Gaelic: Am Barrach ealanta a labhair an fhìrinn

CHAN ann tric a tha leabhar Gàidhlig a’ tighinn ar rathad a tha cho loma-làn stuth inntinn­each – le sgrìobhadair bho àm a chàidh dha nach tugadh an dara smuain roimhe! – ’s gu bheil e coltach ri trì no ceithir leabh­raich­ean ùra gasta ann an aon. Ach sin mar a tha D.M.N.C.: Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich (Clàr, £9.99).
Cidhe na Leideig am Barraigh mu thoiseach an 20mh linn, a coimhead a-null gu Bàgh a Chaisteil: àite trang ri linn òige Dhòmhgain, làn iasgairean, chiùrairean, chùbairean agus nigheanan sgadainCidhe na Leideig am Barraigh mu thoiseach an 20mh linn, a coimhead a-null gu Bàgh a Chaisteil: àite trang ri linn òige Dhòmhgain, làn iasgairean, chiùrairean, chùbairean agus nigheanan sgadain
Cidhe na Leideig am Barraigh mu thoiseach an 20mh linn, a coimhead a-null gu Bàgh a Chaisteil: àite trang ri linn òige Dhòmhgain, làn iasgairean, chiùrairean, chùbairean agus nigheanan sgadain

Bhuineadh Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, no Dòmhgan Dhòmh­naill Dhonnchaidh (1885–1932), dhan Leideig ann am Barraigh. Chaidh e sàs ann an einnseanair­eachd electraigeach, agus lean e a’ chiùird sin ann an Dùn Éid­eann, Lunnainn ’s an uair sin Manchester. On bha an obair riat­anach dhan Stàit, chaidh a chumail ás a’ Chogadh Mhór. Phòs e té á Barraigh ann an 1918, agus bha seachdnar chloinne aca.

Tha D.M.N.C. ’na leabhar tiugh a tha cho làn de rudan math ri ugh gille-brìghde. Tha sinn fada an comain Lisa Storey son a chur ri chéile. Tha amharas agam gun do chuir i a h-airgead fhéin ann mar shaothair ghaoil, oir chan eil mi faicinn ainm luchd-maoin­eachaidh ann. Agus tha £9.99 anbarrach saor son na gheibh thu.

Hide Ad

Dh’fhaodadh Lisa a bhith air trì leabhraichean caola a dhèanamh (bàrdachd, dealbhan-cluiche, sgrìobhaidhean eile), ach ghabh i rathad “obraichean cruinnichte”. Tha sin a’ leigeil leinn sùil a thoirt air dìleab an sgrìobhaiche chudromaich seo ’na aon sgrìob.

An sgrìobhadair (deas) còmhla ri trì càirdean  Barrach ann an Dùn Éideann mu 1910: bho chlì, Dòmhnall MacAsgaill (Dòmhnall a Bhuachaille), Calum MacIain (Calum Aonghais Chaluim), Eòsaph Caimbeul, agus Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (Dòmhgan)An sgrìobhadair (deas) còmhla ri trì càirdean  Barrach ann an Dùn Éideann mu 1910: bho chlì, Dòmhnall MacAsgaill (Dòmhnall a Bhuachaille), Calum MacIain (Calum Aonghais Chaluim), Eòsaph Caimbeul, agus Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (Dòmhgan)
An sgrìobhadair (deas) còmhla ri trì càirdean Barrach ann an Dùn Éideann mu 1910: bho chlì, Dòmhnall MacAsgaill (Dòmhnall a Bhuachaille), Calum MacIain (Calum Aonghais Chaluim), Eòsaph Caimbeul, agus Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (Dòmhgan)

Se sin a nì mi ma-thà, briste sìos ’na earrannan. Tha e air leth feumail gu bheil bliadhna an sgrìobh­aidh air a toirt seachad an lùib gach pìos.

