An Deasach a chluich air son Celtic

THA Rionnag Chaillte: An Stòir­idh Iongantach aig Calum Dòmh­nallach, Laoch Celtic, Cille Mheàr­naig, Brentford agus Alba le Ailig O’Henley (Urras Leabhraichean nan Eilean, £25) ’na leabhar math dha-rìribh mu bhall-coise.
Calum Dòmhnallach  Calum Dhòmhnaill Chaluim ic Iain Òig  ann an léine Celtic mar a tha e a nochdadh air còmhdach Rionnag Chaillte: bha na làithean aige mar chluicheadair air an sgrios leis an dàrna cogadh mhór, a bhris a-mach an uair a bha e 26 bliadhna dhaoisCalum Dòmhnallach  Calum Dhòmhnaill Chaluim ic Iain Òig  ann an léine Celtic mar a tha e a nochdadh air còmhdach Rionnag Chaillte: bha na làithean aige mar chluicheadair air an sgrios leis an dàrna cogadh mhór, a bhris a-mach an uair a bha e 26 bliadhna dhaois
Calum Dòmhnallach  Calum Dhòmhnaill Chaluim ic Iain Òig  ann an léine Celtic mar a tha e a nochdadh air còmhdach Rionnag Chaillte: bha na làithean aige mar chluicheadair air an sgrios leis an dàrna cogadh mhór, a bhris a-mach an uair a bha e 26 bliadhna dhaois

Rugadh Calum Dòmhnallach (Calum Dhòmhnaill Chaluim ’ic Iain Òig, 1913–99) ann an Garngad air taobh an-ear Ghlaschu. B’ann á Uibhist a-Deas a bha a phàrantan. B’i Ghàidhlig cainnt na dachaigh ach ged a thuigeadh Calum a h-uile facal cha bhruidh­neadh e ach Beurla. “Cha bhiodh e air a bhith ‘cool’ airson balach òg,” tha O’Henley ag ràdh, “a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig air sràidean cruaidhe Garngad.”

Ach cha b’e ruith ach leum dha a h-uile samhradh a bhith dol “dhachaigh” dhan eilean air saor-làithean na sgoile. ’S nuair a bha e manaidseadh Cille Mheàrnaig ann an 1955 ’s a thug iad buaidh 2–0 air an t-seann chlub aige aig Parkhead, bha Calum ’na sheasamh aig beul an tunail as déidh a’ gheam nuair chuala e guth gearaineach bhon t-sluagh “a’ cleachdadh an ainm Calum seach Malky – comharra gur ann à Garngad a bha an duine.”

Hide Ad

Chan e an leabhar seo an cupa tea aig a h-uile duine, ach tha e làn stòireannan math a tha ’nan cunntais air cùrsa an 20mh ceud. Brùidealachd a’ ghamhlais eadar Rangers agus Celtic: “Bha iad ag èigheach air an sgioba eile Malky a leagail, a chasan a bhristeadh . . .” Uabhasan “stàit poilis” an uair a chluich Killie ann an Albània ann an 1965. Alba a’ cluich na Cuimrigh ann an Cardiff, fo stiùir­eadh sealadach Chal­uim, an latha as déidh bàs 116 duine cloinne agus 28 inbheach aig Aberfan.

Tha làn caibideil air a toirt do Willie Maley, manaidsear Cel­tic bho 1897 gu 1940. Mar chluich­eadair òg bha eagal aig Calum roimhe, ach tha O’Henley ag ràdh: “Bha an comas eagal am beatha a chur air na cluichead­airean mar phàirt chudromach dhen armachd a chleachdadh manaidsearan ainmeil leithid Jock Stein agus Sir Alex Ferguson às dèidh sin.”

Se cridhe an leabhair a’ chaib­ideil mun dara cogadh nuair bha Calum aig Celtic fhathast. Tha e inntinneach leughadh dé dh’éir­eas do chlub profeiseanta ball-coise ann an cogadh. Dh’fheum­adh obair “fheumail” a bhith aig na cluicheadairean ’s bha siobht oidhche aig Calum ann am factaraidh. Rinn Rangers fo Bill Struth an dìcheall gu faighinn troimhe aig àird an comasan ach theab Celtic toirt suas an deò. Sin a tha a’ toirt tiotal dhan leabhar, Rionnag Chaillte, oir bha Calum eadar 26 agus 32.

Neo an è? Oir tha, gu litireil, taobh eile ris an leabhar. Cuir bun-os-cionn e ’s tha e agad ann am Beurla cuideachd, a’ leugh­adh on chùl, fon tiotal Forgotten Star: The Untold Story of Former Celtic, Kilmarnock, Brentford and Scotland Great Malcolm MacDonald. Chan eil mi leagte gu bheil “caillte” agus forgotten co-ionann. ’S tha cuimhn’ agamsa air Calum mar mhanaidsear Alba – tha mi smaoineachadh!

Nise, tha iomadh dòigh air dà-chànanas a làimhseachadh ann an leabhraichean ach chan eil a’ Bheurla a chur bun-os-cionn air fear dhiubh. Ma tha rud ann nach tuig thu, bidh thu son sùil aithghearr a thoirt air a’ Bheurla gun an t-àit’ agad a chall agus sealladh a bhith agad air an fhac­al Ghàidhlig ’s an fhacal Bheurla aig an aon àm; bhiodh cho math dhaibh index a chur bun-os-cionn eagal ’s gum biodh e ro fhurasta rudan a lorg. Mar sin, cha bhi Rionnag Chaillte gu feum do luchd ionnsachaidh. Is mór am beud, oir tha Gàidhlig sgoinneil aig Ailig O’Henley, co-dhiùbh bhios e ’g aithris beò air TBh neo a’ sgrìobhadh – “’S e theab ’s nach do theab a bh’ ann uair eile airson Chaluim”; “thòis­ich Cille Mheàrnaig aig roid a-rithist”.

Chan eil fhiosam ge-tà car son a chanas e leithid “ceithir deug bliadhna” seach “ceithir bliadhn’ deug”, ach gu bheil cainnt mar sin fasanta – buaidh nan sgoilt­ean? Neo car son a tha eagal air cainnt rud beag teicnigeach a thoirt a-steach. Thug mi an aire do leithid “aig cùl-dheas no ‘right-back’” an-dràsta ’s a-rithist ach mar as trice chan eil ann ach Beurla a-mhàin: centre-half, outside-left. ’S tha am mìneachadh aige air “Garngad” (“bhon fhacal Gàidhlig Garn a’ ciallachadh tal­amh curs agus Gad bhon abh­ainn leis an aon ainm”) glé theagmhach ged as e Gàidhlig a bhios ann ceart gu leór: “Gart nan Gad”, nas coltaiche.

Hide Ad

Tha poidhle de dhealbhan math camara ann. Feumaidh mi aideachadh gun tug aon dhiubh gàir’ orm – triùir laoch ri taobh na mara ’s an caipsean: “Jock Brown, Ralph Collins agus Cal­um a’ trèanadh air a’ chladach aig Cille Mheàrnaig.” An triob mu dheireadh a bha mise ann an Cille Mheàrnaig bha a’ mhuir deich mìle bhuaithe. Is dòcha gun deach “aig” ’na theirm theicnigeach, leithid ann a “Celtic lose 2-0 at Hibs”? (B’e siud an latha.)

Sann le fun a tha mi, mar a thuirt am bàrd: leug de leabhar, meala-naidheachd air Ailig.

Related topics: