Gaelic: Baile nam bitterballen, nam baidhsagalan ’s nam bàtaichean canàil

TÈ de na riaghailtean òir nuair a bhios tu a’ siubhal tric, se a bhith a’ lorg na slighe-adhair as dìriche dhan cheann-uidhe, agus mar sin, gun a bhith a’ stad aig puirt-adhair eile ma tha e idir comas­ach, agus mur eil, se a bhith lùghdachadh na h-ùine a bhios tu a’ toirt air an tal­amh aig puirt- adhair air an t-slighe.
"Bitterballan". Picture: contributed"Bitterballan". Picture: contributed
"Bitterballan". Picture: contributed

Ach dhòmhsa co-dhiù, se call cianail a tha seo. Tha mi faicinn stad no stopover mar chothrom – gus blasad fhaigh­inn de dh’àite, is dòcha, ris nach robh mi an dùil. ’S gun cus cosgais ’na lùib cuid­eachd. Mar as cumanta, chan fhaicear diofar ann am faraidh­ean nan companaidhean-adhair tradiseanta le stad nas lugha na 24 uairean, agus gu tric lorgar faraidhean ìsle bho na comp­anaidhean-adhair buidseat ma tha barrachd sùbailt­eachd ann.

Tè de na cinn-uidhe as fhreag­arraiche ’s as fhasa dhuinne san Rìoghachd Aonaichte air son a bhith stad ann, se prìomh bhaile na h-Òlaind – Amsterdam. Seach gur e fear de phrìomh phuirt-adh­air an t-saoghail a th’ ann, is iomadh turas a tha mi air a dhol tro Schiphol, agus tha Amsterdam fhathast ga mo thàladh cha mhòr gach turas a shiùbhaileas mi troimhe. Chan eil meadhan Amsterdam ach mu 20 mionaid bho Schiphol, air trèanaich­ean bitheanta le faraidhean beaga. Leis cho faisg ’s a tha am baile, tha mi fiùs air m’ fhaicinn fhìn “stad” de thrì uairean a thìde a chur air dòigh dìreach gus deagh ghreim fhaighinn air deagh ghreim bidhe! Gheibhear bitterballen blasta, gasta, anns gach ceàrnaidh den bhaile – meanbhbhàlaichean praidhichte de dh’fhèoil ’s de shabhs, bog anns a’ mheadhan, a thèid an tabhann le sgeallan Dijon. Rud eile nach eil e riamh air a bhith comasach dhomh a sheachnadh, se stroopwafel, dà bhriosgaid de thaois-uighe air a fuine, air an cumail dlùth còmhla le sirop sòghail, steigeach. Mmmmm.

Hide Ad

Mar a bhiodh dùil agad ann am baile anns a bheil an doimhneachd de dh’eachdraidh ’s a th’ aig Amsterdam, tha tòrr mòr ri dhèanamh ’s ri fhaicinn. Tha iad ag ràdh gu bheil barrachd thaigh­ean-tasg­aidh anns gach mìle cheàrnach aige na th’ aig baile sam bith eile, agus tha sin furasta a chreidsinn. Ach tha gnè ann a bharrachd air meud – sann aig Amsterdam a tha cuid de na taighean-tasgaidh as ainmeile ’s as cliùitiche san t-saoghal, leithid Taigh Anne Frank, an Rijksmus­eum, agus Taigh-Tasgaidh Van Gogh. Dh’fhaod­adh tu feasgar as dèidh feasgar a chosg gu furasta dìr­each a’ dol bho thaigh-tasg­aidh gu taigh-tasgaidh.

Thathar a’ ràdh “Beus an àite far am bithear, se a nithear.” Uill, son modhan agus beus muinn­tir Amsterdam a leantainn, ’s gus faighinn mun cuairt coltach ris a’ chuid as motha dhiubh co-dhiù, gheibh­inn baidhsagal air màl. Tha mu 600,000 baidhsagal sa bhaile (!) ’s tha e coltach dhòmhsa gu bheil an dearbh àireamh de bhùthan gan tabhann air màl. Thar nam bliadhnachan chaidh am baile a leasachadh air son bhaidhsagalan, agus leis a-sin, fhuair ni mun cuairt gu furasta, gu frogail, gun cus trioblaid.

Nuair a dh’fhàsainn sgìth de chramharsaich, leumainn air dòigh-còmhdhail eile a th’ aig muinntir Amsterdam – bàta canàil. Tha barrachd na 60 mìle de chanàlaichean am meadhan Amsterdam agus thathar a’ creidsinn gu bheil mìle gu leth drochaid a’ dol tarsainn orra. Gus deagh bhlasad fhaighinn de choltas agus de dh’fhaireachd­ainn a’ bhaile, ghabhainn tè de na cuairtean canàil a th’ air an tabhann on chidhe dìreach air beulaibh Stèisean Meadhain a’ Bhaile. Ma tha barrachd ùine agad, gheibh thu tiocaid a mhaireas latha no làithean, rud a bheir tuilleadh saorsa dhut.

Dh’fhuirich mi an oidhche an turas mu dheireadh a chaidh mi a-null a dh’Amsterdam, ’s abair gu bheil taghadh math de thaighean-òsta de gach seòrs’ ann – bho hostailean sgoinneil gu cuid de na taighean-òsta as fheàrr ’s as spaideile a th’ ann. Bha mi ann am fear dhiubh, an Canal House, nach eil ach cuairt bheag air falbh bhon stèisean (www.canalhouse.nl), ach a tha sàmhach, stoidhleach, agus aig a bheil an taghadh de thoiletries as fheàrr a chunnaic mi riamh – tè de na feumalachdan òir nuair a bhios tu a’ siubhal tric!