Bàrdachd

ANNS an aist’ aige ‘Inbhe ar Bàrd­achd’ (1916) tha Dòmhgan a’ toirt credo dhuinn. Se obair a’ bhàird, tha e ’g ràdh, “staid spioradail agus cheudfathach, agus, mar­aon, chorporra, a cho-chreutair­ean a thogail á otraich na diblidh­eachd, agus an seòladh le lòchran a sholuis gu mullach nam Beann­tan Siorruidh ud air a bheil Soillse na Dearbh-Fhìrinn a’ dealradh gu bràth”.

Feumaidh bàird lòchrain, gun teagamh, ach nan robh Dòmhg­an air bruidhinn air “fearg” agus “ceartas” seach “diblidheachd” agus “Dearbh-Fhìrinn” bha mi air barrachd earbs’ a chur ann. Nochd ‘Slighe nan Seann Seun’ (1930) ann an duanairean mar an Golden Treasury of Scottish Poetry agus An Tuil. Tha e brèagha gun teagamh, air an aon dòigh ’s a tha àrd-eaglais bar­oque brèagha. Tha e ’na fhéist dhan t-sùil (’s dhan chluais), ach chan ann dhan inntinn. Chan eil ann ach briathran agus alliteration.

Tha Dòmhgan nas fheàrr an uair a leigeas e na cleasan an dara taobh. Tha ‘Bilean’ (1924) gu math ùr-nòsach. Lethcheud bliadh­na na b’ anmoiche bha MacThómais a’ deanamh dàin den t-seòrsa seo, mar ‘Làmhan’. Tha dà fhichead duilleag air an toirt suas le òrain de sheòrsa tradiseanta, a’ leigeil fhaicinn gun robh an taigh-céilidh beò ann am Barr­aigh ri linn. ’Nam measg seo, tha ‘Òran don Leideig’ cho math ri òran sam bith a rinneadh san 20mh linn. Ach se ‘Là nan Seachd Sìon’ (1915–16) an dàn as fheàrr aige. ’S e stéidhte gu follaiseach air ‘Birlinn Chlann Raghnaill’, tha e mu stoirm aig muir ’s mun bhuaidh a bh’ aice air tìr agus air daoine.

Dealbhan-cluiche

THA ‘Dòmhnull nan Trioblaid’ (1912) taitneach, dibhearsanach. Tha ‘Suiridhe Raoghail Mhaoil’ (1912) éibhinn, ach an e seo a’ chrìoch a dh’iarradh daoine – Raoghal a dh’fhuireach còmh’ ri mhàthair ’s e gun phòsadh? Ann am ‘Fearann a Shinnsir’ (1913) bha an aon nòisean aig Dòmhg­an ’s a bh’ aig sgrìobhadair eile, Iain MacCormaig, mun aon àm, gum faod mearachd nam fuad­aichean a bhith air a ceartachadh ’s a mathadh air na h-uachdarain, ’s gum bi gach nì mar a bhà. Tha òraidean cumhachdach ann, ach fhathast chan e Dòmhgan Shakespeare. Tha na daoine a’ bruidh­inn ri chéile, chan ann riutha fhéin, ri Dia no ri na speuran.

Hide Ad

’Nam bheachd-sa chan eil ‘Crois-tàra!’ (1914) ach suarach – ged a tha a chridhe san àite cheart, ’s ged a tha dealbh anns an leabhar de “Chluicheadairean Bharraigh” a thug leotha e dhan Òban, a Ghlaschu ’s a Dhùn Éid­eann ann an 1935. Diofar amann­an, diofar bhlasan.

Ach rinn Dòmhgan dealbhan-cluiche do chloinn cuideachd ’s chan eil iad dona idir. Tha sìth­ichean, ainmhidhean agus taobh dorcha aig ‘Ruaireachan’ (1924). Car son nach fheuchadh BBC Alba e? Ghabhadh rudeigin a dhèanamh leis, nan robh an toil ann. Tha ‘Long nan Òg’ (1927) coltach ri The Little Mermaid aig Disney, agus loma-làn fìor bheul-aithris Ghàidhlig. Dh’obraich­eadh e mar dhealbh-beò nan robh an t-airgead ann.

