Caillt’ ann an Tìr an Iongnaidh – na Lochan

DHÙRAIGINN gun robh muinn­t­ir gach sgìre air Ghaidhealtachd cho déidheil air an cuid bhàrd­achd a thrusadh ’s a thoirt a-mach ri gaisgich nan Loch ann an Leódhas. Seo a-nist Laoich nan Òran: Heroes of Song, A Collection of Bardachd from North Lochs, Isle of Lewis (Comann Eachdraidh Cheann a Tuath nan Loch, £9), air a dheasachadh le Mairead Nic a’ Ghobhainn. Tha an leabhar a’ faireachdainn gu math, a’ coimhead gu math, tha e loma-làn dhealbhan, agus tha a’ bhàrdachd – uill, mar bheatha clann nan daoine, tha i air feadh a’ bhogha froise bho gharbh bochd gu garbh math!

Tha an stuth air a roinn ’na chóig pàirtean – an t-Achadh Mór, Crosabost, Grimsiadar, Liùrbost, Rànais – agus feumar a ràdh anns a’ bhad gu bheil droch bhàrdachd, bàrdachd mheadh­an­ach agus bàrdachd mhath anns gach roinn.

Tha pearsantachd an àite a’ tighinn a-nall gu làidir. Tha na bàird a’ tilleadh a-rithist ’s a-rithist gu Éitseal, Cnoc Fàid, cian­alas, tairbh (nach iad a tha ’nan crois) agus mar a dh’atharraich an saoghal. Mar sin, ged nach eil dad ceàrr air na cuspairean sin ma tha iad air an deagh làimhseachadh, tha e ’na thoileachas air leth nuair thig cuspairean nas fhaide ás gu bàrr. Liosta de dh’eildearan. Farainmean. Cruin­n­eachadh airgid son eaglais ùr a thogail. Gàrradh-ola Àirnis. ‘Ìos’ anns an Danns.’ Tha cuid de na bàird nas fheàrr na cuid eile gu bhith a’ lorg cuspairean gun dùil: Iain MacLeòid (Bòididh), 15 Grim­siadar; Torcuil MacLeòid, Rànais; Torcuil MacRath, 7 Grimsiadar (a sgrìobh grunnan aistidhean don duilleig seo mun do chaochail e).

Hide Ad

Tha feadhainn de na bàird air an riochdachadh le làn sreath de dhàin. Tha sinn eòlach air cuid dhiubh – leithid Murchadh a’ Cheis­teir neo Donnchadh Mac­Leòid nach maireann – bho na leabhr­aichean aca. Mar sin se an fheadhainn “ùra” as cudrom­aiche. Ainmichidh mi feadhainn dhiubh. Calum MacAmhlaigh, 3 Briascleit (1895–1959). An t-Urr. Dòmhnall Gilios (1915–82), sàr bhàrd le cogais làidir shòisealta. An t-Urr. Murchadh Mac a’ Ghobh­ainn (1880–1936), bàrd fìor mhath eile a roghn­aich cuspairean nas aotruime. Dòmh­nall MacFhionghain, 54 Liùrbost (rug. 1906), a rinn cumhachan air leth math. Iain MacAmhlaigh, 9B Rànais (1911–2002), bàrd comas­ach. Dòmhnall MacAoidh, 2 Achadh Mór (1854–1932), a rinn moladh grinn air clann-nighean an sgadain agus òran mu Leódh­as an déidh a’ Chogaidh a tha a’ crìochnachadh:

Ach se Bhliadhn’ Ùr ud a rinn an ciùrradh

Nuair chaidh an Iolair’ air sgeirean Thuilm —

Cha chuireadh cainnt air na b’ urrainn innse,

Gach cridhe briste ’s gach sùil fo dheòir.

Agus tha sàl na mara sna h-òrain aig Iain MacFhionghain, 12 Ràn­ais, mu bheil an deasaiche ag ràdh: “Iain Mackinnon was born in 1847 and died from injuries he sustained in a fall down the stairs of a hostelry in Sydney, Australia.”

