Boinne ann am beul na gaoithe

Chaidh caileag aois 14 bliadhna éigneachadh air an làr àrd de bhus 57 air a rathad tro Phollaig, Glaschu. Tha na poilis a’ coimhead air son dithis fhear.

• Bha mìltean dhachaighean an Arainn ’s Cinn Tìre gun dealan an t-seachdain sa nuair a chaidh crainn agus càballan a bhriseadh le sneachda agus reothadh.

• Tha Breatainn a’ pàigheadh nam prìsean slàn-reic as àirde air an t-saoghal air son gas. Chaidh earalachadh gun ruith an stòras gas a-mach a dh’aithghearr.

Hide Ad

• Bidh cùrsa deich latha air “Àrainneachd, Cànan agus Dualchas” air a chumail, tron Ghàidhlig, aig Ionad Columba 1400 ann an Stafainn bho 15 gu 26 Iuchar 2013. Bidh e air a stiùireadh le Ruairidh MacIlleathain. Tuilleadh fios bhuaithesan air [email protected]