an déidh sin ann an creutairean a shàbhaladh seach am marbhadh: “The sea and the open sky, the sharks and whales and seabirds, were the Sea Leopard’s background, and my own diary, when I had leisure to write it, is concerned with each almost equally.”

Bu chòir do thrì seòrsaichean daoine Harpoon at a Venture a leughadh (neo ath-leughadh): iadsan aig a bheil ùidh ann an eachdraidh leasachadh na Gaidh­ealtachd ’s nan Eilean; iadsan a tha déidheil air gaisgeachd an àird a’ chuain; agus Sgalpaich.

Sgalpaich? A chionns gu bheil tòrr aig Maxwell ri ràdh san dà chaibideil mu dheireadh air muinntir an eilein, ’s cha b’e idir mìomholadh. “The people,” tha e ’g ràdh, “were for the most part of an unusual beauty...”

CHAN eil mi cinnteach a bheil Scottish Studies, iris “oifigeil” Sgoil Eòlais na h-Alba, eadar-dhealaichte ri irisean sgoilearach eile, ach a h-uile turas a nochdas e, bidh mi a’ mothachadh gu bheil aon airtigeal a’ seasamh a-mach os cionn a’ chòrr. Tha e a’ tachairt a-rithist le àireamh 36, a dh’fhoillsicheadh bho chionn ghoir­id, oir tha ‘Reeling in the Strathspey’ le Uilleam Lamb den t-seòrsa a bhios air a chuimhneachadh ’s air a thilleadh thuige a-rithist ’s a-rithist.

Hide Ad

Tha an teachdaireachd aig Uilleam sìmplidh gu leór. Tha iad ag ràdh gun do rugadh an seòrsa puirt ris an abrar an “Srath Spé” am measg fìdhleirean Spéith­each san 18mh ceud. Cha do rug­adh, tha Lamb ag ràdh. Tha freumhan an t-“Srath Spé” nas doimhne ’s nas aosta ’s iad ri’n lorg sna seann òrain Ghàidhlig. “The ‘strathspey’ could be said to hark back to an historical association of language, melody and movement that once existed in Gaelic society... For most of its life as a nation, Scotland is likely to have had a higher proportion of Gaelic speakers than any other language. The strathspey appears to be one of the many inheritances engendered by this legacy.”

Chithear, mar sin, gu bheil an aiste aig Lamb cho leathann ’s a tha i domhainn, ’s i toirt leatha smuaintean agus eòlas a tha luachmhor co-dhiùbh tha ùidh againn ann an “srathspéithichean” gus nach eil.

Hide Ad

Ann an dòigh se “ceòl Gàidhlig ’s an còrr” cuspair na h-iris air fad. Tha Per Ahlander a’ sgrùd­adh beachd a chaidh a thogail an toiseach le Marjory Kennedy-Fraser, gu bheil buaidh nan òran Gàidhlig ri h-aithneachadh anns a’ Fliegende Holländer aig Wagner. Tha e a’ toirt dhuinn facail Fhir Chanaigh: “What rubbish that Wagner reference of Mrs K.F. It shows that there is no limit to the drivel that devotees of the Celtic Twilight can and could talk.” Ach a réir choltais tha rudeigin anns na thuirt Marsaili. Nach math nach eil sinn uil’ air ar roinn ’nar campaichean tuilleadh.

Tha Virginia Blankenhorn a’ sgrùdadh an dòigh a bh’ aig Uilleam MacMhathain air cuid de na h-òrain Ghàidhlig as sine a ghabhail – an fheadhainn san t-seòrsa meadarrachd ris an abrar “bàrdachd”, “bàirdne” no strophic, mar ‘Thriall bhur Bunadh gu Pharao’ aig Eachann Bacach, ‘A Bhean Leasaich an Stòp Dhuinn’ aig Iain Lom neo ‘Mo Bheud ’s mo Chràdh’ aig Màiri nighean Alas­tair Ruaidh. Agus tha Joshua Dickson a’ coimhead air a’ phàirt chudromach a bha aig boir­eannaich ann an dualchas na pìob­air­eachd mar sheinnead­airean canntaireachd. “Feadair­eachd bhan agus gairm chearc, dà nì toirmisgt’...” A-rithist, nach math a bhith beò ann an linn a chuir a chùl ri seann lethtaobhan gun chiall!