Sgrìobhaidhean eile

Hide Ad

GHEIBHEAR am meadhanach, am math ’s an sàr-mhath sna sgrìobhaidhean aig Dòmhgan. Chan eil ann an ‘Innis-na-Bréige’ (1918) ach searmon air feallsan­achd mhoralta. Dh’obraicheadh cuid de ‘Chogais Nàiseanta’ (1927–1930) na b’ fheàrr mar òraid phoblach na mar aiste, ach tha e tighinn nas fheàrr mar tha e dol air adhart. Agus ann an ‘A’ Mhór-roinn agus am Fearann’ (1914) tha Dòmhgan a’ gabhail fadachd ris an latha “a shuidheas a’ Phàrlamaid a-nuadh an Dun­éideann”. Chan eil sgot céille ann an cuid de na chanas e, ach nach inntinneach gur e adhbhar ath-leasachadh fearainn dhàsan “àr­ach agus togail sluaigh a bhios làidir, fallain, smearail”. Agus se a bheachd air uachdarain na h-Alba: “Chaidh ’ur tomhas ’s na mèigh-shligean agus fhuaras sibh easbuidheach.”

Se an rud cudromach mu dheidhinn ‘Tiomnadh Bhruis air Neo-Eisimeileachd na h-Albann’ (1921) gu bheil e ann idir. Nach iongantach cho beag de sgrìobh­adh Gàidhlig ’s a th’ againn air eachdraidh. Duine sam bith a tha ag iarraidh an “Declaration of Arbroath” ann an deagh Ghàidhlig, gheibh e an seo e. A thaobh sgoilearachd se ‘An Sgoth Ghaidh­ealach’ (1917) an rud as luach­mhoire san leabhar – nach e Dòmhgan a bha mion-eòlach air bàtaichean! Ach a thaobh litreachais, se an sgeulachd ‘Lugh­ain Lir’ (1921) as luachmhoire. Seo aon de na sgeulachdan a b’ fheàrr a chaidh a sgrìobhadh an Gàidhlig riamh. Oir innte chuir Dòmhgan romansachd an dara taobh agus ghabh e ri fìorachas.

Stoidhle

SE an rud as miosa mu Dhòmhgan cho briathrach ’s tha e dual­tach a bhith. Tha toiseach cuid de na h-aistidhean aige air a mhilleadh leis mar a tha e ag ùisneadh uimhir a bhriathran ’s as urra dha mus cuir e eanchainn an greim. Chan ùisnich e aon fhacal far an dèan a dhà an gnothach, gu h-àraidh ma gheibh e alliteration. “Is dù dhuinn a bhi daonnan ’nar dùsgadh,” tha e ’g ràdh ann an ‘Cogais Nàiseanta’. Chan urra dhuinn ach gàire. Aig an aon àm, tha an sannt seo gu faclan a’ deanamh feum uaireannan: ged a tha toiseach ‘Tiomnadh Bhruis’ doilleir, cha dìochuimhnich mi dà fhacal mhath a th’ aige, “seach-shaoghal” agus “teachd-shaoghal”.

Tha gach sgrìobhadair a’ tigh­inn fo bhuaidh an linn anns a bheil e beò. Ann an saoghal litreachas na Gàidhlig bhuineadh na bliadhnachan mun Chogadh Mhór do Charmina Gadelica. Tha cainnt Charmina air leth follaiseach anns an dàn ‘Innse Ra-Soluis’ (1923) ’s anns an sgeul ‘Uamh an Òir’ (1917). “Bha iad ann feadhainn aig an robh deagh chuimhne air na diul­naich a chaidh air an aon turus so roimhe, ach nach do thill – ochan! ochan!. Cha do thill iad, a ghràidh nan daoine, cha do thill, agus cha mhó na sin a thilleadh iad so, an diugh no am màireach, á Magh an Ioghnaidh ’s á Uamh an Oir!”

