ds

Tha ceud bliadhna bho rugadh Somhairle MacGill-Eain agus mar chomharradh air a-sin thèid co-labhairt "Ainmeil thar Cheudan" a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig eadar 15 agus 18 Ògmhios, le eòlaichean, sgoilearan agus sgrìobhadairean a' meòrachadh obair agus beatha a' bhàird. Cuideachd am-bliadhna, chithear ann an clò àireamh de leabhraichean ùra, agus feadhainn dhiubh a' toirt dhuinn dàin leis a' bhàrd nach deach fhoillseachadh roimhe.

tormod e dmhnallach

An lib "Ainmeil thar Cheudan" bidh cel agus taisbeanaidhean ealain a bhuineas ri obair an Ratharsaich. Thuirt Rody Gorman, Sgrobhadair na Colaiste aig SMO: "Tha deagh mheasgachadh de stuth gu bhith ann. Bidh sreath de dh'raidean ann, a' bualadh air obair an Leathanaich. Feadhainn dhiubh a' tighinn bho taobh a-staigh saoghal na Gidhlig mar gum biodh, feadhainn gun a bhith, feadhainn dthchannan thall thairis. Bidh e inntinneach fhaicinn mar a bhios seallaidhean air a' bhrdachd aige a' tighinn cmhla.

"Cuideachd bidh taisbeanadh de dh'obair ealain a chaidh ainmeachadh air sreath 'Hallaig' –'Uinneag dhan ird an Iar'. Bidh leabhraichean gan cur air bhog, a' bualadh air brdachd Shomhairle. Bidh leughaidhean brdachd, bidh cel ann. Tha cel a chaidh a chur ri obair Shomhairle gu bhith ri chluinntinn."

Hide Ad

Ach leis na th' ann de bhreithneachadh a chaidh a dhanamh air obair Shomhairle mar-th, an urrainn dhuinn cil as r a rdh mu obair? Fhreagair Rody: "Saoilidh mi gun urrainn, 's gun urrainn mun bhrdachd as fherr ann an cnan sam bith, leis na th' ann de dh'rean 's de shreathan air a bheil a' bhrdachd air a bonntachadh. Nuair a bhios tu a' leughadh brdachd mar sin, bidh rean 's sreathan a tha a' togail ceann a bha math dh'fhaodte am falach air a' chiad tarraing. A dh'aindeoin 's gur e corpus caran tearc a dh'fhg e 'na dhidh, leis na th' ann de dhoimhneachd a dh'fhg e as a dhidh, chan eil cunnart ann gun tig traoghadh air an rannsachadh – fad ine nach beag fhathast, chanadh tu.

"Thuirt Seamus Heaney mu dheidhinn nuair a chuir e elas ceart air an obair aig Somhairle an toiseach, 'the force of a revelation'. Sinne aig a bheil Gidhlig, tha sinn a' tuigsinn san taisbeanadh an sin, gu bheil caob math fhathast a tha am falach 's ga chleith air sillibh gu bheil caob math fhathast a dhth san taisbeanadh a fhuair Seumas cir. Saoilidh mi gu bheil e an urra, ma-th, ri luchd-leughaidh na Gidhlig, luchd-breithneachaidh na Gidhlig, luchd-leantainn na Gidhlig mar gum biodh, luchd brdachd na Gidhlig, nas urrainn dhuinn a shealltainn den taisbeanadh sin nach d'fhuair fi 's Seamus Heaney fhin."

Tha coltas ann gu bheil caob math fhathast den bhrdachd aig Somhairle nach fhacas ann an cl fhathast a bheir taisbeanadh eile dha na Gaidhil fhin. Ach tha cothrom gu bhith ann 45 de na din nach deach fhoillseachadh roimhe fhaicinn ann an cl le leabhar r a tha a' tighinn a-mach bho Chomann Elais Litreachas na h-Alba, deasaichte le Crsdean MacIlleBhin. Ann an An Cuilthionn 1939 – The Cuillin 1939 & Unpublished Poems gheibh sinn din le tiotalan mar 'Am Bi Dsgadh anns an t-Saoghal', 'Mo Ghaol san Lios Chreachte', 'Cha b'e 'n t-Adhaltranas bu Mhiosa', 'Cis-Bhrta Dhanamh de mo Bhuadhan', '1939. Fuil agus Stlin'. Cuideachd san leabhar chithear air son a' chiad uair ann an cl an dn ainmeil 'An Cuilthionn' 'na dhreach iomlan bho 1939 mar tha nochdadh anns an lmh-sgrobhainn, le 400 loidhne a bharrachd a gherr am brd s an uair a dh'fhoillsich e e. Thathar an dil gun tid an leabhar fhoillseachadh aig a' cho-labhairt.

Agus chan e sin ach toiseach tiseachaidh. Thid co-chruinneachadh r de bhrdachd Shomhairle fhoillseachadh san Dmhair le Birlinn, deasaichte le Crsdean MacIlleBhin agus Emma Dymock. Bidh seo stidhichte air O Choille gu Bearradh, ach le din eile air an cur ris, pailteas notaichean, agus d aiste idheil a thogas deasbad mu obair a' bhird. Chan eil tiotal air an leabhar fhathast.

Cuideachd thug Acair a-mach Sangs tae Eimhir anns an do chuir Derrick McClure Beurla Ghallda air Din do Eimhir, 's thug Pdraig MacAoidh a-mach Sorley MacLean anns a bheil sgrdadh critigeach air obair Shomhairle.

Agus chan eil seo ach a' bheag dheth. Eadar fisean litreachais, co-fharpaisean brdachd agus eile, feumaidh tu a rdh gur e seo Bliadhna Shomhairle.

Related topics: