Bidh e tioram, blasta agus e air a mhathachadh le brat math de dh’fheamainn. Chanadh m’ athair, “Chan eil ann nas fheàrr na buntàta ùr le beagan ìm agus crathadh beag salainn.”
Air a’ Mhachaire Ghallda sann a bhios daoine, gach toiseach samhraidh, a’ feitheamh ri buntàta Inbhir Àir, neo Ayrshires mar a chanas iad. Bidh am buntàta a chaidh a thogail aig deireadh an fhoghair, agus a mhair fad a’ gheamhraidh, a’ fàs rudeigin righinn, bog.
Advertisement
Hide AdAn sin thig buntàta Inbhir Àir agus mar as trice bidh e anns na bùthan mu mheadhain a’ Mhàigh, agus bidh fèill mhòr air.
Am-bliadhna ge-tà bha an t-earrach cho fuar ’s nach robh dad a’ fàs. Anns a’ Ghearran agus anns a’ Mhàrt bha, gu tric, reothadh cruaidh ann. Chuir iad am buntàta mar a b’ àbhaist ach bha na sùilean ’nan cadal gus an tàinig beagan teas. Mu dheireadh thàinig faothachadh, agus tha an talamh a-nis air blàthachadh ’s tha na tuathanaich air tòiseachadh air togail.
Tha tuathanas aig Seumas Crawford faisg air Inbhir Gharbhain. Bidh e a’ reic buntàta air feadh na dùthcha. Thuirt e, “Tha mise air a bhith a’ cur buntàta air son iomadach bliadhna ’s cha robh e riamh cho fada mus do nochd e. Chaidh an sìol a chur aig an àm àbhaisteach ach mhair a’ ghaoth an-ear ro fhada.”
Ged a their iad Ayrshires ris a’ bhuntàta, chan eil a leithid de sheòrsa ann. Se gnè de Epicure tràth, neo earlies, a bhithear a’ cleachdadh, ach faodar Ayrshires a chantainn ri seòrsa sam bith ma dh’fhàs e ann an Siorrachd Àir.
Tha daoine air a bhith a’ feitheamh, ach gheibh foidhidinn furtachd.