Boinne ann am beul na gaoithe

BIDH an leabhar mu dheireadh anns an t-sreath “Ùr-Sgeul” (cruinneachadh de sgeulachdan le Donnchadh MacillÌosa) a-mach sa Chéitean.

Anns na deich bliadhna bho thoisich Ùr-Sgeul thug e do luchd-leughaidh 40 ùghdar, 24 nobhail, naoi leabhraichean eile, iomadh uair de thlachd, ’s beairteas thar tomhais de litreachas Gàidhlig. Thathar an dòchas gun téid togail air dìleab Ùr-Sgeul tro sgeam’ ùr Aiteal aig Acair ’s tro obair CLÀR, a chumas orra a’ foillseachadh ficsean ùr.

• Chaill an Rìoghachd Aonaichte an reatadh creideis AAA aice leis gun robh na fiachan aice cho mór.

Hide Ad

• Gheàrr heileacoptair teasargainn an ròpa aig sreapadair air Beinn Nibheis le tubaist, nuair a bha an sgioba a’ feuchainn ri a theàrnadh o ghualainn na beinne. Thuit e 160 troigh gu a bhàs.

• An déidh dhaibh còraichean iasgaich agus seilge a thoirt air falbh o chroitearan Ratharsair, thug Riaghaltas na h-Alba air ais iad air son bliadhna eile.

• Ghléidh na Lib-Deamaich frith-thaghadh Eastleigh a dh’aindeoin sgainneal as déidh sgainneal, le UKIP san dara àite.

• Leig am Pàpa dheth a dhreuchd gu h-oifigeil.