Flòraidh NicNèill, sàr sheinneadair

ANN an Ospadal Mearnskirk air feasgar Di-Haoine 15 Céitein, chaill Barraigh, a’ Ghàidheal­tachd, Alba, an Roinn Eòrpa ’s an saoghal gu léir bean-uasal chòir rìomhach – boireannach aig an robh ’n guth-seinn a b’ àille ’s bu bhinne, ’s air àrd-ùrlar eireachd­as d’a réir.
Flòraidh an làithean a h-òige. Picture: Donald MacLeodFlòraidh an làithean a h-òige. Picture: Donald MacLeod
Flòraidh an làithean a h-òige. Picture: Donald MacLeod

Air son ceithir mìosan bha Flòraidh NicNèill a’ fulang le cnap air a h-eanchainn, aig am­annan san dachaigh, aig amann­an eile anns an ospadal, gus mu dheireadh an do ghéill i.

Bha a càirdean ’s a luchd-gaoil uile timcheall oirre aig a’ chrìch. Dh’eug i gu sìtheil, ’na cadal.

Hide Ad

Rugadh Flòraidh faisg air Bàgh a’ Chaisteil ann an 1928. Anns an dachaigh fhuair i bho h-òige eòlas air òrain, eachdraidh, seanchas, naidheachdan agus ceòl, gu sìmplidh ’s gu nàdarra. Nochd e tràth gun robh i sealltainn ùidh nach robh cumanta, do thé cho òg, sna h-òrain a bha i cluinntinn mun cuairt dhith, òrain air an robh a màthair Annag Mhìcheil Nèill, a piuthar-se Màireag, agus a bràthair Niall, glé mhiadhail. A-rithist, anns a’ chlas-seinn an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil bha e doirbh do Fhlòr­aidh a thuigsinn dé ’m buinteanas a bh’ aig Golden Slumbers, John Peel agus Widdicombe Fair ri dòigh-beatha a muinntire, ach co-dhiù . . . Bhiodh i fhéin ag innse an sgeòil seo ’s ag atharrais an tidseir le sgalan gàireachdaich!

Bha Flòraidh 19 nuair chaidh i dh’obair a Dhùn Éideann, an Taigh Mór nam Fónaichean. Aig céilidh Gàidhealach sa bhaile aon oidhche chaidh iarraidh oirre seinn. Cha robh i ro dheòn­ach, ach suas gun deach i. Beagan clisgeach ’s mar a bha i, sheinn i gu pongail a dhà de na h-òrain a dh’ionnsaich i aig an dachaigh. Mar thachras an Dùn Éideann, bha sgoilearan agus luchd-foghlaim am measg an luchd-éist­eachd, feadhainn mar Calum MacIllEathain á Ratharsaigh ’s an t-Ameireaganach Ailean Lomax. Có ’n té tha seo, dh’fhaighneachd iad, cia ás an d’thàinig i? Car son nach cuala sinn i uige seo?

Ás a-sin a-mach fhuair Flòr­aidh ainm mar sheinneadair sheann òran, mar neach a bha mothachail agus tuigseach mun cheangal eadar òrain agus each­draidh ’s mun dreach àraid a bha na seann daoine a’ cur air a’ cheòl. Cha tug muinntir Sgoil Eòlais na h-Alba fada gu dol uice le inneal agus le maidhcrofon, agus tha ’n còrr, mar chanar sa Bheurla, ’na eachdraidh.

Ann an 1950 chaidh a taghadh gu seinn aig Taisbeanadh “Living Traditions” an Dùn Éideann, na sanasan ga gairm mar “The Girl with the Golden Voice”. Nuair a chuala Fred MacAmhlaidh a’ BhBC i, dh’iarr e oirre tighinn a sheinn air reidio, rud a rinn i uair is uair. Ann an 1951 fhuair i fhéin agus Calum MacIain, cuid­eachd á Barraigh, fiathachadh bho Hamish Henderson a dhol a sheinn aig Féis an t-Sluaigh an Dùn Éideann, a thòisich a’ folk revival an Albainn.

Cha robh Flòraidh ach 22 nuair chaidh a taghadh gus oifis ùr nam fónaichean a ruith ann am Bàgh a’ Chaisteil, ’s ged bha, air son greiseig, cas a’ falbh ’s cas a’ fuireach – am baile mór cho tarraingeach do nighinn òig – mu dheireadh cha b’e ruith ach leum.

Cha robh i fada ri “Number, please” gus na thachair i, aig dannsa ann a Bhatarsaigh, ri balach àrd gasta, Alasdair Mac­Aonghais, aig an robh càirdean am Barraigh (sann ás a bha phàr­antan) ’s a bha air làithean-saora bho obair-lagh ann an Glaschu. Se sgiobair a bha ’na athair ’s bha iad a’ fuireach air Kersland Street, eadar an t-oilthigh agus Byres Road. Phòs iad, ’s rinn iad an dachaigh ann an Glaschu, far an do thog iad cóignear chloinne, triùir ghillean agus dà nighinn.

Hide Ad

Thar nam bliadhnachan tha Flòraidh air a bhith a’ seinn san Roinn Eòrpa ’s ann an Ameireaga, Astrailia agus New Zealand, a’ nochdadh gleustachd agus bòidh­chead nan òran Gàidhlig anns gach àite. Ann an 1992 bhuann­aich i an MBE bhon Bhanrigh. Ann an 2005 chaidh a h-ainm a stéidheachadh san “Scots Trad Music Awards Hall of Fame” aig a’ BhBC. Ann an 2010 thug Sabh­al Mór Ostaig dhi an t-urram “Sàr Ghàidheal” le Ceumnachadh Onarach bho Oilthigh na Gàidh­ealtachd ’s nan Eilean. Agus ann an 2014 rinneadh dhith “Honorary Fellow of the Association for Scottish Literary Studies”.

Bha Flòraidh moiteil á Mag­aidh, an nighean aice, a tha nist ainmeil a thaobh seinn agus cluichd clàrsaich. Bha i cuid­eachd toilichte na bh’ aice de dh’òrain a roinn a-mach am measg iadsan a bha a’ nochdadh ùidh anns a’ cheòl aice, ’s a bha mothachail den dealasachd a bha ’na guth àlainn.

Bidh sinn gad ionndrainn, a Fhlòraidh. Có nist a sheinneas an Fhìdeag Airgid?

Ruairidh Caimbeul

Related topics: