Cothroman air an gabhail – agus air an call

Ged a tha mòran ann dhiubh, cha chluinnear cho tric mu na h-òrain aig Rob Donn, seach òrain cuid eile de na sàr-bhàird.
Taylor & Leigh. Picture: ContributedTaylor & Leigh. Picture: Contributed
Taylor & Leigh. Picture: Contributed

Mar sin bha e fìor thlachdmhor cuirm a chluinntinn a thug coth­rom don luchd-èisteachd mòran ionnsachadh mun bhàrd agusna tàlantan aige. A’ gabhail pàirt bha Seumas Greumach, Catrìona NicLeòid, Rhona Shutharlanach, Carol-Anne NicAoidh agus Suz­anne Houston. Bha iadsan ’nan seasamh ’nan sreath air an àrd-làr, agus air an cùl bha sgàilean a’ sealltainn dealbhan de Dhùth­aich ’Ic Aoidh – cuid dhiubh sean, agus feadhainn eile gu math ùr. A bharrachd air a-sin, bhathar a’ cluinntinn clàraidh­ean de dhaoine a’ bruidhinn ann an Gàidhlig na sgìre, agus iad
ag innse naidheachdan beaga a dhearbh cho fìor eirmseach ’s a bha am bàrd. Leis an dòigh anns an do bhruidhinn na daoine, shaoileadh tu gun robh iad fhèin no an càirdean eòlach air a’ bhàrd gu pearsanta. Bha eadar-theangachadh ri fhaicinn oir ’s gun tuigeadh gach neach na bha air na clàraidhean.

Bha an t-seinn agus an ceòl a chualar air leth math, le aithris shoilleir, nàdarra, o Sheumas, ag innse mòran mu gach òran. Chuir e ris an oidhche cuideachd gun do nochd sàr-sheinneadair­ean on sgìre. Bha an talla anns a’ CCA ann an Sràid Shauchiehall loma-làn an oidhch’ ud, agus bha na chual’ iad ’na dheagh eis­impleir de chuirm a chaidh a rannsachadh ’s a dhealbhachadh gu sgileil.

Hide Ad

cluinnear iomadh seòrsa de chuirm aig Celtic Connections, ’s ’nam measg tha feadhainn a tha poilitigeach. B’ e fear dhiubh a bh’ anns a’ chuirm a chumadh mar chuimhneachan air an t-seinneadair Shòisealach Alastair Hulett a dh’eug ann an 2010. Mar sin, cha robh e ’na iongnadh gun do thòisich an oidhche le òraid phoilitigich mu na beachdan aig riaghaltas Westminster air dòigh­ean toiseach a’ Chogaidh Mhòir
a chomharr­achadh. Cha bhiodh an òraid air còrdadh idir ri Dàibhidh Camshron, ged a chòrd i ris an luchd-èisteachd.

A-nis, b’ e “Red Clydeside” an tiotal a thugadh air a’ chuirm seo anns a’ phrògram, agus b’ e sin prìomh chuspair nan òran le Alastair Hulett a ghabh Jimmy Ross, le taic bho Fhionnlagh All­ison (fidheall) agus John Hamill (gitàr). Ach an dèidh sin ghluais na h-òrain agus a’ bhàrdachd a chualas fad is farsainn a thaobh nan cuspairean. Sheinn Penny Stone òrain a rinn i mu shaighdearan san Ear-Mheadhoin agus mu bhoireannaich sna h-Inns­ean. As a deaghaidh, chualas am bàrd Tom Leonard le bàrdachd gu math sgaiteach mu luchd-poileataigs na dùthcha. Cha robh coltas ann, ge-tà, gun do rinn­eadh cus smaoineachaidh ro làimh air an dòigh a b’ fheàrr an obair aige a chleachdadh anns a’ chuirm, no cuin a bhiodh iomchaidh. Sheinn Eòghainn MacIll­Fhinnein seat de dh’òrain an dèidh sin, a’ tòiseachadh le A Man’s a Man for a’ That agus a’ leantail air le òran mu shaighdear a dhiùlt tilleadh gu Afghanistan – òran leis an do choisinn e duais anns an fharpais “Songs for Social Justice”.

Bha a’ chiad leth dhen chuirm gu math na b’ fhaide na an dàrna fear, agus nuair a nochd Roy Bail­ey an dèidh a’ bhrisidh bha an treas cuid neo barrachd dhen luchd-èisteachd air falbh. Tha Roy a-nis 78, agus ged a tha e air lagachadh ’na bhodhaig, tha a bheachdan agus a ghuth cho làidir ’s a bha iad riamh.

Bha deagh eis­impleirean de dh’òrain phoilitig­each aig a’
chuirm, ach chailleadh deagh chothrom eachdraidh gu math cudromach a chumail an cuimh­ne an t-sluaigh, on a bha cho beag dhe na h-òrain mun chuspair a bh’ air a ghealltainn dhan luchd-èisteachd.

Oidhche Dhiar-Daoin chualas “Boraraig” le Calum MacCriom­ain anns a’ Mhitchell Theatre. Sa chiad leth, ge-tà, nochd Taylor and Leigh. Bidh Alex agus a phiuthar Heather le chèile a’ seinn, ’s tha Alex fìor chomasach air iomadh nòs-ciùil a chluichd air a’ ghitàr. Tha guth air leth annasach aig Heather. Ann an cuid de dh’òrain tha cumhachd ann mar a th’ ann an guth Shirley Bassey. Aig amannan eile tha e binn, socair. Se guth a th’ ann nach tèid ás do chuimhne, oir tha e sònraichte. Bha na h-òrain a ghabh iad gu math eadar-dheal­aichte, o rock gu math beòthail agus òrain blues gu òrain-ghaoil a bha mall agus ciùin.

Bha e follaiseach gun do chòrd Taylor and Leigh gu mòr ris an luchd-èisteachd, ged a bha a’ chuid bu mhotha dhiubh air tighinn a dh’èisteachd ri Calum agus an luchd-ciùil a bha còmhla ris. B’ iadsan Eilidh Sheathach (fidheall), Mischa Nic a’ Phears­ain (clàrsach/seinn), Seum­as Lindsay (beus-fhidheall), Eòghainn Mac a’ Phearsain (gitàr/mandolin), Aonghas MacNeacail (pìob) agus Darren MacIllEathain (seinn).

Hide Ad

Dh’inns Calum mòran eadar na pìosan-ciùil mu na sinnsearan aige fhèin agus mun cheangal a th’ aige tromhpasan ris na
pìob­airean ainmeil á Boraraig. Chruthaich Calum mòran de dheagh phìosan ciùil ann an nòs gu math Gaidhealach, a’ deanamh deagh fheum dhen luchd-ciùil a chruinnich e. Bha e iomchaidh gun do chluichd e cuid­eachd pìos de cheòl mòr a rinn athair. O thoiseach gu deireadh, b’ e deagh chuirm a bh’ ann a bha làn de dh’annasan.