Aig an deireadh tha dà airtig­eal bheag aig nach eil ceangal ri ceòl idir, ach a tha a-cheart cho inntinneach ris a’ chòrr: Emily Lyle air ‘The Good Man’s Croft’ – mar a bhithte a’ cumail pìos fearainn gun àiteach gus an deamhan (am “fear math”) a chumail air a dhòigh – agus Carol Zall air ‘Learning and Remembering Gaelic Stories’. Bhiodh Carol a’ faighneachd do Bhràighean Stiùbhart ciamar a dh’ionnsaich ’s a chuimhnich e na sgeulachdan aige, ’s tha i toirt iomradh air na freagairtean. Tha e iongantach mar a theireadh e rudan sònraichte gun an tuig­sinn leis mar bha ròs aige gun robh iad cudromach. “Fear agus filidh”, mar eisimpleir. B’e Dòmh­nall Èirdsidh Dòmhnallach a chuir air shùilean do Charol gur e bh’ ann ainm bàird: Fearghas Filidh!

Tha Scottish Studies a’ cosg £12 ach tha e cuideachd ri fhaot­ainn air-loidhne: http://journals.ed.ac.uk/scottishstudies

THA tarraing an-còmhnaidh ann an leabhraichean mu Hiort. Ann an 1764 sgrìobh Coinneach MacAmhlaigh, Hearach a thug greis ’na mhinistear san eilean, an treas den t-seòrsa: The History of St Kilda.

Cha do leugh mi riamh e mus tug Birlinn a-mach a-rithist e an-uiridh (£7.99). Ach a dh’innse na fìrinn, bha adhbhar eile agam gu bhith feòrachail. Oir bha fhios a’m glé mhath dé ’m beachd a bh’ aig Samuel Johnson agus James Boswell mun leabhar. Ann an 1773 thug iad oidhche fo chabair MhicAmhlaigh ann am mansa Chaladair, agus sgrìobh Boswell: “From his conversation Mr Johnson was persuaded that he had not written the book which goes under his name. I myself always suspected so. Mr Johnson said there was a combination in it of which MacAulay was not capable, and he said to me privately, Crassus homo est.” (Duine curs a th’ ann).

Hide Ad

Uair eile, a réir Boswell, thuirt Johnson gum b’e a bh’ ann am MacAmhlaigh “the most ignorant booby and the grossest bastard”!!!

Uill, chòrd an leabhar rium, dh’ionnsaich mi móran, ’s cha do dh’fhàg an t-ùghdar droch bhlas sam bith ’na mo bheul-sa. Saoil­idh mi gu bheil mi tuigsinn an dà rud a ghabh ar laochain san t-sròin. An combination an tois­each: cha robh Laideann Mhic­Amhlaigh cho math ris an Laidinn san leabhar. (Sna làith­ean sin dh’fheumadh Laideann a bhith san leabhar agad neo cha b’ fhiach thu smugaid.) Chì thu an aon rud a’ tachairt an-diugh nuair tha a’ Ghàidhlig ann an leabhar nas fheàrr na a’ Ghàidhlig a bhruidhneas an t-ùghdar. Tha fios againn có a chuidich MacAmhlaigh – an Dotair Urr. Iain Mac a’ Phearsain, ministear Shléite. Feumaidh gur e Mac a’ Phearsain a sgrìobh na notaich­ean-coise foghlaimte.

Hide Ad

Ach am masladh pearsanta? Thuig mi siud nuair a leugh mi beachd MhicAmhlaigh air na naomhan. Tha e ’g ràdh nach eil sinn anns a’ Ghàidhlig a’ cur an fhacail “Naomh” ro ainmean mar a bhios luchd na Beurla a’ dèanamh le Saint; ach chaidh e na b’ fhaide, chàin e ’n cleachd­adh am briathran làidire, leithid “what is still worse, though not more ridiculous, it [am facal saint] has been most unjustly prostituted to the worst, or to the most foolish of men”.

Be ’n tula-fìrinn a bha seo, ach bha Johnson dìleas do dh’Eaglais Shasainn, ’s ghabh e gu dona e.

Mar sin tha an leabhar inntinneach; ach tha na rinn Birlinn dheth ’na mhealladh dùil. Tha Roger Hutchinson a’ tabhann a smuaintean ann an ro-ràdh. Tha siud math cho fada ’s a tha e dol, ach far a bheil an leabhar a’ tog­ail cheistean, chan eil iad seo air am freagairt. Mar eisimpleir tha sinn a’ leughadh mu eòin ris an canar an tulmer (fulmar?), an rarorbil (cho math ris an razorbil), an lavie, an garefowl, an eli­gug, an gibain ’s an goug. Tha e follaiseach gu bheil an goug ’na ghuga, ach dé tha anns a’ chòrr?

Chaidh mu cheud leabhar fhoillseachadh mu Hiort bho nochd The History of St Kilda. Bidh na freagairtean annta sin. Nach truagh gun do roghnaich Birlinn eòlas mun eilean fhàgail far an robh e ann an 1764.