Breith nan laogh aig an àm as fheàrr

BIDH croitearan a’ deanamh cinn­teach gun tèid laoigh a bhreith sa Ghearran no sa Mhàrt. Ma thach­ras sin bidh iad far a’ bhainne aig deireadh an fhoghair, bidh iad air cuideam a chur orra agus reic­ear iad ’s iad ann an sunnd.

Chan ann mar sin a b’ àbhaist. ’Nam òige bhiodh an crodh a’ brideachadh ’s a’ breith mar thog­radh iad. Cha robh iad air an toir­measg ann an dòigh sam bith. Bhiodh laoigh bheaga ’s mhòra aig na fèilltean, a bh’ air an cum­ail gach earrach agus foghar.

An-dràsta bidh na laoigh car aig an aon aois agus gheibh iad togail nuair a bhios barrachd bainne aig na màthraichean an dèidh do dh’fheur an earraich nochdadh. An uair sin, le ionaltradh gu leòr, nì iad adhartas gus an tèid iad far a’ bhainne agus an tèid an reic anns an Dàmhair.

Hide Ad

Chan fheum bò a tha trom cus cuideam a chur oirre, oir ma tha i ro reamhar chan eil e cho fur­asta dhi breith. Cumar sùil oirre agus is dòcha gun tèid a cur air son greis do phàirce a th’ air a lom­adh.

Tha e ’na chleachdadh an-diugh tairbh mhòra Eòrpach mar Simmental neo Charolais a chur air a’ chrodh. Thig laoigh thomadach nach eil furasta am breith as an dèidh.

Ron dara cogadh, agus prìsean ìosal, gheibheadh croitear £5 air gamhainn. Aig na fèilltean mu dheireadh ann an Loch Baghasdail ’s ann an Loch nam Madadh bha laoigh mhòra bhrèagha a bha gus a bhith ’nan gamhna gan reic air £1,200. Prìs a tha sòn­raichte, ach chan ann gun obair chruaidh.

Tormod E DÒmhnallach