Dòmhnall Iain MacÌomhair, 1942–2015

Chaochail an sgrìobhadair Dòmhnall Iain MacÌomhair, Dòmhnall Iain Thormoid Thormoid an Tàilleir, air 1 Màrt, aois 72. Bha e bochd fad bliadhna, ach cha robh dùil gun tigeadh an deireadh cho luath.
Donald John MacIver.Donald John MacIver.
Donald John MacIver.

Rugadh e ann an Lacasdal, ach dh’fhàs e suas aig Loch Croistean, Ùig, agus (bho aois 11) an Àirigh an Tuim, on bha athair ’na mhaighstir-sgoile. A’ chiad eòlas a chuir mi fhìn air b’ann nuair bha e an Oilthigh Obar Dheath­ain, ann an 1966. Bha mi air a bhith ag reic leabhraichean Gàidhlig air feadh nan eilean, agus chuir mi fios a-mach gun robh mi coimhead son oilean­aich eile a bheireadh cuairt­ean-reic air Uibhist agus air Leódhas. Fhreag­air dà Dhòmhnall Iain a’ ghairm – MacPhàrlain (á Uisgeabhagh) air son Uibhist agus MacÌomhair air son Leódh­as. Rinn iad le chéile math dha-rìribh.

(Tha mi duilich a ràdh gu bheil sinn dìreach air mo sheann charaid MacPhàrlain a chall cuideachd, oir chaochail esan ann an Doire Chaluim Chille air 1 Samhain 2014. Thug e a bheatha gu léir ’na psychiatrist ann an ospadal ainmeil Altnagelvin agus bha e ’na chuid­eachadh nach beag dha na mìltean ri linn Trioblaidean Éirinn a-Tuath.)

Hide Ad

Lean MacÌomhair ri dreuchd athar. Thug e 21 bliadhna mar thidsear Gàidhlig an Sgoil MhicNeacail agus chaidh e an uair sin ’na stiùiriche chànanan air a’ Chomhairle. Chòrd e rium tachairt ris aig coinneamhan sna 90an – esan a thug a bheatha an Steòrnabhagh agus mise a thug mo bheatha mu dheas. Tha cuimhneam fhathast mar a dh’éirich a mhail­ghean móra dubha nuair thuirt mi gum bu toigh leam an t-ath­arrachadh aig GOC bho “sd” gu “st”. Is iongantach gun cuala e a leithid an Steòrnabhagh riamh.

Tha faireachdainn agam, coltach rium fhìn, gun do dh’fhàs Dòmhnall Iain car searbh de theagasg ach nach do sgìthich e de sgrìobhadh riamh. Bha e ’na sgrìobhadair mìorbhaileach. Bha e an sàs gun sgur ann am pròis­eactan stuthan-teagaisg. Bhiodh na sgeulachd­an-goirid a’ sileadh ás agus sgrìobh e a’ chiad whodunit Gàidhlig. Cleas Iain Mhic a’ Ghobhainn, thuig e buaidh na sìmplidheachd ’s na samhlaidheachd. Ach bha a stoidhle fhéin aige. Bha ùidh air leth aige ann an ciont, bha e déidheil air oxymorons leithid “ràinig e an taigh ach cha robh an taigh idir ann” neo “ceòl sàmhach air a chluiche le pìobaire balbh”, agus bhiodh e a’ cleachdadh Gàidhlig a dh’fhaod­adh a bhith á àite sam bith. Bha e a’ sgrìobhadh dhuinn uile, chan ann do Leódhasaich a-mhàin.

Sgrìobh mise uaireigin gur ann “morbid” a bha na sgeulachd­an aige. Bha sin ro chruaidh. Nach math gum b’ urra dha cruinneachadh mór a thoirt a-mach mun do chaochail e, Caogad san Fhàs­ach, anns nach robh lorg air galarachd. Mar a thuirt mi an seo air 15 Samhain an-uiridh, tha an leabhar sin làn tlachd, inntinn-fhosgailte, an dà chuid aotrom agus domhainn, uaireannan anabarrach éibhinn, math air faoineas clann nan daoine a leigeil ris.

Fad iomadh bliadhna bho 1997 b’e Dòmhnall Iain a sgrìobh an colbh seachd­aineil Gàidhlig ann an Gaset Steòrnabhaigh. Bha e leantainn triùir nach robh ’nan Leódhasaich idir – Iain A MacLeòid, Tòmas MacCalmain, Ruairidh MacDhòmhnaill. Ceathrar ghais­geach, ’s cha b’e Dòmhnall Iain bu lugha dhiubh.

Bha e ’na bhàrd ás an t-sreath cuid­eachd. Bhiodh e mhath nan tigeadh a bhàrdachd a-mach mar leabhar. Sgrìobh e uair:

Nuair bhàsaicheas mi

spìon mo chridhe ás mo chorp,

’s le cutaig mhìn

dèan bearradh beag,

is chì thu leabhar

sa bheil sgrìobhte na dàin nach do sgrìobh mi.

Bha an t-seirbheis ann an Eag­lais Chal­uim Chille air 4 Màrt ’s an tiodhlacadh an cladh Aignis san Rubha. Tha Dòmhnall Iain a’ fàgail a bhean Alice, an aona mhic Morris agus a pheathar Nor­ma NicLeòid, a tha ’na sgrìobh­adair cliùiteach cuideachd.

Raghnall MacilleDhuibh