Gaelic: Càirdeas nam prèiridhean

Chaidh Companaidh Bàgh Hudson a stèidheachadh ann an 1670. Bha am pailteas de bheathaichean le bèin anns na sgìrean timcheall a’ Bhàigh.

Bha aodaichean a bha air an deanamh air bian, neo air an sgeadachadh le bian, fasanta. Bha mathain, bìobhairean, eich mhara, sionnaich artach agus eile ann ’nam mìltean.Bha na h-Innseanaich sgileil air an trapadh agus air na bèin a thiormachadh, agus bha iad toilichte iomlaid a dheanamh air son bathar saor, mar sgianan, sgàthain agus grìogagan.

Bha feum air tuilleadh de thrapairean. Seach gun robh eileanaich an taobh an-iar eòlach air fuachd, droch shìde agus cruadal, cha robh e ’na iongnadh gun deach grunn fhastadh.

Hide Ad

Tha am prògram Fuil nan Innseanach ag innse an sgeul aig Iain Moireastan á Barbhas a’ siubhal gu prèiridh Chanada agus e a’ fiachainn ri lorg fhaighinn air càirdean a shìn shìn sheanmhair, boireannach Innseanach a thàinig, anns an naoidheamh linn deug, thar a’ chuain còmhla ri a shìn shìn sheanair, trapair a bha ag obair aig a’ Chompanaidh.

Tha am prògram a’ leantainn Iain, aig a bheil companaidh bhusaichean ann an Leòdhas, agus a’ sealltainn mar a thachair e ri a cho-ogha, Innseanach a bha air a sgeadachadh ann an aodach an treubh ’s a bha a’ cluich ceòl nach cluinnear ann am Barbhas.Tha e furasta aithneachadh gun robh faireachdainnean domhain tiamhaidh aca nuair a rug iad air làmh air a-chèile. Bhiodh toileachas ann gun d’fhuair iad cothrom tachairt, agus aithreachas gun tug e cho fada.

Bha sìn sìn seanmhair Iain air tè de na boireannaich Innseanach a thàinig a-nall anns an ochdamh linn deug còmhla ri balaich á Leòdhas. Is cinnteach gum biodh feadhainn dhiubh, aig uairean, ’nan seasamh air cladaichean taobh an-iar an eilein agus iad ag amharc gu dùrachdach thar a’ chuain.

Bu chòir BBC Alba a mholadh air son prògram cho inntinneach a chur ri chèile. Ged a tha e air a bhith air an èadhar ceithir tursan mar-thà, tha fèill fhathast air.