Gaelic briefs: Boinne ann am beul na gaoithe

Trì seachdainean an déidh dha stròc a ghabhail, dhùisg Sasannach, Alun Morgan, 81 (a bha uair a’ fuireach ’na bhalach ann an coimhearsnachd Chuimreach, ré an Dàrna Cogaidh), ’s gun ach Cuimris ga bruidhinn aige. Thathar a-nis ag ath-ionnsachadh Beurla dha.

■ dh’fhaodadh an seinneadair Uibhisteach Julie Fowlis “Oscar” a bhuannachadh air son an òrain-film as fheàrr am-bliadhna. Ghabh i Touch the Sky a th’ air clàr Brave. Tha e am measg seachd òrain a dh’fhaodadh an duais a thogail. ■ THA Andaidh Moireach air OBE fhaighinn ann an Liosta Urraim na Bliadhn’ Ùire.

■ Bidh aig teaghlaichean le seòmar-cadail falamh ri cìs ùr a phàigheadh. A réir Riaghaltas na h-Alba, bidh buaidh aig a’ chìs seo air còrr agus 100,000 teaghlach ann an Alba, agus gearraidh Westminster £600 eile gach bliadhna bhon fheadhainn as bochda.

Hide Ad

■ Foillsichidh riaghaltas India ainmean, fotothan agus seòlaidhean-puist nam mìltean de dh’eucoirich drabastachd, mar fhreagairt don fheirg an déidh éigneachadh oileanaich òig air bus ann an Delhi le prasgan de dh’fhireannaich. Tha an té a dh’fhulaing ri uchd bàis anns an ospadal fhathast.

■ Ghabh taigh uachdrach Pàrlamaid na Ruis ris a’ chasg air uchd-mhacachd leanabhan Ruiseanach le Ameireaganaich. Tha mu mhìle leanabh air an uchd-mhacachadh gach bliadhna le Ameireaganaich.

■ tha sinn a’ guidhe Bliadhna Mhath Ùr do ar luchd-leughaidh air fad an uair a thig i.