FTG: far a bheil adhartas tha dòchas


Bha e a’ sealltainn crìonadh na Gàidhlig tro na linntean, na h-àiteachan far an robh i air a bruidhinn air an sealltainn le dath bàn-dhearg agus an dath nas duirche mar bu mhotha an àireamh a-mach às a’ cheud a bha ga bruidhinn. Aig an àm sin cha robh ach na h-Eileanan agus pìosan beaga de thìr-mòr a bha le bàn-dhearg nas duirche.
Bidh mi tric a’ smaoineachadh ciamar a bhiodh am mapa sin an-diugh. ’S dòcha nach biodh bàn-dhearg nas duirche idir ann a bha a’ riochdachadh far an robh 70 às a’ cheud no barrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig. Ach chan e sin deireadh an sgeòil. Dà fhichead bliadhna on uair sin agus cho math ri crìonadh, gu h-iongantach, tha fàs beag air a bhith ann, taobh ri taobh ris a’ chrìonadh.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad’S e an rud, mura biodh am fàs a tha seo air a bhith ann, agus tha mi a’ ciallachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), cha bhiodh cùisean ach air a bhith gu math truagh. A rèir cunntas-sluaigh 2001, bha mu 59,000 neach ann an Alba aois 3 no os a chionn a b’ urrainn Gàidhlig a bhruidhinn. Ann an 2011, b’ e mu 58,000. Faodaidh sinn a bhith cinnteach, mura b’ e am fàs a th’ air a bhith ann am FTG gum biodh an àireamh sin gu math nas lugha.
Bha cùisean gu math dubhach dhan Ghàidhlig anns na seachdadan. Cha robh FTG air tòiseachadh. Bha daoine a’ tuigsinn nach robh an seòrsa foghlaim a bh’ ann, ’s e sin a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair, anns a’ bhun-sgoil no san àrd-sgoil, a’ dol a thoirt dhuinn clann a bha fileanta no leth-fhileanta sa chànan. Mura tachradh rudeigin agus gu luath cha bhiodh mapa na Gàidhlig le tuar bàn-dhearg sam bith, ’s ann a bhiodh e geal.
Uill, chan e sin buileach a thachair. Ann an 1985 thòisich FTG ann am Bun-sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu agus ann an Sgoil a’ Mheadhain ann an Inbhir Nis. Bha 24 sgoilear eadar an dà sgoil. A-nis tha 2,818 duine-cloinne a’ faotainn FTG ann am bun-sgoiltean ann an Alba. Tha trì bun-sgoiltean ann a tha gu tur Gàidhlig agus trì eile a bhios ann ro dheireadh 2016. An tacsa ris an t-suidheachadh a bh’ ann anns an seachdadan, tha piseach mòr air tighinn air cùisean.
A bheil sin a’ ciallachadh gum bi tuar bàn-dhearg air mapa na h-Alba a-rithist? Tha e soilleir nach bi a’ chiad-ghreis agus gun ach 1.1 às a’ cheud den t-sluagh a’ bruidhinn Gàidhlig agus iad sin sgapte air feadh Alba. Tha an suidheachadh toinnte agus tha mòran dhòighean anns am faodar coimhead air cùisean.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdChan eil foghlam leis fhèin a’ dol a shàbhaladh Gàidhlig. An aon rud a “shàbhaileas” i ’s e ma bhios miann aig gu leòr dhaoine a bruidhinn ’s a toirt dhan ath ghinealach.
Tha Bòrd na Gàidhlig anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta airson 2012-17 a’ tuigsinn sin. Tha iad a’ cur cuideam air foghlam aig na diofar ìrean, ach cuideachd air Gàidhlig anns an dachaigh ’s anns a’ choimhearsnachd, agus tha e ceart gu bheil iad a’ dèanamh sin. Tha an sgoil ’s na h-ealain ’s na meadhanan cudromach ach mura bi Gàidhlig anns an teaghlach ’s anns a’ choimhearsnachd, cha bhi i beò ro fhada.
Agus a’ bruidhinn mu dheidhinn coimhearsnachd, tha e soilleir gu bheil diofar choimhearsnachdan Gàidhlig ann: air an tuath anns na h-Eileanan an Iar; na sgoiltean anns na bailtean; corra àite-obrach; saoghal na sgoilearachd; na meadhanan sòisealta. Cha mhòr nach tuirt mi soidhnichean rathaid, ach chan eil iad sin a’ dol a chruthachadh coimhearsnachd. Ged a dh’fhaodadh iad misneachd a thoirt do thè a th’ ann mu thràth.
B’ àbhaist dhuinn a bhith ag ràdh gun robh cridhe na Gàidhlig ann an Gàidhealtachd nan eilean. Ach chan eil mi cinnteach a bheil sin fìor tuilleadh. Tha faisg air leth luchd-labhairt na Gàidhlig taobh a-muigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Dh’fhaodadh gu bheil cridhe na Gàidhlig – no co-dhiù leth a’ chridhe sin – air gluasad gu na bailtean mòra mar Glaschu, Dùn Èideann agus Inbhir Nis, far a bheil iarrtas mòr air nochdadh airson FTG.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha e soilleir sna làithean air thoiseach, nuair a thig e gu Gàidhlig, gum bi ciall eile aig an fhacal coimhearsnachd. Bidh a’ choimhearsnachd sin sgapte air feadh Alba agus an t-saoghail. ’S e lìonra agus lìonraidhean a bhios ann. Bidh a’ Ghàidhlig beò, ach cha bhi i gu bràth mar a bha i ceud bliadhna air ais.
Ach ann am foghlam gu h-àraidh, tha adhartas mòr air a bhith ann o chionn dà fhichead bliadhna. Agus far a bheil adhartas mar sin, gun teagamh sam bith tha dòchas.