

Sin a shaoileadh tu nan gabhadh tu ris a’ chuid as motha de na beachdan a tha a’ taomadh ás na meadhanan. Gu fortanach, leis an eadar-lìon tha clàir-dhùnaidh na h-uinneige air am fosgladh, agus chì sinn saoghal an iomadach beachd a’ sealltainn nach eil gnothaichean cho dubh is geal ’s a bheireadh iad ort creidsinn.
Nan robh Alba neo-eisimeileach chan eil fhios agam an toirinn cus feart do phoilitigs, seach a bhith a’ bhòtadh sna taghaidhean as motha. Ach bha mi riamh a’ taobhadh ri saorsa phoilitigeach don dùthaich, gun sriantan Westminster ga cumail air ais. Tha mi taobhadh ri saorsa don dùthaich o bhuaidh neo-dhligheach sam bith aig feadhainn nach eil a’ fuireach innte.
Advertisement
Hide AdTha fèin-riaghladh ann gun teagamh, ach tha ar rùintean air an cuingealachadh fhathast leis an t-suidheachadh a th’ ann. Tha sinn air ar bacadh air sgàth ar staid, agus ’nam bheachd fhèin, air sgàth na Stàite sa bheil sinn. Ma tha miannan agus iarrtasan an t-sluaigh air an cuingealachadh no air am bacadh, tòisichidh iad air càineadh. Chan eil rud sam bith math gu leòr, cuireamaid sìos air a h-uile sian. Ann an Alba neo-eisimeileach, chan eil rian nach bi sinn a’ càineadh fhathast, tha sin ’nar gnè, ach gheibhear freagairtean nas luaithe o phàrlamaid an Dùn Èideann na gheibhear o Westminster.
Chithear eisimpleirean dheth seo bho thaobh na Gaidhealtachd. Cha bu luaithe a thugadh còraichean seilge air falbh o chroitearan Ratharsair, na thug am ministear Pòl Wheelhouse air ais iad air sgàth iomairt a rinn Comann Croitearachd an eilein. An tachradh sin nan robh Westminster an urra riutha fhathast? Chuirinn geall nach tachradh.
Car son ma-tà a dh’fhàgamaid ar còraichean eile aca? Còraichean aig muinntir na dùthcha air fad. Tha Westminster a’ leacanachadh air adhart le a seann mhodhan nach eil freagarrach idir air son an latha a th’ ann no air son Alba. Bidh an luchd-poilitigs a thèid an diùltadh leis an t-sluagh a’ gabhail an suidheachain ann an Taigh nam Morairean. Bidh iad a’ gabhail brath gus ar còraichean a ghabhail air ais a h-uile cothrom a gheibh iad. Chan eil iadsan cunntach air son càil a nì iad, ’s fheàirrdte cuidhteas iad, agus se bhòtadh air son neo-eisimeileachd ar pàrlamaid an Dùn Èideann an dòigh as fheàrr.
• Buinidh Steaphan MacRisnidh do Dhùn Dèagh. Tha e a’ teagasg Beurla ’s Gàidhlig do dh’inbhich agus ag obair mar sgrìobhadair.