Gaelic: Boireannaich aig muir

Chan eil cho fada bho bha seòladairean den bheachd gum b’e droch fhortan a bhiodh air fàire nan tigeadh boireannach air bòrd.

A-nis tha prògram inntinneach anns an t-sreath Trusadh air BBC Alba a’ sealltainn mar a tha na beachdan sin air atharrachadh. B’ àbhaist nach biodh na caileagan ach ri obair bhoireannach mar nursadh agus còcaireachd, ach an-diugh tha iad an sàs anns gach dreuchd mara. Air a’ Ghlenachulish, am bàt’-aisig beag chàraichean a tha a’ seòladh a-mach á Gleann Eilge, bidh Iseabail, nach eil ach 15, a’ cuideachadh an sgiobair Donaidh MacDhòmhnaill. Thuirt esan, “Taobh a-muigh uairean na sgoile tha Iseabail an sàs gu dìcheallach anns gach gnìomh a tha romhainn. Tha i an dùil teisteanasan fhaighinn ’s a dhol gu muir làn ùine. Is math gu bheil i fileanta sa Ghàidhlig.”

Air a’ bhàta CalMac The Isle of Mull is i Melanie NicAmhlaigh á Leòdhas an treas oifigear. Tha i ag ràdh gu bheil an obair a’ còrdadh rithe. Tha e freagarrach gu bheil i cola-deug ag obair agus cola-deug dheth.

Hide Ad

A’ dol timcheall gach taigh solais anns an dùthaich tha Eilidh Nic a’ Ghobhainn, caileag ás an Achadh Mhòr an Leòdhas. Is i an dara meata air a’ Pharos agus tha i an dùil a dhol tro dheuchainnean gus faighinn air bàtaichean anns a’ chuan dhomhainn.

Sann ri Breacais agus ri Loch Euphort a tha ceanglaichean aig na peathraichean Dòmhnallach. Bha an triùir aca aig muir o bha iad ’nan caileagan anns na lethcheudan. Tha Màiri, a tha a-nis a’ fuireach ann an Uibhist a-Tuath ’s a bha a’ seòladh air a’ Queen Elizabeth, ag ràdh gur ann le ionnsachadh a bhith ’nan nursaichean a fhuair iad gu muir. Thuirt i, “Tha sin eucoltach ris mar a tha cùisean an-diugh, ach co-dhiù, fhuair sinne gu muir.”