Dòmhgan agus an Cogadh Mór

THUG mi iomradh an t-seachd­ain sa chàidh air Dòmhnall Mac na Ceàrdaich á Barraigh (Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh Cìobair, 1885–1932) ’s na h-ob­raichean cruinnicht’ aige, D.M.N.C. (Clàr, £9.99), leabhar mìorbhail­each. Nise, tha sinn a’ comharr­adh ceud bliadhna on Chogadh Mhór an-dràsta – tha sinn eadar Dol Fodha na Grèine agus Cuimh­neachan, dà leabhar chud­romach bho Acair.
Tha móran de na beachdan aig Dòmhgan mun chogadh tiodhlaigte fon uachdar. De bu choireach? An do gheall e dha mhaighstirean gum biodh e sàmhach? An e nach robh e a creidsinn gun robh an cogadh na chuspair ceart do litreachas? No an e ciont nach robh e fhéin an uchd a bhlàir?Tha móran de na beachdan aig Dòmhgan mun chogadh tiodhlaigte fon uachdar. De bu choireach? An do gheall e dha mhaighstirean gum biodh e sàmhach? An e nach robh e a creidsinn gun robh an cogadh na chuspair ceart do litreachas? No an e ciont nach robh e fhéin an uchd a bhlàir?
Tha móran de na beachdan aig Dòmhgan mun chogadh tiodhlaigte fon uachdar. De bu choireach? An do gheall e dha mhaighstirean gum biodh e sàmhach? An e nach robh e a creidsinn gun robh an cogadh na chuspair ceart do litreachas? No an e ciont nach robh e fhéin an uchd a bhlàir?

Bha Dòmhgan beò ’s aig àirde a chomasan sna bliadhnachan uabhasach sin. Seo a-nist duine a thuirt mun Ghàidhlig ann an 1916, san aist’ aige ‘A’ Ghàidhlig agus a Muinntir’, nach robh “uibh­ir frìde de mhisnich mhor­alta ’nar daoine”. Cainnt làidir. Tha fhios gun robh pailteas aige ri ràdh mun chogadh, ma-tà?

Bhà ’s cha robh. Tha agad ri dhol a-mach a choimhead air a shon ’na chuid sgrìobhaidhean, oir tha e tiodhlaigte fon uachdar. Chan eil mi cinnteach car son. B’e a’ chiad cho-dhùnadh chun an tàinig mi gun robh Dòmhgan air ainm a chur ri pàipear – mar obraiche ann an einnseanair­eachd electraigeach, gnìomhachas air leth cudromach dhan Stàit – a’ gealltainn nach sgrìobhadh e mu chùisean poblach. Tha mi smaointinn a-nis gu bheil e nas sùbailte na sin. Mar eisimpleir, san aist’ aige ‘Inbhe ar Bàrdachd’, a sgrìobh e san aon bhliadhna, se glé bheag de bhàrdachd neo de bhàird Ghàidhlig a tha e a’ sònrachadh: tha e a’ cur a’ chuideim air bàrdachd Bheurla, air a’ “Bhlas Cheilteach”, air Àilleachd, Soillse agus Sìth. Am faodadh e bhith gur e sin as coireach gur gann a dh’aithnich e ’na chuid bhàrd­achd gun robh a leithid de nì ann ri cogadh?

Hide Ad

Mar sin tha mi dol a bhith faic­eallach an fhianais a thoirt seachad a réir cuin a chaidh a sgrìobhadh. Tha an dàn mór aige ‘Là nan Seachd Sìon’ (1915–16) beagan air thoiseach air a’ chòrr.

Bha slochdan an aodann an talmhan

’S an d’ amhlaig an dearg-theine ’theas,

’S mar thaisbhalt air ùthachd na beathrach

Gu’m b’ ùr-sgàinte aghaidh nan creag.

Bu lionar ceann taighe ’bha rùisgte

Is cabar dubh smùide ’bha dis,

Gun tugha, gun sgrath is gun sioman

Lom-nochda, tur-spìonte, gun riob’.

Ged tha seo ’na phàirt de dh’iom­radh air gèile sna h-eileanan, a bheil duine dol a chumail a-mach nach robh an cogadh sna trainnsichean an inntinn Dhòmh­gain nuair sgrìobh e a’ chiad dhà shreath? Agus seo crìoch an dàin:

Bhuail coileach na sìthe a sgiathan,

A’ salmadh a’ fianuis gach pòir,

“O, cliù dhuit-s’ Aon-Dé na Trianaid

A ghiùlain troimh sheunaibh sinn beò!”

Seall am facal a thagh e. Chan e “fèath” no “turadh” ach “sìth”. Tha seo a’ togail ceist: a bheil ‘Là nan Seachd Sìon’ ’na dhàn cud­romach a thòisich mar iomradh air stoirm ’s a chrìochnaich mar iomradh air a’ chron a tha cog­adh a’ deanamh dha na bochd?

Ann an ‘A’ Ghàidhlig agus a Muinntir’ tha Dòmhgan beagan nas soilleire. Tha e a’ crìochnachadh: “Tha cinnich na h-Eorpa an ceartair a’ leadairt a chéile; a’ sabaid air son am beò mar chinnich, agus ’s e mo dhòchas nach leig sinne seachad an cothrom so na’s mó air sinn féin agus ar còr­aichean a chur air suidheachadh is fhearr agus is airidhe am measg shluaghaibh an t-saoghail.”

