Boinne ann am beul na gaoithe

THA fireannach, Dòmhnall MacAoidh, 50, á Inbhir Nis, a chaill a phàrantan agus uncail nuair a bhuail trèan air a’ chàr aca aig crois-rèile ann an Hàcraig, Gallaibh, a’ toirt Network Rail gu cùirt lagha air son airgead dìolaidh. Cha b’e seo an aon tubaist mharbhtach a thachair aig a’ chrois-rèile seo.

Leigeadh aon de na fir a tha fo chasaid murt Liam Aitchison mu sgaoil air airgead urrais. Chaidh an t-adhlacadh a chumail ann an Dalabrog an-dé.

• Dh’ainmich Ministrealachd an Dìon dithis fhear-seirbheis a mharbhadh le spreadhadh deas air Kabul ann an Afghanastan an t-seachdain sa chaidh.

Hide Ad

• Tha Hugo Chavez, ceannard Venezuela, a’ togail na ceist an e teicneòlas dìomhair aig na Stàitean Aonaichte as adhbhar do na tha de dh’aillsean a’ bualadh ceannardan Ameireaga Laideannaich – sianar dhiubh..

• Bliadhna Mhath Ùr do ar luchd-leughaidh air fad.