Mar a chunnaic sinn mar-thà a thaobh ‘Lughain Lir’, chan eil buaidh Charmina daonnan cho làidir. Tha an sgeul ‘Canach an t-Sléibhe’ (1915) ’s an dàn ‘Faoileag Tìr-an-Aidh’ (1918) làn ionndrainn, cianalais, romansaireachd, ach tha buadhan eile ri’n aithneachadh: Yeats, Niall Rothach, neart an rud leth-abairte. Aithnichear guth an Rothaich an seo ann an ‘Uamh an Òir’: “Dh’ imich am piobaire far an robh an nighean, agus labhair e rithe am briathran nach robh ach tearc, ach gu dé seadh nam facal a bha siod cha’n eil fios aig anail bheò ach aig anail chùbach nam flath­as a mhàin. Cha’n eil, ach ged nach eil féin is tric osag chabhag­ach a’ chomh-thràth ’g an luaidh an diùrais an cluais Creag-Mìle-Brat.”

Tha an sgeul ‘Dealachadh nan Rathad’ (1927) caillte sa chiaradh seo. Chan eil mi ga thuig­sinn.

Creideamh

Hide Ad

’S FHEUDAR gun do dh’atharr­aich Dòmhgan a bheachd air creideamh eadar 1917, an uair a sgrìobh e an dàn cràbhach ‘An Duradan Duslaich’ (anns a bheil sreathan mar “Ach, co dha ’n comas, ge h-àrd sgil no buaidh, / Aon ghaineamh suarach ’chur ri Cruthachd Dhé?”) agus 1924, an uair a sgrìobh e ann an ‘Litir Dhachaidh’ nach “eil ann an creid­eamh ach faoineis . . . seadh, bruadar dhaoine gun eòlas gun saor-bheachd gun chomas reus­onachaidh”. Tha e ’na fhear mór saidheans a-nist, mar tha e deanamh soilleir le bhith bruidhinn air leithid “gnè-nàdur agus susbaint an ealaigtroin”.

Gàidhlig

THA còir aig gach Gaidheal ‘A’ Ghàidhlig agus a Muinntir’ (1916) a leughadh. A-rithist ’s a-rithist tha Dòmhgan a’ cur a chorraig ri fìrinn na cùise. Tha e follaiseach gur e fìrinn 1916 fìrinn 2015! Tha e a’ faighneachd, mar eisimpleir, có tha deanamh feum de theag­asg na Gàidhlig. “An e an sluagh dùthchasach air neo an e daoine a tha an cinn suainte an ceò nan aisling?” Agus seo mar a tha e a’ càineadh luchd na Gàidhlig: “Tha e cho soilleir ris an latha nach robh, agus nach eil, luchd-labh­airt na cànaine a’ deanamh na h-oidhirp is lugha, no a’ nochdadh na toile is lugha, chum a’ Ghàidhlig a chumail maireann . . . ann an diomhaireachd an cridheachan féin tha iad ag aoradh do’n Bheur­la, agus d’a cuid.”

Hide Ad

Tha e cuideachd a’ toirt slaic­ean air a’ Chomunn Ghaidheal­ach, nach robh ach 25 bliadhna a dh’aois. “Cha’n eil e gu math sam bith a bhi ri seinn òran aig mòd no cruinneachadh an dùil gu’n cùm sin ar cànain beò; cha’n eil an sin ach amaideachd.” Bha e gu math air thoiseach air an linn aige fhéin – nach iomadh uair a chuala mi am beachd seo aig Oilthigh Ghlaschu anns na 60an.

Rud eile a bha a’ tighinn eadar Dòmhgan ’s an Comunn b’e a bheachdan mu pholitigeachadh na Gàidhlig – “’s e nàiseantachd cioch altruim gach cànaine”, mar thuirt e ann an ‘Cogais Nàiseanta’. Gu h-iongantach, bha e ag aontachadh ris a’ Chomunn mu litreachas: bha iadsan a’ feuch­ainn ri modh-sgrìobhaidh ùr Gaidhealach a chruthachadh, rosg bàrdail, ’s tha iomadh eis­im­pleir dheth ann an D.M.N.C., leithid ‘Gaol-Aoibhneas’ (1917) agus ‘Litir Dhachaidh’, a tha làn bheachdan nach còrdadh ris a’ Chomunn (mu chreideamh, mun chogadh), sgrìobht’ ann an stoidhle a chòrdadh glan riutha!

• An ath sheachdain: Dòmhgan agus an cogadh