Ged tha e bruidhinn air “còr­aichean”, tha a’ bhliadhna 1916 ’s an cuideam a tha e cur air “cinn­ich” agus air “sluaghaibh” a’ toirt a chreidsinn ormsa gur e ar-a-mach na Càisge an Éirinn a tha ’na inntinn. Mar sin, saoilidh mi gu bheil Dòmhgan leis fhéin am measg bàird Ghàidhlig a’ Chogaidh Mhóir. Buinidh e dhan aon treubh ri Deòrsa mac Iain Deòrsa, aon de bhàird mhóra an Dara Cogaidh, a bha an aghaidh a’ chogaidh air adhbharan moralta agus nach robh dìleas do Chrùn Bhreatainn.

Air adhart gu 1917 agus shaoil­eadh tu gum biodh dàn sgrìobh­te sa bhliadhna sin le tiotal mar ‘Gairm Dùsgaidh’ làn smuaintean mun chogadh ’s mu na Boills­eabhaich san Ruis. Chan eil. Tha e ’na ghairm gu luachan spioralta, uile a’ stiùireadh chun an fhacail mu dheireadh, “Tìr-nan-Og”. Tha am Boillseabhach a bh’ ann an Dòmhgan ag ainmeachadh “salachar-mhaoin” san dol seachad, ach tha an còrr buileach mì-iomchaidh nuair a tha Armageddon a’ dol, ’s Gaidhil òga gam marbh­adh ’nan dusain a h-uile latha.

O, cuimhnich fòs nach e do shalachar-mhaoin

A mheasas Eòlas agus Oilean naomh.

O, tuig gu ceart so nach e tòic na feòl’

No cnàimh de d’ choluinn ach an spiorad beò

A sheasas cùirt nan àl.

Hide Ad

Dòcha gu bheil an dàn gaoil ‘Ròs Àluinn’, sgrìobhte san aon bhliadhna, gar toirt nas fhaisg’ air cnag na cùise.

Neo ’n e aon de chlann na sgéithe

’Gheibh do ghaol mar mhil do chléibhe?

O, ma ’s e,—carson nach feudadh

Mise féin a bhi de’n àl sin?

Ciont. Tha ‘Gaol-Mhulad’ (cuid­eachd 1917), a tha eadar bàrd­achd agus rosg mar a b’ fheàrr leis a’ Chomunn Ghaidhealach sna làithean sin, ’na aisling a chith­eadh saighdear leòinte. Tha e làn cainnt mar “chunnaic mi ’san chòmh-thràth seana chraobh nan caogad Samhuinn a’ smìd­eadh le a meòirean ioma-luasg­ach ris a’ chuan shiar”. Agus an-athbhliadhn’, 1918, anns an aiste mhoralta aige ‘Innis-na-Bréige’, tha Dòmhgan a’ toirt dhuinn a bheachd air faoineas a’ chogaidh. “Tha ’n diugh an saoghal, seadh, clann-daoine, air a chuthach dhearg dhaite fo iotadh confh­athach agus con-shamhuil fala, feòla, agus féithe, le craos do-shàsta air son beathannan càch a chéile a sgrios; air dhall-mhisg le deoch daoraich nan deomhan – as leth Onoir agus Firinn! – as leth Ceartais agus Saorsa!”

Hide Ad

As déidh cogadh thig . . . statistigean. “Ri linn cheithir bliadhna de chogadh,” sgrìobh e ann an ‘Litir Dhachaidh’ (1924), “mharbh air neo mhort iad cunntas mhuil­lionan de chàch a chéile, seadh, air sgàth druthaige ola, air sgàth guail, iarainn, agus meatailtean eile.” Thug e barrachd rum dhan chogadh ann an ‘Cogais Nàiseanta’ (1927–30) na thug ann an aiste sam bith a sgrìobh e roimhe. An turas seo tha e a’ tomhas cosgais a’ chogaidh, chan ann ann am fuil, ach ann am puinnd Shasannach. Fhuair e a-mach gun do chosg e £8m gach latha. “Ochd muillionan ’san là! Nan robh ochd muillionan air son aon là féin aig Bòrd an Aiteachaidh no aig Bòrd an Iasgaich, an àite na cochaire truaighe a tha iad a’ faot­ainn eatorra ’sa bhliadhna, saoil am bu bheag an tairbhe sin gu sonas agus sòlas a thogail an àite gach donais agus dòlais a tha a’ duanadh ar dùthcha?”

Anns an aon aiste tha Dòmhgan a’ togail ceist nach eil a’ nochd­adh ann an sgrìobhaidh­ean Gàidhlig eile mun chogadh, ’s nach deach a fhreagairt fhath­ast ann an 2015. Co leis a tha an dùthaich? “Is dòigh leinn a ràdh gu’n do sheas iad as leth an dùthcha, ach gus am faigh sinn an dearbhadh gur leò-san an dùth­aich sin chan fhaod sinn a bhi a’ cleachdadh barra-chainnt de ’n t-seòrsa. Sheas na Gàidheil, mar is tric a rinn iad, as leth an ainme gun an tairbhe. Sheas iad mar nach do sheas sluagh eile fo ’n ghréin as leth na dùthcha a bha air an ainmeachas a mhàin dhaibh, ach tha fios a nochd aig a’ chomhachaig, agus brath aig an dóbh­ran far an d’ fhuair iad an àrach, agus fios a’ chràidh aig an fheadh­ainn gus nach till iad tuilleadh.”

Seo sgrìobhadh cho ceart, cho fìrinneach ’s cho uasal ’s a leugh mi riamh mun Chogadh Mhór.

• Tha sinn an dòchas airtigeal eile fhoillseachadh mun sgrìobh­adair chud­romach seo a dh’aith­ghearr – “Dòmhgan tro shùil­ean Barrach”, le Ruairidh Caimbeul