Tha an leabhar a’ cur ri cliù bhàrd eile cuideachd. Nach math, mar eisimpleir, an sgeul air cùl ‘Siud mar chuir mi ’n geamhradh tharam’ a bhith againn. Tha dealbh ann den duine bheannaichte a rinn ‘O théid mi fhìn le mo ghaol dhan an t-searmon’. Tha òran ann, ‘An Eathar a Thàinig á Ùig’, a th’ air a chur ás leth Bàrd Chnoc Chusbaig ged nach eil e san leabhar aige. Agus seall cho math ’s a tha crìoch an òrain a choisinn Crùn na Bàrdachd do Chatrìona Urchadan (a’ chiad bhoireannach dha’n tugadh e) ann an 1934.

Ìobairt Chrìost ’na curaich dhomh

’S a ghaol ’na stiùir gach là.

’Nam bheachd-sa se na laoidh­ean aon de na rudan as fheàrr san leabhar. Fiùs aig bàrd meadh­anach tha rudeigin mun chusp­air a leigeas leis am buill­sgean a bhual­adh bho àm gu àm. Seo aig Murchadh MacLeòid, 56 Liùrbost:

Tha cuid ann ’s nì iad gàirdeachas

Ma bhios an nàmhaid riuth’,

Tha clòimh na caorach blàth orr’

Ach chan e gràdh a tha ’na broinn,

Sin an dòigh th’ aig Sàtan

Gu bhith sàrachadh nan naomh:

Rinn e gàirdeachas ri Aaron

Nuair chuir e ’n àirde ’n laogh.

Agus seo deireadh laoidh le Crios­aidh Anna NicLeòid, 89 Liùrbost:

Bheir thu ’n t-abachadh gu crìoch dhuinn

Tre obair choimhleant Chrìosta

Ri cromadh sìos gu bruaich abhainn Iòrdain.

Mur e sin an cupa tea agad bidh rudan eil’ ann a chòrdas riut. Tha òrain pop ann – tha ‘Hè ro nighean hò ro nighean’ le
Catrìona Dhòmhnallach, 23 Ràn­ais, air leth math. Tha òrain éibh­inn ann am pailteas. Tha òran Callainn agus rann Callainn ann. Tha duilleag làn phuirt-á-beul. Agus dà aoir gu math sgaiteach, leithid seo aig Dòmhnall Mac­Leòid, 6 Liùrbost, ri leannan:

An oidhche chaidh mi dh’Oidreabhal

An dùil ’s gum faighinn còmhradh ort

Sann bha Murchadh Mòr agad

An còrnair anns an àirigh.

Hide Ad

Am measg nan annasan tha òran a rinn té ás an Achadh Mhór san t-Sultain 1942. Chan e Hitler as adhbhar dhan chogadh, tha i ’g ràdh, ach dìth creidimh, agus “Se mo dhùrachd agus sir­eadh / Gum bi Iùdhaich agus Cinn­ich / ’G imeachd ’s gul ’nan imeachd / Tighinn a-staigh fon bhratach.” Agus tha e follaiseach gun robh trioblaid inntinn aig Ruairidh Dòmhnallach á Fìdi­g­earr­aidh, a chrìochnaich òran
do bhan-soisgeulaiche “Le bhith guidhe dhut cràidh / Gu cur feum air an t-Slàint’ / Bheir gu mìlseachd croinn-ceusaidh thù”.

Ged as toil leam an leabhar seo gu mór chan eil mi ’g ràdh nach fhaodadh e a bhith nas fheàrr. Saoilidh mi gu bheil na h-òrain car mar a thàinig iad chun an deasaiche, le “saff” an àite “samh”, “sgrìobh” an àite “sgrìob”, “Chrisod” an àite “Chrìosd”, “màis” dà uair an àite “maise”, fiùs “sin ghabh iad ort fhèin” an àite “sann ghabh thu ort fhéin”. Anns an aoir aig Dòmhnall MacLeòid tha pun snog air a mhilleadh le droch litreachadh, “deidheadh” air son “déideadh” – mus lorg e a leannan sìnte ri Murchadh san àirigh “Ghabhainn leis an déid­eadh thu / ’S ghabhainn thu gun éideadh ort / Mus gabhainn té á Leumrabhagh / Le carpet réidh fo sàilean.” (Sin an litreachadh agam fhìn, mar a rinn mi le gach quote san léirmheas seo, nì nach àbhaist dhomh.) ’S tha an laoidh mór aig an deireadh cho làn ghaoidean ’s gu bheil e doirbh a leughadh – an e am bàrd neo an sgrìobhadh as coireach?

