Dìleab luachmhor ghrinn bho eilean mu nach cluinn sinn tric

Cho luath ’s a laigh mo shùil air Dìleab Cholbhasach / A Colonsay Legacy le Barbara Satchel (Acair, £6) chuimhnich mi na h-airtig­ealan ann an Gairm air a bheil an leabhar stéidhte agus an toil­each­as a thug iad dhomh an uair a leugh mi an toiseach iad.

Tha seòrsa de sgrìobhadh ann far a bheil cuimhneachain phearsanta dol ’nan iomradh luach­mhor air saoghal a dh’aom; mar as freumhaichte ann an eachdraidh aon àite, aon bhaile, aon eilein, sann as fheàrr. Gu seachd àraidh mas e eilean bho nach cluinn sinn ach ainneamh. Bha Gairm math riamh son sgrìobhaidhean den t-seòrsa seo – se “sluagh­sgrìobhainn” a chanas mise ris – agus bha na h-airtigealan aig Barbara Satchel, “Barbra Cholla”, mu Eilean Cholbhasa ’nan sàr eisim­pleir. Bha fear ann mu Riasg Buidhe, am baile de thaighean tughaidh faisg air a’ chladach far an do dh’fhàs Barbra suas ’na leanabh òg. Bha fear ann mun Ghlas-Àird far an d’fhuair an teaghlach taigh le staidhre agus uisge nam pìob. Bha fear ann mun sgoil, fear mu chamanachd san eilean agus fear mu Orasaigh. Ach bha a dhà eil’ ann de dhiofar sheòrsa, “aistean” ann am fìor chiall an fhacail, anns an robh smuaintean mu nàdar agus mun bhàrd Donnchadh Bàn nan Òran.

Chan eil cuimhneam an robh dealbhan an cois nan airtigealan sin ann an Gairm; ach tha cuimh­neam gun deach m’ fhàgail ag iarraidh tuilleadh eòlais mun ùghdar. Có bh’ ann am Barbra bha seo a bha cho math air facail a chur an altaibh a-chéile?

Hide Ad

Tha na freagairtean, na deal­bh­an, agus tuilleadh, ann an Dìleab Cholbhasach. Chaidh an leabhar a tharraing ri chéile le Mòrag Law, nighean Barbra.
Sgrìobh i eachdraidh an teagh­laich anns an dà chànain agus rinn i eadar-theangachaidhean de na h-airtigealan.

Rugadh Barbra – nighean Cholla MhicAlasdair – ann an Riasg Buidhe ann an 1917; phòs i Sidney Satchel ann an 1945; chaochail i ann an Dùn Omhain ann an 1997. Bha i moiteil ás an eilean aice agus dìleas dhan Ghàidhlig. Se an leabhar beag grinn seo a dìleab; còrdaidh e ruibh, ga brith co ás a tha sibh.

• Tha tuilleadh air leabhraich­ean ùra Gàidhlig – agus tuilleadh Gàidhlig – air taobh-duilleig 33.