Cinnt, mì-chinnt, agus an ‘sruth leantainneach’

BHA dà chuirm le freumhan Gaidhealach ann Di-Sathairne sa chaidh. An toiseach bha “Solas Ùr air Tobar an Dualchais” ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Anns a’ chiad leth chualas oileanaich o dhiofar sgìrean de UHI a’ seinn òrain sa Ghàidhlig, agus on dualchas Albannach. B’e gillean bu mhotha a bh’ anns a’ bhuidheann a sheinn anns a’ Ghàidhlig, agus am measg na chualas bha ‘Till an Crodh, Faigh an Crodh’, ‘Cha Tèid Mise, cha Tèid Mi’, agus ‘Tàladh Chrìosta’. Ged a bha na seinneadairean beagan diùid mu bhith seinn a-mach, sheinn iad gu dùrachdach.

Bha grunn de dh’ionnstram­aidean aig a’ bhuidheann a sheinn òrain Albannach, agus thug an taic seo neart agus misneachd dha na seinneadairean. Bha cinnt anns an t-seinn agus bha an ceòl-taic air a chur ri chèile aca ann an dòigh a bha ùr agus inntinneach. Bha sàr ghuth­an aig feadhainn dhe na h-oil­ean­aich a sheinn ’nan aonar.

Chuala sinn aig toiseach na cuirm mun “t-sruth leantainn­each”. Mar sin, bha e mì-fhortanach nach d’fhuaireadh dòigh air fios a thoirt dhan luchd èist­eachd air co ás agus co bhuaithe a thàinig na h-òrain agus na pìosan ciùil a chualas. Tha e cudromach nach dìochuimhnich sinn na daoine a chum beò ar dualchas.

Hide Ad

An dèidh a’ bhrisidh, chualas naoinear oileanach a tha ag ionn­sachadh ceòl agus Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. Chòrd an ceòl beòthail aca gu mòr ris an luchd èisteachd, agus ged a bha beagan de mhì-chinnt a’ nochd­adh corra uair, gheibheadh iad mathanas.

Air an oidhche, bha cuirm ann an Talla a’ Bhaile a’ comharr­achadh dà fhichead bliadhna on a stèidhicheadh Sabhal Mòr Ost­aig. Chualas sreath de sheinn­eadairean ainmeil na Gàidhlig. ’Nam measg bha Mairead Stiùbh­art, Seumas Greumach, Màiri Anna NicUalraig, Julie Fowlis, Alasdair Codona agus Cairistìona Primrose, le cuid dhiubh a’ tagh­adh òrain a sheinn iad iomadh uair, agus cuid eile a’ gabhail òrain ùra a bha gu math tlachd­mhor. Chualas cuideachd Feargaidh Dòmhnallach, agus Alasdair Friseal le Natalie Haas. Deagh phrògram gu dearbh. Ach nam biodh rionnagan gan toirt seachad, chan eil teagamh ann nach biodh còmhlan-ciùil na cuirme, fo stiùir Ailein MhicEanraig, gu math airidh air a còig, oir bha iad sònraichte math.

Air aoigheachd bha an t-Oll­amh Mícheál Ó Súilleabháin (piana) agus luchd ciùil o Oil­thigh Luimnigh, còmhla ri oil­ean­aich o Chonservatoire Rìogh­ail na h-Alba. Bhuapasan chualas ceòl na h-Èireann, jazz agus ceòl clasaigeach air am filleadh ri chèile gu h-ealanta. Ceòl adhartach agus dùbhlanach dhan luchd ciùil agus dhan luchd èist­eachd.