Hide Ad

Ann am Beurla tha “those abstract verses” againn air son “these anonymous verses” agus “the verses above” air son “the verses below”. Gu dearbh, air uairean chan eil e soilleir có a rinn dé. An e Donnchadh Mac­Leòid a rinn ‘Dunadh Bun Sgoil Fheidigearraidh’? Chan eil e san leabhar aige. An e Murchadh a’ Cheisteir a rinn ‘Eaglais an Aon­aidh’? Sè! Tha e san leabhar aige.

Co ris a tha Laoich nan Òran col­tach? Tha Alice in Wonderland a’ tighinn gu m’ inntinn. Tha thu air chall ’s air do chuartachadh le caractaran iongantach. Siud Ceann a-Tuath nan Loch dhut . . .

GU taobh eile Steòrnabhaigh a-nis agus Gleann Tholastaidh, a tha ceithir mìle tuath air Griais agus mìle deas air Tolastadh bho Thuath. (Mur na thuig thu riamh co air tha Tolastadh “bho thuath”, seo do fhreagairt. Cha b’e Tolastadh bho Dheas a bh’ aca riamh air ge-tà ach an Gleann.) “Gu cinn­teach ’s e àite bhòidh­each, sìtheil a tha sa Ghleann. Tha abh­ainn a’ sruth­adh mu mhìle bhon mhòintich sìos chun a’ chladaich aig Bun a’ Ghlinne, agus tha
geodhachan is creagan àrd air gach taobh dhith le leathad cas suas bhon abhainn gu mullach a’ Ghlinne. Chan eil, agus cha robh, talamh-àitich math ann ge-tà, agus nuair a bha Ceitidh òg b’ e iasgach a bha a’ cumail bith-beò ri na teaghlaichean.”

Siud bho leabhar beag grinn dà-chànanach, Astar Glen Tolsta le Iseabail Mhoireach (Faram, £15), a dh’fhoillsicheadh gu dhol còmhla ri taisbeanadh mun àite san Lanntair anns a’ Ghearran 2012. Tha e làn dhealbhan dathte ’s air a shàr dheilbh, le DVD de dh’fhilm ’na chois. An rud nach eil ann se bàrdachd.

Tha eachdraidh a’ Ghlinne fur­asta innse. Chaidh cóig teaghlaichean a chur ann á Leumra­bhagh ann an 1843. Bha àireamh nan daoine shuas ’s shìos agus mun tàinig an Dàrna Cogadh Mór bha cóig teaghlaichean ann a-rithist – iad uile, cha mhór, de Chlann Mhic a’ Mhaoilein. A réir an ùghdair bha iad den t-sliochd aig Murchadh Bàrd, “cìobair a thàinig à Àird Mheanais an
Giogha an Earra-Ghàidheal gu bhith na chìobair air tac na Pàirce mu 1760”; dh’fhaoidte gu bheil iomrall beag an-siud oir bhuineadh Dòmhnall Caimbeul, a fhuair an tac, do dh’Àird Mhighinis Chnapadail a-Deas air tir-mór ’s cha b’ann do dh’Àird Mhighinis Ghiogha.

Co-dhiù, chaidh rathad teàrr a thogail sìos an Gleann on rathad mhór ann an 1949–51 ’s lean an dealan e ann an 1981. An-diugh tha ceithir taighean ann: Dòmh­nall Mac a’ Mhaoilein ’s a bhean Cairistìona, Iain Aonghas Caimbeul ’s a bhean Lena, Iain Màrtainn a tha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, ’s càraid á Sasainn a tha a’ cur an taigh a-mach air mhàl. Tha am facal microcosm a’ tighinn gu m’ inntinn. Nan robh leabhar beag cho àl­ainn seo, làn chuimhneachain, each­draidh ’s ìomhaighean, mu gach coimh­earsnachd air Ghaidh­eal­tachd – le bàrdachd no ás a h-aonais – nach è a bhiodh math.

Gheibhear Astar Glen Tolsta bho Chomhairle nan Leabhr­aich­ean. Tha e caran daor ach, coltach ri Laoich nan Òran, nì
e gibht bhrèagha Nollaig do Leódh­asach sam bith.